Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 20 November 1997
Àireamh a’ chlàir 12058
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 20.11.1997

Geàrr-chunntas

Eachdraidh an òir bho àm ar-a-mach nan Seumasach nach d' ràinig am Prionnsa Teàrlach a-riamh.

Tha an Dotair Alasdair MacIllEathain ag aithris eachdraidh an òir Fhrangaich aig àm ar-a-mach nan Seumasach nach d' ràinig am Prionnsa Teàrlach a-riamh. Chaidh bàta le luchd de shaighdearan agus òr, luach £13,000, a ruaigeadh gu tìr aig Bàgh Mhealainis ann an Dùthaich MhicAoidh. Ghlac feachd de shaighdearan fo smachd Morair Tunga saighdearan a' Phrionnsa agus an t-òr agus chaidh an t-òr a roinn eadar cinn-chinnidh na feadhna a ghlac e.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Cataibh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Nan robh am Prionnsa Teàrlach air cargu de dh'òr fhaighinn a bha air an t-slighe thuige às an Fhraing, dh'fhaodadh eachdraidh na h-Alba a bhith air a bhith tur eadar-dhealaichte. Sin a tha dealbh-film ùr a tha an dòchas a bhith a' sealltainn dhuinn ann an ùine gun a bhith fada. Tha luchd-dèanamh an deilbh ag aideachadh nach eil na bhitheas anns an dealbh gu tur fìor, ach gu bheil e air a stèidheachadh air an fhìrinn. Tha an Dotair Alasdair MacIllEathain fìor eòlach air eachdraidh-beatha a' Phrionnsa. Tha e còmhla rium ann am Port Rìgh an-dràsta. Madainn mhath dhuibh.

An Dotair Alasdair MacIllEathain (AM): Madainn mhath. Madainn mhath.

CM: A bheil sibhse a' dèanamh dheth gu bheil dad a dh'fhìrinn anns an sgeulachd a tha seo?

AM: Uill, tha breacadh dhen fhìrinn ann, ceart gu leòr, ach tha mi a' smaoineachadh gun robh an fhìrinn cheart, gun robh i na b' inntinneach na an conablach a tha iad an dùil a dhèanamh an seo.

CM: Uill, dè an fhìrinn cheart a tha sibh... mar a tha i agaibhse?

AM: Uill, tha an stòiridh caran fada, ach nì mi cho goirid e 's as urrainn dhomh. Ann an toiseach a' gheamhraidh anns a' bhliadhna dà fhichead 's a còig, bha bàta leis a' Chabhlach Rìoghail ris an canadh iad an Hazard, bha i ann an Cala Mhontròis, agus thachair e gun do ghlac na Seumasaich a bh' anns an sgìre, gun do ghlac iad am bàta a bha seo, agus chaidh a h-ainmeachadh le Prince Charles, agus chaidh a toir air ais dhan Fhraing, agus bha i gu math feumail an sin. Bha i luath, 's bha i... b' e seòladair math a bh' innte, agus bha i gu math feumail.

Ach mu dheireadh March, thàinig i air ais a dh'Alba, agus luchd innte de shaighdearan Èireannach agus Albannach a bh' ann an seirbheis na Frainge. Agus còmhla ri sin bha luach trì-deug mìle not ann an òr aice, 's bha iad an dùil tighinn a-staigh a Phortsoy feuch am faigheadh iad a-mach dè bha a' dol, agus gu mì-fhortanach, 's ann a chunnaic an Cabhlach Rìoghail iad faisg air a' phort, agus dh'fhalbh iad às an dèidh, agus theich ise gu tuath 's i an dùil an cuan mòr a dhèanamh timcheall... tron a' Chaolas Arcaibh. Agus gu mì-fhortanach bha tè dhe na... dhe na luingeas mhòra, an Sheerness, bha i ga leantail, agus bha i na bu luaithe, agus nuair a ràinig iad beul Loch Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh, smaointich iad gum b' fheàrr dhaibh a dhol a-staigh dhan an loch, far nach leanadh an saothach mòr iad. Uill... ach... 's ann a lean an Sheerness a-staigh i dhan an loch, agus thòisich i air losgadh oirre, agus rinn i milleadh mòr air a' bhàta.

Ach co-dhiù, chaidh... chaidh... mu dheireadh rinn i ghrunnd ann am Bàgh Mhealainis, agus fhuair na bh' innte, suas mu shia fichead, eadar saighdearan 's seòladairean, fhuair iad air tìr agus an t-òr ga ghiùlan leotha.

Ach bha seo... bha Morair MhicAoidh ann an... ann an Tunga, thug esan an aire dha seo. Agus thachair e gun robh gu leòr a dh'armachd aige anns an sgìre a ghabhadh buaidh air na fògarraich a thàinig air tìr. Agus 's ann mar seo a thachair seo, gun robh aig toiseach ar-a-mach a' Phrionnsa, cha robh saighdearan anns an Arm Cheangailte a b' fhiach sam bith anns a... ann an ceann a tuath Alba. Bha buidheann no dhà de... dhen... a chaidh ùr-stèidheachadh dhen an Fhreiceadan Dubh, am Black Watch, agus bha rèisimeid eile a bhathas a' togail fo ainm an Iarla Loudoun. Bha buidheannan dhithse ann cuideachd.

Ach a bharrachd air sin, bha ochd-deug buidheannan, de cheud duine an urra, a chaidh a chruinneachadh le urracha mòra na Gàidhealtachd ann am fàbhar Rìgh Seòrais, agus bha iad uile ann an Inbhir Nis, fo chomannd an Iarla Loudoun. Ach nuair a thàinig armachd a' Phrionnsa air ais à Sasainn, agus bha iad a' dèanamh gu tuath, cho luath 's a ràinig iad Inbhir Nis, theich Lord Loudoun 's a bhuidheann 's cha do stad iad gus an do ràinig iad taobh a tuath Caolas Dhòrnach, agus sheas iad an sin airson treis. Ach chaidh armachd a' Phrionnsa, na Seumasaich, chaidh iad air tìr ann an Dòrnach agus bha na buidheannan dhen an Arm Cheangailte a bh' ann, ghèill iad gun urchair a losgadh, agus theich na buidheannan militia a bh' air an togail - Clann 'ic Coinnich, 's na Sutharlanaich, agus Clann 'ic Àidh - tharraing iad air an taigh cho luath 's a b' urrainn dhaibh, agus cha robh aig... cha robh aig an Iarla Loudoun dhe bhuidheann... dhe armachd ach mun treas cuid, agus theich esan dhan Eilean Sgitheanach.

Ach còmhla ri Clann 'ic Aoidh, a theich dhachaigh, bha feadhainn de dh'oifeasairean dhen Arm Cheangailte a chaidh an glacadh aig Blàr Sliabh a' Chlamhain, Prestonpans, agus thug iad am bòidean seachad nach... nach sabaidicheadh iad tuilleadh. Ach a dh'aindeoin sin, bha iad còmhla ris an armachd ann an... shuas ann an Dùthaich MhicAoidh. Agus nam measg cuideachd, bha mac MhicLeòid Dhùn Bheagain. Bha esan an dèidh na Hearaich agus na Sgitheanaich a bh' anns a' bhuidheann aige anns an rèisimeid aig an Iarla Loudoun, bha e air an trèigsinn agus am fàgail an siud airson a bhith air an glacadh.

Agus co-dhiù, mar a tha mi a' ràdh, nuair na thàinig na fògarraich air tìr ann am Bàgh Mhealainis, bha feachd mòr de dh'armachd aig Morair MhicAoidh anns an sgìre, agus rinn e a-mach gun dèanadh e an gnothach air na fògarraich. Agus seo mar a thachair. Bha... ged a bha na h-urracha mòra, ged a bha iad air taobh Rìgh Seòras, bha mòran dhe na saighdearan a bh' aca, cha robh an cridhe anns a' ghnothach idir, agus thachair e gun robh fear dhen fheadhainn sin, gun robh... gun do ghabh e cùram na fògarraich, agus bha e a' feuchainn an treòrachadh chun a' bhuidhinn dhen an arm... na Seumasaich a b' fhaisge orra. Ach thàinig na... Clann 'ic Aoidh agus na saighdearan eile a bh' ann, rinn iad iomain chùil orra, agus air cliathaich Ben Loyal, ghlac iad uile iad, agus ghlac iad an t-òr cuideachd. Ach bha aon bhogsa dhen an òr a bh' ann, chaidh a bhristeadh agus chaidh a shadadh a-mach air loch beag.

Niste, a' chuid eile dhen an òr, chaidh a roinn eadar an fheadhainn a ghlac e, agus fhuair oighre òg Dhùn Bheagain, fhuair e a chuid mar a bha an còrr. Agus sin agad mar a thachair.

CM: Uill gu dearbha, tha mi dìreach air a bhith a' leigeil dhuibh a bhith ag innse na sgeòil, airson dè na ceistean a b' urrainn dhòmhsa a chur a bhiodh freagarrach ann an sin, gu dearbha, agus mar a tha sibh ag ràdh, tha an sgeulachd sin, saoilidh mise tòrr nas inntinniche na an tè mu bheil iad a' dol a dhèanamh, am film a tha seo. Agus a bheil fhios againn dè thachair dhan an òr às dèidh dhan a sin? Tha e follaiseach, cha d' fhuair am Prionnsa Teàrlach an t-òr idir. A bheil dad a sgeul dheth? A bheil fhios againn a bheil càil dheth an àite sam bith? No a bheil e air chall fhathast?

AM: Uill, 's e an rud a thachair, mar a bha mi a' ràdh, chaidh... chaidh an t-òr a roinn eadar an fheadhainn a ghlac e, ach bha aon bhogsa a chaidh a shadadh dhan an loch, agus bha fear anns an sgìre a dh'fhàs uabhasach beairteach gun fhiosta do chàch, agus bha iad a' dèanamh a-mach gun robh esan ag iasgach anns an loch airson an òir.

Ach thachair e cuideachd, bha e ri ràdh, gun robh mart ag òl às an loch a bha sin, agus thàinig i air tìr agus bonn de dh'òr an sàs anns na... anns na ladhran aice, agus 's e sin, tha mi 'n dùil, a' chuid mu dheireadh a chunnacas dhen an òr a dh'fhaodadh a bhith air eachdraidh na Gàidhealtachd atharrachadh gu mòr.

CM: Uill, Alasdair, ceud mìle taing dhuibhse gu dearbha airson an eachdraidh sin a thoirt dhuinn. Tha mi cinnteach ma chluinneas muinntir am film gur ann mar sin a tha e, gur dòcha gur ann a dh'atharraicheas iad an dealbh aca fhèin airson a bhith a' toirt a-steach pàirt dhen a sin ann gu dearbha.

AM: Ò uill, dh'fhaodadh... dh'fhaodadh gun tachair sin. Tha mi a' smaoineachadh nach eil e uabhasach coltach, ge-tà.

CM: Chan eil, ach ceud mìle taing dhuibhse gu dearbha airson an leasan sin a thoirt dhuinn, oir 's e sin a bh' ann, dhuinne nach robh cho eòlach air na rudan sin agus 's dòcha a bu chòir. Tapadh leibh gu dearbha.

AM: 'S e do bheatha. 'S e do bheatha.

CM: An Dotair Alasdair MacIllEathain ann an sin, ann am Port Rìgh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math