Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 26 January 1998
Àireamh a’ chlàir 13039
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 26.01.1998

Geàrr-chunntas

Fèill air leacan cloiche à Gallaibh.

Tha tè à Gallaibh ag innse mar a tha fèill às ùr air leacan cloiche às an sgìre, agus mar a tha seo a' toirt barrachd obrach dha na cuaraidhean. Tha i cuideachd ag innse beagan mu choltas agus mu eachdraidh, le còrr is mìle neach aig obair na creige san naoidheamh linn deug.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Gallaibh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha gnìomhachas a bha a' dol gu làidir ann an Cataibh anns an linn a chaidh seachad air ath-nuadhachadh bho chionn ghoirid. Gnìomhachas a tha seo a tha a' toirt creag à cuaraidhean Chataibh gu cabhsairean agus ùrlaran thogalaichean ann an iomadh baile air feadh na dùthcha agus air feadh na Roinn Eòrpa a-nise. Tha Cairistìona Stone air a bhith a' faighinn beagan a-mach mu obair na cloiche. Tha i anns an stiùidio ann an Inbhir Ùige. Uill, 's e naidheachd mhath a tha seo dhan an sgìre, nach e, a Chairistìona?

Cairistìona Stone (CS): Madainn mhath, a Choinnich. 'S e, gu dearbha. A rèir eachdraidh, bha an gnìomhachas a tha seo a' toirt tòrr obair dha iomadach neach anns a... ann an Gallaibh. Smaoinich, aig toiseach an naoidheamh linn deug, chanainn gun robh mìle neach-obrach an sàs anns an obair a bha seo, agus a rèir eachdraidh, 's e fear Seumas Trail a chuir an obair seo... a stèidhich an obair a bha seo, aig toiseach an naoidheamh linn deug, agus abair thusa gun robh e soirbheasach leis.

CM: Uill, gu dearbha, 's e clach chruaidh a th' ann, nach e? Tha e gu math freagarrach airson a bhith a' dèanamh cabhsairean 's rudan mar sin.

CS: A bheil fhios a'd, air an t-slighe sìos, bha mi a' smaoineachadh air samhla air choreigin a bheireadh beachd dhuibh cò ris a tha i coltach, agus gu nàdarrach anns a' chreag... Ma shaoileas tu an-dràsta, a bheil fhios agad cruach? Ach an àite na fàdan a bhith a' seasamh air an oir - a bheil thu a' tuigse? - tha iad nan laighe, agus fàd air mullach fàd a-rèiste.

CM: Ò, tha a' chreag a' laighe gu nàdarrach mar sin, a bheil?

CS: Gu nàdarrach, 's ann mar sin a tha a' chreag a' laighe, agus dh'fheumadh tu fhaicinn airson tuigse, ach sin cho faisg 's a thig... a thiginn-sa air samhla a thoirt dhuibh. Tha i a' laighe mar sin, agus tha sin a' toirt dhuibh beachd air na cuaraidhean, mar a bha iad a' togail... a' cladhach, a-rèiste, a' chlach a-mach às a' chreag mar sin, mar gun togadh tu le do là-... dhà làmh pìos fiodh.

CM: Agus mar a tha thu ag ràdh, bha mòran a' faighinn cosnadh à seo anns an linn a chaidh seachad, ach chaidh a h-uile càil a bh' ann a-mach à bith aig toiseach na linn seo fhèin, nach deach?

CS: Aig toiseach an linn seo fhèin, chaidh a h-uile càil a bh' ann, thàinig deireadh air a' chùis, agus 's e latha gu math duilich a bha sin dhan a... dha Gallaibh air fad, airson bha e a' toirt obair dha na bha siud a dhaoine. Ach co-dhiù, 's ann a tha ath-bheothachadh air a thighinn air an obair a-rithist. Tha an gnìomhachas a' togail... a' togail suas, agus tòrr obair a' tighinn suas an seo a-rithist. Bha mi a' leughadh anns a' phàipear fèar aig an deireadh-sheachdain an siud gu bheil dìreach o chionn ghoirid, thathas air a chleachdadh airson cabhsairean Dhùn Èideann, airson sràidean mu chuairt air Caisteal Shruighlea, agus cuideachd gu bheil i air a cleachdadh ann an Glaschu. Agus chan e sin a-mhàin, ach tha a-nise, tha iad... thathas a' falbh a-mach à Port Scrabster - sin ri taobh Inbhir Theòrsa - a-mach tarsainn a' Chuan Tuath. Tha sin a' toirt a' chlach à seo chun an Fhraing, chun a' Ghearmailt, agus an Òlaind, agus 's e rud math a tha sin, dhuinne shuas an seo.

CM: Uill, 's e gu dearbha. Dìreach bho chionn ochd bliadhna air ais, tha mi a' tuigse, cha robh ach aon chuaraidh fosgailte ann an... ann an Gallaibh. Tha an-diugh deich ann, tha mi a' tuigse, agus far a bheil an stuth a tha seo, a' chreag a' falbh a-null thairis, ann a... an e Weydale a chanas tu ris?

