Rannsaich

Dòmhnall agus Alasdair agus na fuamhairean.

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 107460
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.186.A6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.186

Geàrr-chunntas

Dòmhnall agus Alasdair agus na fuamhairean.

Chaidh am bàta aig Dòmhnall agus Alasdair a mhilleadh faisg air Afraga. Thachair iad ri triùir fhuamhairean a bha nam bràithrean. Bha lùchairt aig gach fear dhiubh, agus bha gach fear ag iarraidh nighean an rìgh a phòsadh. An ceann ùine, mharbh Dòmhnall a dhà dhiubh le gunna agus chuir e an ceann far an treas fir. Chuir e an uair sin seachad an oidhche còmhla ri nighean an rìgh. Thug Alasdair leis cuid dhen bheairteas aig na fuamhairean agus chaidh e dhachaigh. Dh'fhuirich Dòmhnall far an robh e.

Bha leanabh aig nighean an rìgh agus cha robh fios aig neach sam bith cò b' athair dha. Gus seo fhaighinn a-mach, dh'iarr an rìgh gum biodh taigh air a thogail faisg air an rathad, far am faigheadh luchd-siubhail tì 's eile nan innseadh iad eachdraidh am beatha. Chaidh Dòmhnall ann, agus thuirt an gille aig nighean an rìgh "Papaidh" ris. Dh'innis Dòmhnall eachdraidh a bheatha suas chun a' phìos mu bhàs an dàrna fuamhaire. Bha fios aig nighean an rìgh an uair sin gun do mharbh e an treas fuamhaire cuideachd, agus gum b' e esan athair a' ghille. Phòs Dòmhnall nighean an rìgh.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT300

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Uill, 's e mar a chuala mise mun dithis a tha seothach, Alasdair 's Dòmhnall, tha e coltach leam gur e companaich a bh' annta aig a chèile, agus 's ann aig muir a bha iad. Agus tha e coltach leam gun deach am bàta a bh' aca air an rathad, gun deach a wreck-adh thall mu chosta Afraga, agus cha chuala mi gun tàinig duine aiste ach iad fhèin, an dithis aca. Agus thàr Dòmhnall gunna a bha sa bhàta a thoirt leis.

Bha iad a-nist ann a shineach, agus cha robh fhios aca cà robh iad, no gu dè... 's cha robh coltas b-... baile no sìon far an deach iad air tìr, far an d' fhuair iad air tìr. Ach co-dhiù seothach, chuir iad seachad an oidhche an sineach fhèin, agus an làrna-mhàireach thuirt iad riutha fhèin gum falbhadh iad feuch am faiceadh iad cà robh... an robh coltas baile anns an àite no àite, no gu dè seòrsa àite a bh' ann.

Agus dh'fhalbh iad, agus bha coille an sin, 's thàinig iad tron choillidh 's thàinig iad am fianais baile. Agus bha pàileas mhòr a-mach an sin, pìos às a' bhaile. Agus rinn iad dìreach air an àite a bh' ann a sheo, agus nuair a bha iad gus a bhith aig a' phàileis thàinig an duine a bha seothach a-mach, agus:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe d' fheòil 's balgam dhe d' fhuil a chlann an Albannaich."

"An-tà," arsa Dòmhnall, 's e a' freagairt, "dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian oirnne, agus chan eil fhios a'm," ars esan, "carson a bhiodh an trian sin fhèin oirnn," ars esan. "'S goirid," ars esan, "a bhios am maide beag dubh seo nam achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air an luing ud am bàrr mo chaisteil."

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna 's dh'fheuchadh air an long 's chuireadh a-nuas na biorain i.

"Ah gum beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars esan. "Chan eil fhios nach e Dia fhèin a chuir an rathad thu," ars esan. "Thig a-staigh," ars esan, "agus nì mi gnìomh nas fheàrr na sin dhuibh," ars esan.

Thug e a-staigh iad, agus chaidh iad a-staigh a thaigh an fhuamhaire. Agus... chan eil fhios a'm... cha deach innse dhòmhsa co-dhiù an d' fhuair iad biadh no deoch ann, ach tha mi cinnteach gun d' fhuair. Ach co-dhiù, nuair a fhuair iad a h-uile sìon air dòigh, thòisich am fuamhaire air innse dhaibh na h-eachdraidhean.

