Rannsaich

Cunntas beatha Phàdruig Mhoireasdain, Griomasaigh.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 12813
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.47.A

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.047

Geàrr-chunntas

Cunntas beatha Phàdruig Mhoireasdain, Griomasaigh.

Rugadh is thogadh Pàdruig Moireasdan ann an ceann a deas Ghriomasaigh, ach tha e a-nis a' fuireach ann an ceann a tuath an eilein. Bha a dhithis phàrantan bho Uibhist. Dh'fhàg e an dachaigh airson a dhol don mhailisidh agus tha cuimhne aige air faclan athar san dealachadh - a bhith fìrinneach is onarach. Rugadh e air 17mh den Dàmhair 1889 agus bha e mu sheachd-deug nuair a dh'fhàg e an taigh. Rinn e trì bliadhna trèanaidh anns na Camshronaich mus do dh'fhàg e airson obair an Guireag air an rathad-iarainn còmhla ri bràthair athar.

Chaidh e an uair sin do Ghlaschu agus gu muir, a' seòladh gu Ameireaga. Choinnich e ri gille ann an Ceap Breatainn a dh'innis dha mun dùthaich agus bha aithreachas air nach do thill e a dh'obair ann.

Thill e do Ghriomasaigh ann an 1914 agus cheannaich e bàta-iasgaich. Bha dùil aige tilleadh gu muir ach thòisich an cogadh agus ghabh e anns na Lovat Scouts. An dèidh a' chogaidh thill e do Ghriomasaigh a dh'iasgach agus phòs e ann an 1923. Nuair a rugadh dithis den teaghlach thill iad do Ghlaschu far an robh e ag obair anns na gàrraidhean-iarainn. Bha ceathrar de theaghlach aige. Aig àm an Depression thill iad do Ghriomasaigh far an do rinn iad an dachaigh.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Moireasdan, Pàdruig

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Tuath

Eilean - Griomsaigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math