Rannsaich

Na sìthichean agus am bonnach-boise.

Ceann-latha 25 September 1976
Àireamh a’ chlàir 12620
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1976.177.A7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1976.177

Geàrr-chunntas

Na sìthichean agus am bonnach-boise.

Bha boireannach uaireigin a' dèanamh bhonnach-boise. Bha aice ris an doras a dhùnadh gus na sìthichean a chumail a-mach, ach dh'èigh iadsan ris a' bhonnach. Roilig e a-null is dh'fhosgail e an doras. Bhon uair sin, bidh daoine a' cur slag anns na bonnaich gus nach fhalbh na sìthichean leotha.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Nan NicFhionghain (NN): Chaidh feadhainn aca an latha eile, bha boireannach a-staigh leatha fhèin, agus gu dè a bh' aice, chan eil fhios a'm an cuala sibhse iomradh air bonnach-boise?

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Aidh, chuala.

NN: Chuala? Bonnach-boise. Bha bonnach-boise aice ris an teine - 's ann am meadhan an ùrlair a bha an teine, 's bha am bonnach-boise aice ris an teine. Bonnaich bheaga thana. Tha mi cinnteach [???] sna h-Eileanan an Iar, nach cuala iad dìreach guth riamh air. Agus bha e aice ri cloich air aghaidh an teine, 's chùm ise an doras dùinte 's cha robh i airson na sìthichean a leigeadh nan còrr. 'S choimhead iad a-nuas... choimhead iad a-nuas air an luidhear, 's chunnaic iad am bonnach ris an teine. 'S dh'èigh iad:

"A bhonnaich bhig gun lag gun èidheann, èirich agus fosgail an doras dhuinn."

Ruidhil am bonnach sìos on teine 's bhuail e san doras, 's dh'fhosgail an doras 's laom an taigh le sìtheanaich. 'S a-riamh às a dhèidh sin, nuair a bhiodh iad a' dèanamh bonnach-boise, bhiodh iad a' cur lag le 'n òrdaig... an fhaca sibh fhèin iad a' cur lag ann? Chan fhaca sibhse gin riamh dhiubh, tha mi a' creidsinn? Bhiodh iad a' cur lag ann, mar seo.

'S tha cuimhne a'm mar a fhuair mi an naidheachd a-mach. Bha mo mhàthair a' dèanamh fear. Ach 's e stòbh a bh' againn an uair sin, 's bha i a' cur breige ri aghaidh an stòbh, 's bha i a' cur a' bhonnaich bhig ris a' bhreige, 's rinn i mar seo.

"Carson," arsa mi, "a tha sibh a' cur an lag a tha sin?"

'S dh'innis i an uair sin dhomh. Nuair a bhiodh an lag ann, cha b' urrainn na sìthichean a thoirt air falbh. 'S lean iad air. Lean iad air, 's chunna mi fhìn e, ach cha robh... bhiodh mo mhàthair a' dèanamh feadhainn bheaga. Bhiodh iad cho tiugh siud, 's bhiodh i ga bhruich air aghaidh an teine ach 's e stòbh a bh' ann. 'S dhèanadh i mar seo le a h-òrdaig, gus nach b' urrainn na sìthichean a thoirt air falbh. Agus bha iad a' creidsinn ann.

DE: Agus dè seo a-nist a-rithist, dè thuirt na sìtheanaich? A bhonnaich bhig...?

NN: Gun lag gun èidheann.

DE: 'S dè bh' anns an èidheann a-nist?

NN: An èidheann. Tha mi a' smaointinn gur e... lag gun èidheann...

Fear neo-ainmichte: Nam biodh fhios agamsa gum biodh sibh cho fad sin, 's fhada on a bha sibh an dèis tì fhaighinn.

NN: An-tà gu dearbh. Ach a Mhoire, Mhoire [???]. Chan eil fhios agamsa a-nist dè th' anns an èidheann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math