"Nist," ars esan, "tha sinne ann a sheo," ars esan, "triùir bhràithrean," ars esan, "triùir fhuamhairean," ars esan, "agus tha a h-uile fear againn," ars esan, "às dèidh nighean an rìgh," ars esan. "Agus," ars esan, "chan eil fhios a'm," ars esan, "gu dè mar tha a' dol a chàch," ars esan, "ach chan eil e ach a' dol uabhasach meadhanach dhòmhsa," ars esan. "Chan eil mi a' faighinn," ars esan, "faisge an taigh idir," ars esan. "Agus... ach," ars esan, "on a thàinig thusa nam rathad," ars esan, "falbhaidh tusa còmhla riumsa a-nochd," ars esan. "Nuair a bhios mi," ars esan, "a' teannadh air an tai-... air a' phàileis," ars esan, "tha na measan beag, balganach, dubh a tha siud a' tighinn... a' tighinn nam choinneamh," ars esan, "agus tha e a' dol a-staigh... tha e a' dol nam bheul," ars esan, "agus a' tighinn a-mach air a' cheann eile dhìom," ars esan. "Agus tha mi an uair sin," ars esan, "cho slac agus feumaidh mi tilleadh dhachaigh. Ach falbhaidh tusa," ars esan, "còmhla riumsa a-nochd," ars esan, "leis a' mhaide dhubh a tha sineach," ars esan, "agus cuiridh tu às dha."

"Ò leabhra," arsa Dòmhnall, "cuiridh. Cha bhi mise fada a' cur às dha."

Uill, 's ann mar seothach a bha co-dhiù. Dh'fhalbh e fhèin 's am fuamhaire. Agus... tha... nuair a bha iad a' teannadh ris an àite co-dhiù, pàileas an rìgh an seothach, thuirt am fuamhaire:

"Siud e, siud e a-nist," ars esan, "a' tighinn," ars esan. "Seall e."

"Ò tha mi ga fhaicinn," arsa Dòmhnall. "Thalla thusa," arsa Dòmhnall, "agus coisich dhà no trì cheumannan air thoiseach ormsa," ars esan.

Agus dh'fhalbh Dò-... am fuamhaire agus choisich e air [???], agus thog Dòmhnall an gunna agus chàireadh ris an fhuamhaire e, agus dh'fhàgadh an sin fhèin e, agus thill e dhachaigh.

"Càit a bheil am fuamhaire?" ars Alasdair.

"Ge brith cà 'il am fuamhaire," arsa Dòmhnall, "cha chuir e dragh ortsa a-nochd," ars esan.

"An e crìoch a chuir thu air?" ars esan.

"'S e," ars esan, arsa Dòmhnall. "Tha e na shìneadh an siud," ars esan.

Agus cha robh ach an làrna-mhàireach - chuir iad seachad an oidhche sin ann am pàileas an fhir sin - agus làrna-mhàireach an seothach dh'fhalbh iad, 's chùm iad romhpa, 's thàinig iad air an fhear eile.

Agus mar a thuirt, b' fhìor. Bha... thàinig am fear seo a-mach, agus:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim dhe ur feòil 's balgam dhe ur fuil a chlann an Albannaich."

"An-tà," arsa Dòmhnall, "dà thrian dhe d' eagal ort fhèin," ars esan, "agus trian ormsa... oirnne," ars esan, "'s chan eil fhios carson a bhiodh an trian sin fhèin oirnn," ars esan. "Agus am maide beag dubh seo nam achlais," ars esan, "cha bhiodh e fada a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Leig fhaicinn sin dhomh," ars esan, "air... air an t-saothach ud," ars esan, "air bhàrr mo chaisteil."

Dh'fhalbh Dòmhnall 's thog e an gunna, 's chuireadh a-nuas na smithereen i. Agus:

"Ò," ars esan, "nach e Dia fhèin," ars esan, "a chuir seachad," ars esan, "air mo bhràthair eile thu," ars esan. "'S e Dia fhèin," ars esan, "a chuir an rathad an seo thu," ars esan. "Thig a-staigh," ars esan. "Thigibh a-staigh," ars esan, "agus nì mise," ars esan, "gnìomh math ribhse," ars esan, "fhathast."

Chaidh iad a-staigh co-dhiù, agus nuair a fhuair iad air dòigh an uair sin, thòisich am fuamhaire ag innse dhaibh an eachdraidh a bh' aig càch, gun robh e fhèin às dèidh nighean an rìgh, agus gun robh càch às a dèidh cuideachd, a dhithis bhràithrean eile, ach nach robh fhios aige dè mar a chaidh... a bha a' dol dhaibhsan, ach nach robh ach a' dol meadhanach dhàsan, agus gun robh am measan beag, balganach, donn a bha seothach... dubh a bha seothach, a' tighinn na choinneamh, agus gun robh e a' dol a-staigh air a bheul agus a' tighinn a-mach air a' cheann eile dheth.

