Rannsaich

Chluich pìobairean à Uibhist a Deas ann am Braine-le-Comte n...

Ceann-latha 1970
Àireamh a’ chlàir 107473
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.315

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.315

Geàrr-chunntas

Chluich pìobairean à Uibhist a Deas ann am Braine-le-Comte nuair a bha na Gearmailtich a' teicheadh aig deireadh a' Chogaidh Mhòir.

Tha am fiosraiche ag innse gun do chluich e fhèin agus dithis eile am port 'The 73rd's Farewell to Aberdeen' ann am Braine-le-Comte anns a' Bheilg ann an 1918, nuair a bha na Gearmailtich a' teicheadh. B' e Seonaidh Dòmhnallach (Seonaidh Roidein) agus Niall MacIllFhinnein (Neilidh Eairdsidh) a bha còmhla ris. Bha an triùir aca còmhla anns an t-Siathamh Battalion dhe na Camshronaich.

Tha e a' cluich 'The 73rd's Farewell to Aberdeen' air an fheadan.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacDonald, Archie [Eairdsidh Raghnaill]; MacDonald, John [Seonaidh Roidein]; MacLennan, Neil [Neilidh Eairdsidh]

Cànan

Beurla, Gàidhlig, Albais

Seòrsa

Fiosrachadh Ceòl

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Eairdsidh Dòmhnallach: Uill, seo agaibh rud a chumas mise cuimhne gu bràth air. Air an aon latha deug de chiad mhìos dhen gheamhradh, naoi ceud deug 's a h-ochd deug, ann am Belgium, àite ris an canar Braine-le-Comte. Sheinn mi fhìn agus dithis ghillean eile, dithis gu math ainmeil air pìob. Tha sinn air fàs sean, an triùir againn, Seonaidh Roidein agus Neilidh Eairdsidh. Bha sinn a' seinn às dèidh nan Gearmailteach. B' shuarach na ceudan slat a bha iad romhainn, ach bha iad a' teicheadh. Agus seo dhuibh am port a sheinn sinn. 'S ann sna Camshronaich a bha sinne, anns an t-Siathamh Battalion dhe na Camshronaich, 's seo agaibh am port a sheinn sinn air a' phìob às dèidh nan Gearmailteach. 73rd's Farewell to Aberdeen.

[Tha am port fhèin air a chluich air an fheadan an seo.]

Sin agaibh, ma-thà, am port a sheinn sinn an oidhche ud, 's bidh cuimhn' a'm gu bràth air.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math