Rannsaich

Breabadair an Staca.

Ceann-latha 1971
Àireamh a’ chlàir 107469
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1971.186.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1971.186

Geàrr-chunntas

Breabadair an Staca.

Thàinig fear gu Uibhist a Tuath air bàta. Choisich e às a sin gu Uibhist a Deas agus chuir e seachad an oidhche ann an taigh ann an Smeircleit. Dh'fhalbh e an làrna-mhàireach gus an do ràinig e Caolas Èirisgeigh. Fhuair e geòla agus chaidh e gu Eilean an Staca aig ceann a deas Èirisgeigh. Thog e taigh air an eilean. Thill e air ais gu Smeircleit agus thug e leis boireannach on taigh. Bhiodh ise a' fighe air a' bheairt, agus dh'ionnsaich e an sgil sin bhuaipe.

Bha triùir ghillean aca. Nuair a dh'fhàs iad suas, thòisich am breabadair agus na gillean bu shine air spùinneadaireachd. Aon latha, chaidh am marbhadh. Cha robh air fhàgail ach an gille a b' òige agus a mhàthair. Nuair a dh'fhàs an gille suas, chaidh e air tòir an duine a mharbh athair agus a bhràithrean. Bha esan na sgiobair air bàta. Nuair a thuig mac a' bhreabadair cò bh' aige, mharbh e an duine.

Thàinig e gu taigh-seinnse. Bha craobh mheasan aig fear an taigh-sheinnse a bha air a milleadh gu tric. Dh'iarr e air mac a' bhreabadair a' chraobh a gheàrd. Bha leth-amadan còmhla ris, a thug dha ubhal nuair a bha am pathadh air. Chuir an t-ubhal an cadal air. Nuair a bha e na chadal, thàinig boireannach agus dh'iarr i air an leth-amadan a dhùsgadh, ach dh'fhailnich air. Thachair an dearbh rud an ath oidhche. Sgrìobh am boireannach rudeigin air stoc a' ghunna aige. Mharbh e an leth-amadan agus chaidh e air tòir a' bhoireannaich. [An seo, tha am fiosraiche a' fàgail às pàirt dhen sgeulachd.] Lorg e am boireannach agus thill e air ais dhachaigh, ach bha a mhàthair air bàsachadh.

Notaichean a' Chlàir

The contributor learned this story from his father.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Breabadair an Staca

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Na Stacanan Dubha

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math