Rannsaich

Mar a fhuair mac an treabhaiche dìoghaltas airson bàs athar....

Ceann-latha 1969
Àireamh a’ chlàir 107405
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1969.118.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1969.118

Geàrr-chunntas

Mar a fhuair mac an treabhaiche dìoghaltas airson bàs athar.

Bha Mac 'ic Ailein na uachdaran ann an Uibhist. Thàinig fear-uasal air chèilidh air. Nuair a bha e ann, dh'ith an treabhaiche aig Mac 'ic Ailein pìos de bhrisgean mu choinneamh. Mharbh Mac 'ic Ailein e. Theich a' bhanntrach aige leis a' ghille aca. Chuir Mac 'ic Ailein fir air an tòir agus dh'iarr e orra cridhe a' ghille a thoirt air ais thuige. Bha an gille leis fhèin anns an taigh nuair a lorg iad e. Bha e cho neochiontach 's nach b' urrainn dha na fir a mharbhadh. Mharbh iad cat agus thug iad an cridhe aige air ais gu Mac 'ic Ailein.

Nuair a dh'fhàs an gille suas, chaidh e na oifigeach anns an arm. Bha e ag iarraidh dìoghaltas fhaighinn airson bàs athar. Chaidh e gu ruige Uibhist le saighdearan. Nuair a lorg e Mac 'ic Ailein, sgolt e a cheann le claidheamh. Dh'iarr mac Mhic 'ic Ailein air fuireach còmhla ris an oidhche sin agus dh'fheuch e ri mharbhadh, ach mhaoidh mac an treabhaiche air agus chuir e air falbh e.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math