"Agus bha mi... bhithinn an uair sin... tha mi an uair sin cho slac," ars esan, "'s feumaidh mi tilleadh dhachaigh. Ach falbhaidh tusa," ars esan, "còmhla riumsa a-nochd," ars esan, "agus cuiridh tu às dha."

"Ò gu dearbh fhèin," arsa Dòmhnall, "nì mise sin," ars esan.

Agus a-nist, nuair a fhuair iad air dòigh, seadh, 's a bha an t-àm aca falbh, dh'fhalbh e fhèin agus am fuamhaire, agus dh'fhan Alasdair a-staigh. Agus nuair a bha iad a' teannadh air pàileas an rìgh an seothach, chunnacas am measan a' tighinn.

"Siud e, siud e a-nist," ars am fuamhaire, ars esan, "a' tighinn," ars esan, "agus faigh deiseil air a shon."

"Thalla thusa ma-thà," arsa Dòmhnall, "agus coisich bìdeag bheag air aghaidh... air thoiseach ormsa," ars esan, "oir 's gum faigh mise thuige ceart," ars esan.

Agus dh'fhalbh am fuamhaire 's thug e sràid suas air thoiseach, agus dh'fhalbh Dòmhnall agus thionndaidh e an gunna agus chàireadh ris an fhuamhaire e, agus dh'fhàgadh an sin fhèin e, agus thill e dhachaigh.

"Cà 'il am fuamhaire?" ars Alasdair.

"Ge brith cà 'il am fuamhaire," arsa Dòmhnall, ars esan, "cha chuir e dragh ortsa a-nochd no an ath-oidhch'," ars esan.

"An do chuir thu crìoch air?" ars Alasdair.

"Ò chuir," ars esan. "Tha e na shìneadh an siud," ars esan, "chan eil e ach air a' ghlas-mhagh an siud," ars esan.

Ach co-dhiù chuir iad seachad an oidhche sin. Agus an làrna-mhàireach dh'fhalbh iad agus ràinig iad an treas fear. Agus ma bha iad seo sgoinneil, 's ann a bha sgoinneil am fear seo. Agus cha robh ach:

"Air fith fath fuathagaich air barraibh an albhagaich, 's fhada bha mo chorp air feadh ga meirgeadh 's toll a' feitheamh air grèim air feòil 's balgam air fuil a chlann an Albannaich."

"An-tà, dà thrian ort fhèin... dà thrian a dh'eagal ort fhèin," arsa Dòmhnall, ars esan, "agus trian oirnne," ars esan, "'s chan eil fhios a'm carson a bhiodh an trian seo fhèin orm," ars esan. "'S goirid," ars esan, "a bhios am maide beag dubh seo nam achlais," ars esan, "a' dèanamh coileach-dubh dhìot," ars esan.

"Leig fhaicinn sin dhòmhsa," ars esan, "air a' choileach ud air bàrr mo chaisteil."

Dh'fhalbh Dòmhnall 's dh'fheuch e air a' choileach 's chuireadh a-nuas dìreach na [???] à mullach a' chaisteil e.

"Ah Dhia," ars esan, "nach e Dia fhèin," ars esan, "a chuir an rathad sibh," ars esan, "agus a chuir seachad air mo bhràithrean eile sibh," ars esan. "Thigibh a-staigh," ars esan, "agus nì mise gnìomh nas fheàrr na sin dhuibh," ars esan.

Chaidh iad a staigh co-dhiù, agus tha... fhuair iad biadh... fhuair iad gabhail aca an sin co-dhiù. Agus dh'innis am fuamhaire an eachdraidh aige fhèin dhaibh, mar a bha e fhèin às dèidh nighean an rìgh, agus gun robh e coltach gun robh a bhràithrean eile às a dèidh, ach nach robh fhios aige dè mar a bha a' dol dhaibh sineach, ach nach robh ach a' dol meadhanach dhàsan, gun robh am measan beag, balganach donn a bha seothach a' tighinn a-mach a h-uile h-oidhche a bhiodh e a' teannadh air a' chaisteal, agus a' dol a-staigh air a bheul agus a' tighinn a-mach air a' cheann eile dheth, agus dh'fheumadh... bha e cho slac an uair sin agus dh'fheumadh e tilleadh dhachaigh.

"Ach," ars esan, "falbhaidh tusa còmhla riumsa," ars esan, "a-nochd," ars esan, "agus cuiridh tu às dha," ars esan.

"Falbhaidh," arsa Dòmhnall.

