Rannsaich

Dòmhnall Alasdair Johnson agus an Cogadh Mòr.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 10705
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.36.A+B

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.036

Geàrr-chunntas

Dòmhnall Alasdair Johnson agus an Cogadh Mòr.

Chaidh Dòmhnall Alasdair Johnson a thogail dhan arm ann an 1916 agus chaidh e gu ruige Inbhir Nis an toiseach. Bha e ag iarraidh a dhol gu muir. Chaidh e an uair sin gu Bradford airson trèanadh. Bha e trì mìosan an sin, ceangailte ris an 'Drake Battalion'. Bha dithis à Haisgeir còmhla ris, agus cuideachd balaich eile à Uibhist.

An uair sin chaidh e dhan Fhraing airson beagan trèanaidh eile mus deach iad gu cogadh. Bhite a' toirt dhaibh tot ruma mun do dh'fhàg iad na trainnsichean. Iomradh air a' chiad ionnsaigh anns an robh e an sàs, agus mar a bha snaidhpear a' losgadh air aon oidhche. Bha dhà no trì làithean mus robh an dàrna ionnsaigh ann.

Thug iadsan triùir phrìosanach am braighdeanas, agus fhuair feadhainn eile 60 Gearmailteach a' falach ann an rùm fo thalamh. Iomradh air 'shelling'; cha mhòr gun robh aon togalach na sheasamh às dèidh làimh. Bha beagan fois ann airson sia seachdainean.

Iomradh air Vimy Ridge agus Passchendaele, agus àite ris an canadh iad 'Suicide Corner'. Chaidh e gu Ypres; thug iad còig latha a' meàrrsadh ann. Chaidh a leòn sa ghualainn, agus às dèidh a bhith fon sgithinn, chaidh e air ais a Bhreatainn - gu Hammersmith, Broughty Ferry, agus dhachaigh.

Chaidh e air ais dhan Chogadh, agus leònadh e a-rithist anns an uilinn. Thug e treis aig Caisteal Ghlàmais far am faca e màthair na Banrigh. Dh'fhàg e an t-arm an uair sin agus phòs e Anna NicIllEathain, a chaochail an 1962. Cha robh teaghlach aca agus bha e ri croitearachd bho sguir an Cogadh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Johnson, Dòmhnall Alasdair

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math