Rannsaich

Fear agus bòcan coltach ri cù.

Ceann-latha c. March 1974
Àireamh a’ chlàir 105752
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1974.53.B3

Àireamh an Teip Thùsail

SA1974.053

Geàrr-chunntas

Fear agus bòcan coltach ri cù.

Chunnaic fear bòcan coltach ri cù air an rathad aon oidhche, agus bhuail e am bòcan le maide. Bhon àm sin, chuir am bòcan dragh air. Aon oidhche thuirt e gun tachradh iad a-rithist. Thuirt an duine nach tachradh. Chaidh a dhùsgadh tron oidhche le ainmhidh ann an èiginn agus b' fheudar dha a dhol a-mach. Bha e fhèin agus am bòcan a' sabaid. Chuir an duine roimhe a dhol a dh'Ameireaga gus faighinn air falbh bhuaithe. Fhad 's a bha an duine ann an Dùn Èideann a' dèanamh deiseil gu falbh, chunnaic e am bòcan ann an cairt. Thuirt am bòcan ris tilleadh dhachaigh, agus gheall e nach cuireadh e dragh air tuilleadh. Nam biodh e air fhàgail anns a' chiad dol-a-mach, cha bhiodh dragh air a bhith aige. Thill an duine dhachaigh agus chan fhaca e tuilleadh am bòcan.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math