Bean Mhic 'ic Ailein agus Fuaran an Amhairc, agus mar a mhar...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1970.207.A3; SA1970.207.A4
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bean Mhic 'ic Ailein agus Fuaran an Amhairc, agus mar a mharbhadh Mac 'ic Ailein aig Blàr Sliabh an t-Siorraim.
Bhiodh bean Mhic 'ic Ailein a' cur fear gu Fuaran an Amhairc, shuas aig mullach na Beinne Mòire, a dh'iarraidh uisge. Bhiodh e air ais ann an Ormacleit ann an uair an uaireadair.
Chaidh Mac 'ic Ailein (Ailean) a mharbhadh aig Blàr Sliabh an t-Siorraim le fear dhe na daoine aige fhèin. Mharbh fear MacCarmaig à Uibhist a Deas e le bonn airgid sia-sgillinn, a chuireadh às do sheun a chuireadh air le tè anns an Ìochdar. Dh'iarr ise air gun bruidhinn ri boireannach aig ath. Cha robh an tuath measail air, air sgàth 's gun robh e cruaidh orra. Air an oidhche a chaill e a bheatha, chaidh Caisteal Ormacleit na theine. Bhiodh cuid ag ràdh gun do chuir bean Ailein teine ris a' chaisteal, on a bha fios aice nach fhaigheadh i rud sam bith. Chuir Raghnall Òg, bràthair Ailein, air falbh i. B' esan an ceann-cinnidh mu dheireadh ann an Ormacleit.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Allan of Clanranald
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math