Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 12 November 1997
Àireamh a’ chlàir 11149
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.11.1997

Geàrr-chunntas

Còmhradh mun droch staid anns a bheil cuid de dh'eaglaisean Caitligeach Ghlaschu.

Tha cuid de dh'eaglaisean Caitligeach Ghlaschu ann am fiòr dhroch staid agus feumach air na ceudan de mhìltean de not a chosg orra. Tha cuid dhiubh air an comharrachadh mar thogalaichean sònraichte agus bha cuid dhiubh air an dealbhadh leis an ailtire ainmeil Jack Coia. Bha mòran de na h-eaglaisean seo air an togail eadar an dà chogadh. Tha Calum Aonghas MacAoidh a' bruidhinn mun chuspair, ag innse mun luach a th' air cuid de na togalaichean a thaobh ailtireachd agus mun dìleab aig Jack Coia.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Lannraig

Baile/Àite - Glaschu

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CMI): Tha e a' dol a chosg an t-uabhas airgid dhan an Eaglais Chaitligeach na th' aca de dh'eaglaisean an Glaschu a chumail ann an tomhais de dh'òrdugh. Tha mòran dhiubh a' feumachadh na ceudan mìle not a bhith air a chaitheamh orra, agus cuid dhiubh sin, tha iad sònraichte mar thogalaichean, an fheadhainn a chaidh an dealbhachadh leis an ailtire Jack Coia gu sònraichte. Tha Calum Aonghas MacAoidh eòlach air obair Coia. Tha e còmhla rium anns an stiùidio ann an Glaschu an-dràsta. Uill, a Chaluim Aonghais, na h-eaglaisean a tha seo, tha deilbh de chuid dhiubh agam, a' chuid as motha dhiubh chan eil iad ro aosta ann, a bheil?

Calum Aonghas MacAoidh (CAM): Chan eil iad ro aosta idir. A' chuid mhòr dhiubh, chaidh an togail eadar an dà chogadh mhòr, agus le sin, tha mi a' creidse gu bheil e na chuid iongnadh do chuid a dhaoine gu bheil iad a' cosg, fhios agad, na suim airgead a tha seo orra mar-thà.

CMI: 'S e an suidheachadh a th' ann, chan eil iad aig an ìre agus gu bheil iad a' tuiteam gu talamh idir. Chan e sin an suidheachadh a th' ann idir. Ach 's e an rud a thathas ag ràdh rinn, mana cosg iad seo, bidh cosgaisean mhòr, mhòr dha-rìribh ann anns na bliadhnaichean a tha romhainn, nach e?

CAM: Tha mi a' creidse gur e sin am puing as cudromaiche, fhios a'd, gu bheil iad mothachail an-dràsta gum feum na togalaichean, fhios a'd, a leasachadh, fhios a'd, gu h-àraid 's e na mullaich aca a tha a' falbh mar as trice co-dhiù, agus tha mi a' creidse mar a tha seann togalaichean ann an Glaschu, ma tha, fhios a'd, tha mi a' creidse ma tha na neds air an t-sràid ag aithneachadh gu bheil togalach a' fàs caran robach, agus an uair sin gun toir sin, fhios a'd, 's dòcha cothrom dhaibh fhèin beagan a bharrachd millidh a dhèanamh cuideachd, agus... ach le sin, ma tha thu a' cumail an togalach fhèin nas snasaile bhon a' chiad dol a-mach, saoilidh mi gu bheil e ga shàbhaladh.

CMI: Gu dearbha, a' chiad eaglais air a bheilear a' dol a chaitheamh airgead, agus tha sin ceithir cheud mìle not, 's ann ann an Dennistoun a tha i, agus chan eil i cho aosta ri sin idir, a bheil?

CAM: Chan eil. Chaidh a togail ann an... cuin a... uill, chan eil ach trì fichead bliadhna bhuaithe, agus tha i gu math brèagha 's gu math mòr, agus a-rithist, b' fhiach a cumail. Agus ann an dòigh, ged a tha sinn a' smaoineachadh gu bheil suim airgead mhòr ann an - dè th' ann? - ceithir cheud mìle not, airson na stuthan a tha a' feum airson a leithid... an togalach seo a chàradh 's ghleidheil, chan eil tòrr airgead ann. Tha fhios a'm gu bheil sin caran duilich do chuid a thoirt a-steach an-dràsta, ach fhios a'd, airson togalach aosta mar seo, chan eil thu a' dol a-steach do B&Q 's ag ràdh, fhios a'd, tha mi ag iarraidh, fhios a'd... fhios a'd, fichead sglèat airson mullach eaglais. Tha thu a' feum an stuth sònraichte, fhios a'd, a bha cumanta aig an àm agus a tha cuideachd, fhios a'd, a tha freagarrach dhan an dealbhadh a chaidh a dhèanamh air an togalach anns a' chiad àite.

