Rannsaich

MacLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Mòr na Banntraich.

Ceann-latha August 1976
Àireamh a’ chlàir 106887
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.160.B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.160

Geàrr-chunntas

MacLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnall Mòr na Banntraich.

Bha MacLeòid Dhùn Bheagain ag argamaid ri Sasannach nuair a bha e ann an Dùn Èideann a' pàigheadh cìs an fhearainn. Thog an Sasannach gunna mòr. Thuirt MacLeòid gun robh fear na bu treasa anns na h-eileanan.

Chuala e gun robh Dòmhnall Mòr na Banntraich à Griomasaigh gu math làidir. Thadhail e air feuch am faiceadh e dè cho làidir 's a bha e, ach cha robh Dòmhnall deònach a mhàthair fhàgail on a bha i na banntrach. Thug MacLeòid airgead do mhàthair Dhòmhnaill gus a cuideachadh gus an tilleadh Dòmhnall, agus gheall e tuilleadh nam buinnigeadh e an geall. Chaidh iad dhan Eilean Sgitheanach, far an d' fhuair Dòmhnall am biadh a b' fheàrr gus a neartachadh, ach dh'fhàs e na bu laige. Thòisich e air buntàta, maorach agus bainne a ghabhail, mar a bhiodh e a' dèanamh roimhe.

Chaidh iad do Dhùn Èideann. Chaidh Dòmhnall Mòr a-mach an oidhche ron fharpais. Tharraing e gunna mòr mun phàirc agus thuirt e gun robh e ro aotrom. Chaidh a lìonadh le molagan gus a dhèanamh na bu truime. An ath latha, cha b' urrainn dhan t-Sasannach a thogail agus bhuinnig MacLeòid an geall. Chuir e Dòmhnall Mòr dhachaigh anns a' bhàta, gun taing a thoirt dha, agus cha tug e dha an t-airgead mar a gheall e.

Notaichean a' Chlàir

The contributor heard this story from his father.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Mòr na Banntraich

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math