Uill, rinn iad deiseil an seo airson falbh, agus thuirt Alasdair ri Dòmhnall, fhuair e cothrom air, agus thuirt e ris:

"Ah 's iochd Dia dhut," ars esan, "na feuch ris am fear ud a mharbhadh," ars esan, "a chionn cha tèid agad air," ars esan. "Ach," ars esan, "bidh sinne marbh," ars esan. "Marbhaidh e sinne," ars esan, "an dithis againn," ars esan.

Agus:

"Thalla thusa," arsa Dò-... arsa Dòmhnall, ars esan. "Fan thusa staigh," ars esan. "Chì sinn dè thachras."

Dh'fhalbh e. Dh'fhalbh iad, 's bha iad a' gabhail romhpa. 'S nuair a bha iad a' teannadh ris a' phàileis an seo, mar a thachair... mar a bha a' tachairt a chàch, thachair e dhaibhsan. Chunnacas am measan beag, balganach dubh a bha seothach a' tighinn.

"Siud e, siud e a-nist," ars am fuamhaire, ars esan, "a' tighinn."

"Teann thusa an dàrna taobh dhìomsa," arsa Dòmhnall, ars esan.

Agus thàinig am measan, agus dh'fheuch Dòmhnall air 's rinneadh [?bonnaidh] dheth.

"Ah nach beireadh a' bhuaidh agus a' bheannachd ort," ars am fuamhaire, ars esan, "tha mise ceart gu leòr a-nist," ars esan.

Uill, lean iad romhpa, 's ràinig iad pàileas an rìgh. Agus nuair a ràinig iad a' phàileas a bha sineach air a chosadh le feansa mhòr, thiugh, agus chan fhaigheadh iad seachad oirre agus chan fhaigheadh iad eadar... ach bha i car fosgailte, agus bha iad a' smaointinn... am fuamhaire a' smaointinn:

"Leabhra," ars esan, "ma gheibh mi mo cheann," ars esan, "troimhe seothach," ars esan, "gheibh mi," ars esan, "mo cholann a thoirt a-staigh gun teagamh."

Uill, 's e seo an rud a rinn e co-dhiù. Thòisich e ri feuchainn, agus mu dheireadh fhuair e a cheann troimhe. Agus thòisich e seothach air... chan fhaigheadh e a-staigh a cholann. Thòisich e seo air feuchainn ri a cheann a thoirt às, agus siud rud nach gabhadh dèanamh. Cha toireadh e a cheann a-mach 's cha chuireadh e a cholann a-staigh.

"A bhiadh 's aodach," ars esan ri Dòmhnall, ars esan, "thalla thusa," ars esan, "agus till... till dhachaigh," ars esan, "dhan taigh agamsa," ars esan, "agus tha... gheibh thu tuagh bheag agus tuagh mhòr an sin," ars esan, "agus bheir leat an tuagh mhòr," ars esan, "agus thig a-nuas," ars esan, "agus gearraidh i," ars esan, "an rampair a tha seo 's gheibh mise às."

Uill, 's e seo an rud a rinn Dòmhnall. Dh'fhalbh e. Dh'fhaighneachd Alasdair dha nuair a chaidh...

"Cà 'il am fuamhaire?" ars esan.

"Tha e ann a shiud."

Dh'innis Dòmhnall dha far an robh e. Agus thug... fhuair e an tuagh co-dhiù 's dh'fhalbh e leatha. Agus:

"Siuthad a-nist," ars am fuamhaire, "feuch," ars esan, "an geàrr thu an rud."

Agus thòisich Dòmhnall air an... air... rug e air an tuaigh, agus a' chiad shràc 's ann air amhaich an fhuamhaire a chuir e i. Agus thòisich e air toirt a chinn... agus thugadh an ceann far an fhuamhaire leis an tuaigh ann a shineach, agus dh'fhàgadh e far an robh e, an ceann a-muigh agus a' cholann... an ceann a-staigh agus a' cholann a-muigh. Agus chaidh e fhèin an uair sin a-staigh, agus bha e còmhla ri nighean an rìgh gu madainn.

Agus thill e, agus thàinig e 's dh'fhaighneachd Alasdair dheth mun fhuamhaire, 's dh'innis e dha mu dheidhinn.

Agus cha robh air a seothach ach seo fhèin co-dhiù. Bha a-nist a h-uile... a h-uile sìon a dh'iongantas a bha sna pàileasan aig na fuamhairean, bha iad aca, agus thòisich iad ri cruinneachadh an òir 's an airgid a bha sin. 'S air neo-ar-thaing nach robh iad... airgead 's òr 's gu leòr an uair sin aca.