CMI: Tha grunnan bhuidheannan air a thighinn cruinn còmhla gus urras a stèidheachadh a tha... uill, tha iad an dòchas gum faigh iad air airgead a chruinneachadh, agus an obair a dhèanamh air na h-eaglaisean a tha seo, ann an tìde, ma dh'fhaodas sinn a chur mar sin, nach eil?

CAM: Tha. Fhios a'd, tha Comhairle Sgìre Ghlaschu, tha SNH... chan e SNH ach Historic Scotland, agus an Eaglais Chaitligeach fhèin, agus saoilidh mi, fhios a'd, gur e pòsadh glè fhallain a th' ann eadar na buidheannan sin, agus gur e rud, fhios a'd, a dh'fhaodadh a bhith air a chleachdadh, mar eisimpleir, airson iomadach baile mòr eile, far a bheil tòrr eaglaisean. Tha mi a' creidse gum bi cuid ag argamaid ann an Glaschu gu bheil cus eaglaisean ann. Tha sinn a' faicinn, fhios a'd, an t-uabhas. Fiù 's air an t-slighe a-steach a dh'obair an-diugh, bha mi fhìn dìreach a' smaoineachadh air, fhios a'd, cruth am baile fhèin, agus chì thu gu bheil, fhios a'd, an t-uabhas a' laighe falamh. Fhios a'd, bidh a' chuid mhòr aca gun fheum, agus tha mi a' creidse gur e an càineadh a bhiodh agam a thaobh sin, fhios a'd, ma tha iad gun fheum, agus 's dòcha, fhios a'd, ma tha an coitheanal cho beag anns a' chiad àite, 's dòcha gum bu chòir na h-eaglaisean an leigeil seachad airson seirbheis air choreigin eile.

CMI: Uill, gu dearbha, airson mòran dhiubh, mar thogalaichean, tha iad sònraichte a thaobh agus gun robh iad cho mòr agus bha iad a' toirt cothrom do luchd-ailtire, luchd-dealbhachaidh, nach fhaigheadh iad air togalaichean beaga, nach robh?

CAM: Dha-rìribh. Fhios a'd, airson, saoilidh mi, fhios a'd, gu h-àraid mun àm sin eadar an dà chogadh, far an robh, tha mi a' creidse... bha na coitheanalan, bha iad gu math mòr anns na h-eaglaisean fhèin, agus cuideachd, saoilidh mi, an seòrsa beachd, fhios a'd, a bh' aig an Roinn Eòrpa air fad, bha iad ag iarraidh gluasad agus dùsgadh ùr a thoirt air na daoine, agus le sin, saoilidh mi an seòrsa feallsanachd a bh' aca, fhios a'd, man a chanas iad anns a' Bheurla, bigger is better, ach 's dòcha le bhith a' coimhead air anns an latha an-diugh, 's dòcha gun robh cuid dhiubh fada, fada ro mhòr.

CMI: Gu dearbha, agus cuideachd an dealbhachadh a bh' orra 's dòcha diofraichte bhon an dealbhachadh a bh' ann aig an àm, agus am fear a tha seo, Jack Coia, uill, na deilbh a th' air mo bheulaibh-sa ann an seo an-dràsta, tha iad... tha na loidhnichean a' coimhead uabhasach glan, sìmplidh, ach snog.

CAM: Tha iad snog. Fhios a'd, 's e togalaichean gu math snasail a th' annta, agus saoilidh mi airson baile Ghlaschu fhèin, fhios a'd, gur math a b' fhiach an gleidheil, ach feumaidh sinn, man a bha mi ag ràdh, gabhail ceum no dhà air ais 's smaoineachadh, fhios a'd, an dùil, fhios a'd, an robh feum, fhios a'd, am feumadh iad a bhith cho mòr? Bhon, fhios a'd, tha iad biastail, feadhainn dhiubh.

CMI: Uill, gu cinnteach chan eil feum air a leithid an-diugh idir. Ach Coia a tha seo an-dràsta, tha esan an ìre mhath ainmeil airson an seòrsa togalach seo. An ann a-mhàin airson an seòrsa togalach seo a tha e ainmeil? A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil e airidh air a' chliù a th' aige?

