Rannsaich

Mo Chridhe Trom Mo Shùil Silteach Hì rì ri-rì-ri a bhó

Ceann-latha October 1966
Àireamh a’ chlàir 107116
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1966.96.A15

Àireamh an Teip Thùsail

SA1966.096

Geàrr-chunntas

'S e cumha a th' anns an òran luaidh seo, anns a bheil an tè a rinn e ag ràdh:

"Mo chridhe trom, mo shùil silteach. Mhàiri nach freagair thu mise? Mhàiri nach freagair thu m' èigh? Cha dùisg ceòl a tha fon ghrèin thu. Cha dùisg pìob nan dos ga gleus thu. Cha dùisg glaodh do mhàthar fhèin thu."

Tha am boireannach ag innse mar a tha na fir air cruinneachadh gu tòrradh na h-ìghne, 's chan ann gu a rèiteach no a pòsadh. Tha i air an oidhche roimhe a chur seachad os cionn na ciste aig Màiri agus an-diugh tha i air bruaich a lice.

Notaichean a' Chlàir

See:
'Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair' (K. C. Craig ed., 1949) p. 75

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Mo chridhe trom, mo shùil silteach
Hì rì ri rì ri a bho

Mhàiri nach freagair thu mise

Hì rì ri rì ri a bho
Hoireann ogu oho èileadh
Hì rì ri rì ri a bho

Mhàiri nach freagair thu m' èighe
Nam freagradh gun cluinninn fhèin thu
Cha dùisg pìob nan dos 's nan gleus thu
Cha dùisg glaodh do mhàthar fhèin thu

Hì rì ri rì ri a bho
Hoireann ogu oho èileadh
Hì rì ri rì ri a bho
Hoireann ogu oho èileadh
Hì rì ri rì ri a bho

Gura mise tha gu deurach
Ma thèid do leannan a rèiteach
'S gur math gum fòghnadh tu fhèin dha
'S tu bu luaithe chruinnicheadh sprèidh dha
Dusan no dhà dhen chruidh cheutach

Hì rì ri rì ri a bho
Hoireann ogu oho èileadh
Hì rì ri rì ri a bho
Hoireann ogu oho èileadh
Hì rì ri rì ri a bho

Gur e mise th' air mo sgaradh

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math