CS: 'S e sin... uill, tha sin ceart. Sin an tè a chaidh a fosgladh o chionn ghoirid. An tè a bha fosgailte gun dùnadh, sin Spittal. Abair thusa ainm. Cuaraidh Spittal. Cha do dhùin an cuaraidh a tha sin idir. Ach a-nise, tha deich quarries ag obair, agus man a thuirt sibh, Weydale. Tha Weydale a tha sin a' toirt a-steach tòrr obair.

CM: Agus tha e coltach, am fear a bha mar mheadhan air Weydale fhosgladh anns a' chiad àite, gur e beagan de, mar a chanas iad, caractar a bh' ann fhèin dheth?

CS: An e?

CM: Fear Uilleam Tait. Ò, tha e coltach gur e... gur e a' chiad duine, a rèir coltais, a bha ag ràdh gun robh ola anns a' Chuan a Tuath.

CS: Ò, tha sin ceart. Tha, tha sin ceart. Uill, tha esan an-diugh, tha e gu math toilichte leis na tha a dh'obair a tha e a' toirt a-steach gu Weydale. Agus tha Weydale faisg oirnn fhìn shuas an seo, agus bha sinn a-muigh an sin aig an deireadh-sheachdain a' toirt sùil. Agus 's e rud math a th' ann dha-rìribh a' faicinn na cuaraidhean a tha sin ag obair a-rithist.

CM: Tha an t-uabhas dhen an seòrsa creag a tha seo ann, 's dh'fhaodadh tòrr a bharrachd a bhith ann, nach fhaodadh?

CS: Ò, dh'fhaodadh. Far... Àite sam bith far an tèid thu, cuairt sam bith shuas an seo, tha an creag a tha sin mun cuairt ort fad na tìde. Agus bha sinne fiù 's a-muigh a' coiseachd air Disathairne, agus tha i àlainn, tha i àlainn airson coimhead rithe na staid nàdarrach anns a' chreag fhèin, pàirtean dhith dearg, glas, agus pàirtean dhith eile, seòrsa de ghorm, dubh. Agus tha i a' cumail... tha i a' cumail a dath nuair a tha i air a gearradh agus air a lìomhadh. Ach ma tha i an-dràsta na cur ann am balla no mar sin, timcheall a' ghàrradh, tha an droch aimsir, man a thuigeas tu, a' toirt oirre a dhol rudeigin donn, salach a' coimhead. Ach tha i tèarainte agus tha i maireannach, agus 's e... 's ann airson sin, gu bheil i cho caochlaideach, 's ann airson sin a tha i air a cleachdadh a-nis. Tha i... gu h-àraid mar chabhsairean anns na bailtean mòr, tha iad a' dèanamh a-mach a-nis gur i a tha a' seasamh an-àirde a bharrachd air rud sam bith eile.

CM: Tha iad cuideachd ga cleachdadh le gleans oirre a-nise, mar ùrlar ann an taighean-òsta mòr, far a bheil... far a bheil iad cha mhòr mar... mar gum b' eadh tu a-muigh, 's e sin mar gum b' eadh tu a' cur cabhsair ann, ach le gleans oirre, air tòrr dhe na togalaichean sin, sin am fasan a-nis, a rèir coltais.

CS: 'S e. 'S e sin... sin am fasan. Agus tha i brèagha. Chan eil fhios a'm an do leag thu do shùil a-riamh oirre?

CM: Chan eil fhios agam.

CS: Ò uill, ma leagas tu, canaidh tu riut fhèin, ò, 's e seo air an robh i a' bruidhinn. Agus tha i... tha i àlainn. 'S e clach àlainn a th' innte dha-rìribh, nuair a tha na dathan air an gleidheadh, man a tha thu ag ràdh. Nuair a tha i air a gleansadh, tha sin a' gleidheadh na dathan, agus tha i àlainn. Agus mar sin, tha iad a' togail na... na ballaichean, man a bha mi ag ràdh riut, a bheil a'd, an cruach, le na... le na creagan aon air mullach a chèile. Agus 's e rud àraid a th' ann, ged nach eil e [???] a' phuing a tha seo, 's ann mar sin a tha iad a' togail na cruachan shuas an seo cuideachd.

CM: Cruachan mònach.

CS: Cruachan mònach, aon fhàd air mullach a chèile. An aon rud le na ballaichean.

CM: 'S dòcha gun d' fhuair iad na h-eisimpleirean bhon a sin, a-rèiste. Agus an rud a tha math mu deidhinn, tha i cruaidh, agus tha an t-uisge a' falbh bhuaipe. Chan eil i... chan eil i... chan eil i a' gabhail an uisge a-steach a bharrachd.

Tha mi a' tuigse gu bheil beagan duilgheadas againn ann an siud, gur dòcha gu bheil sinn air Cairistìona a chall, ach 's dòcha gun robh sinn a' tighinn faisg air deireadh ar còmhradh co-dhiù. Mo thaing do Chairistìona Stone ann an sin, ann an Inbhir Ùige.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math