CAM: Saoilidh mi gu bheil. Tha mi a' creidse mar iomadach togalach a tha sinn a' faicinn anns na bailtean mòra, chan eil sinn uair sam bith a' smaoineachadh... uill, 's ann glè ainneamh a tha sinn a' smaoineachadh air cò thog iad, agus tha mi a' creidse, ann an Glaschu gu bheil... tha mi a' creidse, uill, tha gu leòr air a ràdh mu dheidhinn Mac an Tòisich, agus a-rithist, Alexander Greek Thomson, agus tha Coia, saoilidh mi gu bheil e... gu bheil e fhèin airidh air, fhios a'd, a cheart uimhir de dh'urram ann an eachdraidh ailtireachd. Agus leis an fhìrinn innse, chan eil mi fhìn a' cur seachad mòran ùine am broinn eaglais sam bith, agus nuair a bha, tha mi a' creidse gun robh mi a' gabhail barrachd aire dhan an seòrsa dreach a bh' orra bhon taobh a-staigh an àite an seòrsa, fhios a'd, teagaisg a bha fa-near dhan fhear a bha sa chùbainn. Ach chan eil sin ag ràdh nach bu chòir na togalaichean a shàbhaladh.

CMI: Tha cnap math airgead gu bhith air a chruinneachadh, a-rèiste, airson a' chiad tè a tha seo. Tha iad an uair sin a' dol a ghluasad gu feadhainn eile taobh a-staigh na bliadhna a tha romhainn. An ath tè, tha mi a' smaoineachadh gur e... gur ann an Crosshill a tha i?

CAM: 'S ann. Duine... Saint... Mary's Cross ann an Cross Hill, agus, fhios a'd, mar a tha mi ag ràdh, 's e rud a tha fallain mu dheidhinn am poileasaidh a tha seo, saoilidh mi, gun lean e, 's dòcha, gu bailtean eile, agus nuair a tha daoine a' coimhead ri suidheachadh, tha mi a' creidse gur e seo rud a dh'fheumas daoine a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn, fhios a'd, suidheachadh airgead, uill, an droch staing anns a bheil sgìre Ghlaschu an-dràsta fhèin. 'S dòcha gum bi cuid ag ràdh, nuair a tha uiread de dhaoine, fhios a'd, gun dachaigh, 's dòcha, nuair a tha uiread de dhaoine ann an sgìrean a tha a' feum a dhèanamh an-àirde co-dhiù, a bheil e ceart, fhios a'd, a bheil e freagarrach a bhith a' cosg uiread air togalach a tha airson a' chuid mhòr dhen a' bhliadhna a' laighe falamh? Agus tha mi a' creidse gur e puing a dh'fheumas smaoineachadh mu dheidhinn.

CMI: Uill, puing gu dearbha mu bheil ceist, 's dòcha, dha bheil freagairtean aig cuid cuideachd. Nan deigheadh tu ro fhada sìos an loidhne a tha sin, cha bhiodh duine a' dèanamh càil idir, 's dòcha.

CAM: Cha bhitheadh. Cha bhitheadh. Ach, fhios a'd, dìreach a thaobh... a thaobh an t-airgead, 's man a tha mi ag ràdh, gum feum dualchas Ghlaschu fhèin a ghleidheil. Fhios a'd, chan eil fhios... chan eil fhios a'm fhìn, fhios a'd, am b' fhiach e na tha seo a chosg air. Man a tha mi ag ràdh, chan e suim ro mhòr a th' ann, ach ann an dòigh eile, ma tha na togalaichean an ìre mhath falamh, agus na... fhios a'd, na h-uiread aca ann, fhios a'd, saoilidh mi a h-uile sgìre far a bheil daoine, tha iad a' faicinn seann eaglaisean, chì thu iad mar conversion flats, chì thu iad, fhios a'd, ma tha thu taobh Dhùn Èideann, tha gu leòr aca tha iad gan cleachdadh mar, fhios a'd, taighean airson deilbh-chluiche. 'S dòcha ann an Dùn Èideann fhèin, tha iad aca mar taighean airson, fhios a'd, daoine a tha a' feum beagan a bharrachad cuideachadh. Agus le sin, fhios a'd, tha puing gu math cudromach ann airson na togalaichean a shàbhaladh, ach ann an àite mar Ghlaschu, far a bheil, fhios a'd, an t-airgead gu math gann co-dhiù, tha mi a' creidse gum feumar coimhead ris ann an dòigh eile.

CMI: Uill, gu dearbha, ailtireachd, cumadh nan eaglais, agus ceist no dhà ann an sin co-cheangailte ris an airgead a thathas a' caitheamh orra. Tapadh leat gu dearbha airson sùil a thoirt air a sin, agus beachd no dhà cuideachd a thoirt dhuinn. Calum Aonghas MacAoidh ann an sin anns an stiùidio ann an Glaschu.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math