spacer
spacer

MacLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Mòr na Banntraich.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - MacLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Mòr na Banntraich.
Fiosraichean - Dòmhnall Ailean MacCuinn
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach
Item Person - Dòmhnall Mòr na Banntraich

Geàrr-chunntas - MacLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Mòr na Banntraich.

Bha MacLeòid Dhùn Bheagain ag argamaid ri Sasannach nuair a bha e ann an Dùn Èideann a' pàigheadh cìs an fhearainn. Thog an Sasannach gunna mòr. Thuirt MacLeòid gun robh fear na bu treasa anns na h-eileanan.

Chuala e gun robh Dòmhnall Mòr na Banntraich à Griomasaigh gu math làidir. Thadhail e air feuch am faiceadh e dè cho làidir 's a bha e, ach cha robh Dòmhnall deònach a mhàthair fhàgail on a bha i na banntrach. Thug MacLeòid airgead do mhàthair Dhòmhnaill gus a cuideachadh gus an tilleadh Dòmhnall, agus gheall e tuilleadh nam buinnigeadh e an geall. Chaidh iad dhan Eilean Sgitheanach, far an d' fhuair Dòmhnall am biadh a b' fheàrr gus a neartachadh, ach dh'fhàs e na bu laige. Thòisich e air buntàta, maorach agus bainne a ghabhail, mar a bhiodh e a' dèanamh roimhe.

Chaidh iad do Dhùn Èideann. Chaidh Dòmhnall Mòr a-mach an oidhche ron fharpais. Tharraing e gunna mòr mun phàirc agus thuirt e gun robh e ro aotrom. Chaidh a lìonadh le molagan gus a dhèanamh na bu truime. An ath latha, cha b' urrainn dhan t-Sasannach a thogail agus bhuinnig MacLeòid an geall. Chuir e Dòmhnall Mòr dhachaigh anns a' bhàta, gun taing a thoirt dha, agus cha tug e dha an t-airgead mar a gheall e.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:09:50
Àm Clàraidh - 1976.08
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 106887
Àireamh an Teip Thùsail - SA1976.160
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1976.160.B5
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R


Notaichean a' Chlàir - The contributor heard this story from his father.

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/106887/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA