Rannsaich

Biadh sna seann làithean.

Ceann-latha 12 September 1955
Àireamh a’ chlàir 1182
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1955.162.A12

Àireamh an Teip Thùsail

SA1955.162

Geàrr-chunntas

Biadh sna seann làithean.

Bha an t-iasg agus an sgadan pailt anns na seann làithean. Bha am buntàta mar bu tric gu math, còmhla ri min-choirce agus beagan min-fhliùr. Ach bha cùisean gu math lom aig toiseach an earraich. Bhiodh an crodh Gàidhealach a' dol tioram gus am breitheadh iad aig toiseach an t-samhraidh. Nuair a bha athair an fhiosraiche òg, 's e rudan mar làghan, aran-eòrna, is lite eòrna a bhite ag ithe. Bhite cuideachd a' buain nam bàirneach, mar: bàirnich, muirsgianan, eisirean, is eachanan. Bhite a' gabhail sùgh an èisg le beagan min-fliùr ann airson a thiughachadh, agus a' dèanamh sùgh dhe na muirsgianan. Bhathar a' dèanamh ceann-cropaig dhen iasg cuideachd. Bha buntàta air a phronnadh, is air a theasachadh air a' bhranndar an ath mhadainn.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math