Rannsaich

An tè a dh'fhuirich oidhche ann an caisteal far an robh taib...

Ceann-latha November 1964
Àireamh a’ chlàir 105816
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1964.088

Àireamh an Teip Thùsail

SA1964.088

Geàrr-chunntas

An tè a dh'fhuirich oidhche ann an caisteal far an robh taibhse.

Bha fear a' fuireach ann an caisteal ann am Ameireaga. Chuir e a dh'iarraidh tè a dh'fhuiricheadh oidhche ann an caisteal eile, agus chaidh tè òg Sgitheanach a-null. Thuirt e rithe gun robh solas ann agus leabhraichean gu leòr ri leughadh. Chaidh an nighean dhan chaisteal. Mu mheadhan-oidhche, chuala i fuaim. Treis an dèidh sin chunnaic i ceann fear liath air an staidhre. Lean i oirre a' leughadh. Thuirt an taibhse rithe gun eagal a ghabhail. B' e a mhac-san a thug ise ann. Bha a h-uile nighean a thàinig roimhpe air tuiteam marbh nuair a chunnaic iad an taibhse. Thuirt e gun robh e air a thiodhlacadh faisg air a' chaisteal, agus dh'iarr e oirre iarraidh air a mhac na cnàmhan aige a thogail agus a tiodhlacadh anns a' chladh. Dh'innis e dhi cuideachd gun robh leac aig bonn na staidhre, a dh'fheumadh e a thogail. An sin, bha ciste làn òir. Bha aige ri trian dheth a thoirt dhan nighinn.

An ath latha thàinig an duine, agus ghabh e iongnadh gun robh ise fhathast beò. Dh'innis i dha gum faca i athair, a chaidh a mharbhadh anns a' chaisteal, agus mhìnich i na thuirt e. Mura dèanadh an duine mar a dh'iarr athair, bhiodh an taibhse fhathast anns a' chaisteal. Rinn an duine na chaidh iarraidh air. Fhuair an nighean trian dhen òr agus thill i dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT326

Tar-sgrìobhadh

Pàdraig MacCarmaig: Bha feadhainn a bha thall ann an... fear a bha thall ann an Ameireaga agus 's e caisteal a bh' aig a' ghille a bha seo. Agus chuir e... bhiodh e a' cur fios, fhios agad, airson boireannach a dh'fhuiricheadh ann an caisteal eile fad oidhche agus a bheireadh an aire dha.

Bha nighean Sgitheanach ann co-dhiù agus chaidh i a-null ann, agus fhuair i far an robh an duine agus dh'innis e dhi:

"Ò," ars esan, "tha caisteal agam ann a shiud," ars esan, "agus chan eil duine a' fuireach ann. Agus ma bhios tu airson," ars esan, "an obair a ghabhail," ars esan, "bheir mi dhut i, agus cha bhi sìon agad ri dhèanamh ach suidhe fad na h-oidhche," ars esan, "agus an aire a thoirt dhan chaisteal," ars esan. "Agus gheibh thu solas gu leòr," ars esan, "coinnlean, agus leabhraichean, agus cha bhi agad ach a bhith gan leughadh."

Agus: "Glè mhath," ars ise, "ma-thà. Gabhaidh mi an obair."

Dh'fhalbh i agus a' chiad oidhche, chaidh i dhan chaisteal co-dhiù. Bha i a' sìor leughadh, 's na coinnlean laiste, agus seachad suas air a' mheadhan-oidhche chuala i, 'Tump!' Ò uill, cha do shaoil i sìon dheth. Bha dùil aice gur e rudeigin eile a bh' ann. Agus... Ò bha sin a' dol treiseag. Ach, eadar sin 's a dhà 's a trì sa mhadainn, nochd ceann mòr liath a-mach tron staidhre. Cha do leig i oirre gum faca i e. Chùm i oirre a' leughadh.

"Na gabh eagal," ars esan. "Tha mi a' tuigsinn," ars esan, "gur e boireannach math a th' annad."

"Cha ghabh," ars ise.

"Uill," ars esan, "on a fhuair mise duine a bhruidhneadh rium," ars esan, "tha mi a' dol a bhruidhinn riut a-nochd," ars esan.

"Glè mhath," ars ise.

"Chuir mo mhac," ars esan, "ann an seo thu," ars esan, "airson," ars esan, "an aire a thoirt dhan chaisteal a bh' ann. 'S ann agamsa a bha an caisteal a bha seo," ars esan. "Agus bha e," ars esan, "a' gabhail nigheanan a-staigh a h-uile h-oidhche airson," ars esan, "an aire thoirt dhan chaisteal. Tha àite aigesan dha fhèin," ars esan, "caisteal eile. Agus a h-uile nighean a bha a' tighinn ann," ars esan, "air a bha iad gam fhaicinn-sa a' tighinn," ars esan, "bha iad a' tuiteam marbh. Ach," ars esan, "'s e nighean mhath a th' annadsa. Agus innsidh tu dham mhac a-màireach," ars esan, "g' eil mise tiodhlaicte ann an gnoban beag uaine air beulaibh a' chaisteil ann an seo. Agus e a dhèanamh, cho luath 's a rinn e riamh, na cnàmhan agam a thogail agus an tiodhlacadh dòigheil," ars esan. "Agus thèid thu sìos air an staidhre," ars esan. "Tha flag mòr de chloich ann," ars esan, "agus togadh e am flag a tha sin," ars esan, "agus tha ciste òir ann. Agus leatsa gach treas bonn dheth. Agus mura bi sin ann," ars esan, "bidh tathaich air a' chaisteal mar a bha riamh ann. Mura dèan e an rud a dh'iarras mise air."

Tha sin ceart gu leòr. An làrna-mhàireach anns a' mhadainn, air a shoilleirich i, thàinig an gille chun a' chaisteil, mac a' bhodaich.

"Tha thu beò," ars esan.

"Tha," ars ise. "An robh thu a' smaointinn nach bithinn beò?"

"Uill, bha mi a' smaointinn nach bitheadh," ars esan. "A h-uile gin riamh a thàinig an seo," ars esan, "bha iad marbh romhamsa anns a' mhadainn."

"Ò, bhithinn-sa," ars ise, "marbh cuideachd," ars ise, "mura bitheadh an seòrsa boireannaich a bh' annam. Bheil fhios agad," ars ise, "gum faca mise d' athair a-raoir?"

"Am faca?" ars esan.

"Chunnaic," ars ise. "'S e d' athair," ars ise, "a chaidh a mharbhadh ann an seo, anns a' chaisteal seo," ars ise.

"Seadh," ars esan.

"Agus tha e air a thiodhlacadh ann an gnoban beag uaine a tha air beulaibh a' chaisteil ann an seo. Agus dh'iarr e ormsa a-raoir iarraidh ort – ars esan – a chnàmhan a thogail agus a thiodhlacadh anns a' chladh. Agus shìos fon staidhre, thuirt e, tha flag mòr de chloich ann," ars ise, "agus tha drong: ciste òir ann a shin," ars ise, "agus leamsa gach treas bonn dhen sin," ars ise. "Agus mura bi sin ceart," ars ise, "bidh tathaich air a' chaisteal mar a bha riamh ann."

Thionndaidh e a-mach, agus chruinnich e daoine agus chladhaich iad an cnoc. Agus bha cnàmhan athar ann a shin agus thiodhlaic iad anns a' chladh e. Agus thog e am flag a bha air beulaibh na staidhre 's bha a' chiste òir ann, agus roinn e gach treas bonn air a' bhoireannach sin. Agus b' ann de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich a bha i. Agus thill i dhachaigh.

Dhealaich mise ris.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math