spacer
spacer

Breabadair an Staca.

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - Breabadair an Staca.
Fiosraichean - Dòmhnall Alasdair Johnson
Luchd-clàraidh - Aonghas Iain Dòmhnallach
Item Person - Breabadair an Staca

Geàrr-chunntas - Breabadair an Staca.

Thàinig fear gu Uibhist a Tuath air bàta. Choisich e às an sin gu Uibhist a Deas agus chuir e seachad an oidhche ann an taigh ann an Smeircleit. Dh'fhalbh e an làrna-mhàireach gus an do ràinig e Caolas Èirisgeigh. Fhuair e geòla agus chaidh e gu Eilean an Staca aig ceann a deas Èirisgeigh. Thog e taigh air an eilean. Thill e air ais gu Smeircleit agus thug e leis boireannach on taigh. Bhiodh ise a' fighe air a' bheairt, agus dh'ionnsaich e an sgil sin bhuaipe.

Bha triùir ghillean aca. Nuair a dh'fhàs iad suas, thòisich am breabadair agus na gillean bu shine air spùinneadaireachd. Aon latha, chaidh am marbhadh. Cha robh air fhàgail ach an gille a b' òige agus a mhàthair. Nuair a dh'fhàs an gille suas, chaidh e air tòir an duine a mharbh athair agus a bhràithrean. Bha esan na sgiobair air bàta. Nuair a thuig mac a' bhreabadair cò bh' aige, mharbh e an duine.

Thàinig e gu taigh-seinnse. Bha craobh mheasan aig fear an taigh-sheinnse a bha air a milleadh gu tric. Dh'iarr e air mac a' bhreabadair a' chraobh a gheàrd. Bha leth-amadan còmhla ris, a thug dha ubhal nuair a bha am pathadh air. Chuir an t-ubhal an cadal air. Nuair a bha e na chadal, thàinig boireannach agus dh'iarr i air an leth-amadan a dhùsgadh, ach dh'fhailnich air. Thachair an dearbh rud an ath oidhche. Sgrìobh am boireannach rudeigin air stoc a' ghunna aige. Mharbh e an leth-amadan agus chaidh e air tòir a' bhoireannaich. [An seo, tha am fiosraiche a' fàgail às pàirt dhen sgeulachd.] Lorg e am boireannach agus thill e air ais dhachaigh, ach bha a mhàthair air bàsachadh.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:16:41
Àm Clàraidh - 1971
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 107469
Àireamh an Teip Thùsail - SA1971.186
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1971.186.B2
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R



Àite a' Chuspair:
  Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
  Paraiste - Uibhist a Deas
  Eilean - Stack Islands

Notaichean a' Chlàir - The contributor learned this story from his father.

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/107469/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA