Rannsaich

Sìthichean agus Dùn Bhuirgh na theine.

Ceann-latha 25 September 1976
Àireamh a’ chlàir 12619
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.177.A6

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.177

Geàrr-chunntas

Sìthichean agus Dùn Bhuirgh na theine.

Bha boireannach ann am Borgh aig an robh an t-uabhas obrach ri dhèanamh, eadar càrdadh, snìomh, 's eile. Bha i a' lùigeachdainn gum biodh cuideachadh aice, agus ann am priobadh na sùla bha an taigh làn shìthichean. Theann iad ris an obair, ag ràdh, "Tè a' cìreadh, 's tè a' càrdadh, 's tè a' tlàmadh, 's tè a' snìomh." Cha b' fhada gus an robh iad deiseil, ach chan fhalbhadh iad às dèidh làimh. Thàinig an duine aice a-steach agus nuair a dh'èigh e gun robh Dùn Bhuirgh na theine, theich iad.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Baile/Àite - Borgh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nan NicFhionghain: Agus chuala mi tè eile aca mu dheidhinn tè a bh' ann am Borgh. Boireannach a bh' ann am Borgh. Agus ò, bha an t-uabhas de shnàth aice ri dhèanamh 's i a' dol a dhèanamh clò ann am beart-fhighe. Co-dhiù, thuirt i 's gun a-staigh ach i fhèin 's am bodach aice a-muigh ag obair air a' chroit:

"A Rìgh na Grèine," ars i fhèin, "nach robh cuideigin agam," ars i fhèin, "a bheireadh cuideachadh dhomh leis a' chlòimh a tha seo. Cha bhi mise ullamh dheth gu bràth."

Mun tuirt i Dia leatha, nochd na bha sin a-staigh 's lìon iad an taigh - sìthichean. Thòisich iad air cìreadh... 's thòisich... chanadh iad an-dràsta 's a-rithist:

"Tè a' cìreadh 's tè a' càrdadh 's tè a' tlàmadh 's tè a' snìomh. Tè a' cìreadh 's tè a' càrdadh 's tè a' tlàmadh 's tè a' snìomh."

'S bha an taigh làn, 's cha robh fada gus an robh a h-uile pioc dhen chlòimh aice air a cur air dòigh deiseil airson a cur sa bheart-fhighe. 'S bha iad deiseil 's na dhèidh sin cha robh iomradh aca air falbh. 'S bha an taigh làn.

Thàinig an duine dhachaigh, 's chan fhaigheadh e àite an cuireadh e a chas aig sìtheanaich. Cha robh fios aige bhon t-saoghal gu dè... ged a dh'iarradh e orra falbh chan fhalbhadh. Chaidh e a-mach gu ceann an taighe 's dh'èigh e... 's ann an Dùn Bhuirgh a bha iadsan a' fuireach, na sìtheanaich. Dh'èigh e àird a chlaiginn:

"Dùn Bhuirgh na thèine. Dùn Bhuirgh na thèine."

"Mo chreach, mo chreach," ars a h-uile tè riamh 's iad a' falbh.

Mun canadh e Dia leis cha robh sgeul air gin aca. Bha iad suas Dùn Bhuirgh. 'S dhùin e an doras 's cha d' fhuair iad a-staigh tuilleadh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math