Uill, rinn... rinn Alasdair... thuirt e gun robh esan a' dol a dh'fheuchainn ri faighinn a-null gu ruige Breatainn, agus thuirt Dòmhnall nach robh esan a' falbh an-dràsta. Agus co-dhiù seothach 's e... sin an rud a rinn e. Bha Dòmhnall bha e a' doidseadh timcheall. Agus dh'fhalbh Alasdair co-dhiù. Thàinig e a-nall.

Agus cha robh Dòmhnall ach air ais 's air aghaidh co-dhiù an sineach. Ach gu dè rinn nighean an rìgh ach fàs trom. Agus cha robh fhios o Dhia cò bu leis e. Agus dh'fhàs i seo trom, agus mu dheireadh an seothach, thàinig an t-àm aice, agus rugadh pàiste gille dhi. 'S cha robh fhios... cha robh fhios cò bu leis e. Cò am fear a bh' ann an oidhche ud 's ann air a bha i a' cur a' bhlame.

Agus chaidh a h-athair far an robh fear-chomhairlichean a bha sin, agus dh'innis e dha mar a bha.

"Ah," ars an duine, ars esan, "chan eil fhios agamsa," ars esan, "dè rud a ghabhas dèanamh," ars esan. "Ach innsidh mi," ars esan, "aon rud. Cuireadh i," ars esan, "suas taigh," ars esan, "ri taobh... ris an rathad," ars esan, "faisg air an rathad," ars esan, "airson tì a thoirt a dhuine sam bith bhios a' gabhail an rathaid, ma dh'innseas e dha gu dè mar a chaidh a shaoghal seachad. 'S nach biodh an còrr aige ri phàigheadh air a shon ach sin, ach gun dèan e èisteachd dhìse mu dheidhinn a chaitheamh-beatha, gu dè... dè mar a chaidh e seachad."

Uill, 's ann mar seothach a bha. Thogadh an taigh. Agus bha a h-uile seòrsa duine a' dol ann, 's bha h-uile duine ag innse dha, 's cha robh tuar air faighinn a-mach e.

Ach co-dhiù seothach, thàinig Dòmhnall an rathad. Agus bha an gille an uair sin, bha e air fàs na chnapach. Bha e air feadh an taighe a bh' ann. Agus shuidh Dòmhnall suas ann agus... airson tì, agus thàinig an gille a-nall agus chuir e a làmh air glùin Dhòmhnaill.

"A Phapaidh, a phapaidh, a phapaidh," ars esan.

Agus:

"An-tà, gu dearbh fhèin," arsa Dòmhnall, "nach b' fheàrr leam fhìn gum bu mhi," ars esan.

Agus an Dia, bhuail rudeigin san inntinn aicese, aig a... màthair a' ghille. Agus dh'fhaighneachd Dòmhnall an robh an notice a bha seothach fìor. Bha, an notice fìor. Gheibheadh e tì no rud sam bith a bha e ag iarraidh airson innse dhi gu dè mar a chaidh a shaoghal leis, 's dè mar a chuir e seachad a shaoghal, 's dè thachair dha 's a h-uile sìon.

Uill, thòisich a-nist Dòmhnall air innse. Ràinig e seo dìreach gus an do ràinig e na fuamhairean. Agus stad e ann a shin.

"Siuthad," ars ise, "lean romhad. Chuir thu crìoch orra," ars ise.

"Ò chuir," arsa Dòmhnall, "air a dhà dhiubh co-dhiù."

"Chuir," ars ise, "agus an treas fear," ars ise. "Agus sin," ars ise, "an oidhche a thachair seo dhòmhsa," ars ise, "an oidhche," ars ise, "an latha a fhuaradh am fuamhaire," ars ise, "marbh," ars ise, "aig... aig feansa m' athar," ars ise. "Agus 's tusa... 's tusa," ars ise, "athair," ars ise, "mo mhic-sa," ars ise, "agus feumaidh tu mise a phòsadh."

Uill, cha robh air a seothach ach seo fhèin. Rinn i fhèin 's Dòmhnall an uair sin, rinn iad airson pòsadh, 's phòs i e, i fhèin 's Dòmhnall. 'S dh'fhàg mise Dòmhnall ann a shineach còmhla ri nighean an rìgh, agus thàinig mise a-nall às dèidh Alasdair a-rithist à Afraga. 'S chan eil fhios a'm dè mar a chaidh dhaibh às a dhèidh sin.

Aonghas Iain Dòmhnallach (AI): Bha sin math.

DA: Ach cha robh cion òir no airgid orra aig pàileasaan an rìgh... aig na fuamhairean.

AI: Agus cò aige a bhiodh i seo a-nist?

DA: Ò 's ann aig m' athair a chuala mi i.

AI: A-rithist.

DA: 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math