Bàs Ailein Chlann Raghnaill aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, a...
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1969.127.A3; SA1969.127.A4+B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bàs Ailein Chlann Raghnaill aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, agus fios mu chuid eile de Chlann 'ic Ailein.
Bha Ailean Chlann Raghnaill air a rathad gu Blàr Sliabh an t-Siorraim. Chuir seann bhoireannach seun air gus a dhìon, agus dh'iarr i air gun bruidhinn ris a' chiad neach a thachradh ris. Bhruidhinn e ri tè aig àth 's e an dùil nach robh e gu diofar. Chunnaic fiosaiche à Ormacleit bàs Ailein anns a' bhlàr. Thugadh corp Ailein dhachaigh, ach chaidh an caisteal aige na theine. B' e a bhràthair, Raghnall Òg, a thàinig na dhèidh, agus chuir e air falbh a' bhean aig Ailean, a bhuineadh do dhùthaich eile. B' e fear de na fir aige fhèin a mharbh Ailean gun fhiosta.
Tha am fiosraiche a' bruidhinn air feadhainn na bu tràithe de Chlann 'ic Ailein, gu sònraichte Dòmhnall Gorm. Tha e ag innse mar a mharbh an ceann-cinnidh an treabhaiche aige, agus mar a thill mac an duine na inbheach do dh'Uibhist gus a mharbhadh. Ged a dh'fheuch an gille aig Mac 'ic Ailein ri mac an treabhaiche a mharbhadh, b' e e fhèin a chaill a bheatha.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Ailean Chlann Raghnaill; Dòmhnall Gorm
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Paraiste - Uibhist a Deas
Eilean - Uibhist a Deas
Baile/Àite - Ormacleit
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math