Rannsaich

Sgeulachd mu bhàs Chumhail agus breith a mhic Fionn.

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 13143
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.49.A4+B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.049

Geàrr-chunntas

Sgeulachd mu bhàs Chumhail agus breith a mhic Fionn.

Sgeulachd mu na Fianntaich: Cumhal, a mhac Fionn, Caoilte agus an cù Bran. Bha iad math air sealg nam fiadh agus cha robh seo a' còrdadh ris an rìgh a dh'fheuch ri cur às dhaibh.

Aon latha is iad a' dol a shealg, bha fear den teaghlach a dhìth orra agus choinnich iad ri gille is mart air an rathad. Mharbh iad am mart agus chuir iad na h-adharcan mu amhach a' ghille agus thug iad Arca Dubh mar aimn air. Theich esan agus rinn e air dachaigh an rìgh agus gheall e gum biodh e dìleas dha. Thug an rìgh abhainn dha airson iasgach mar bheòshlaint. Dh'innis e dìomhaireachd na Fèinne dha agus nach gabhadh Cumhal marbhadh ach leis a' chlaidheamh aige fhèin an dèidh a bhith còmhla ri boireannach. Chuir an rìgh air dòigh pòsadh eadar Cumhal is nighean Rìgh Lochlainn agus mharbh Arca Dubh Cumhal oidhche na bainnse. Dh'fhàn Bran còmhla ri Arca Dubh.

Dh'fhàs a bhean trom is bha càraid chloinne aice: nighean is gille. Bha òrdugh ann cur às do ghille a bhiodh aice ach theich a' bhean-ghlùine leis mar a dh'iarr a mhàthair. Dh'iarr ise air a bràthair, Saor Geal, bothan a thogail dhaibh sa choille. Thuig esan gur e mac Chumhail a bha sa ghille ach mharbh a phiuthar e.

Bha an gille làidir is shàbhail e e fhèin bho chù nuair a bha e sia mìosan agus, aig aois beagan na bu shine, bhàth e clann nuair a bha iad a' snàmh. Thugadh an t-ainm Fionn air seach gun robh falt bàn air. Theich e le mhàthair air a ghualainn ach bhàsaich ise nuair a bha iad a' dol tron choille.

Choinnich e ri Arca Dubh ag iasgach agus thug e dha an treas breac a ghlac e. Nuair a bha e ga bhruich bhris bolg air an iasg agus fhuair Fionn cumhachd fiosachd nuair a chuir e a chorrag na bheul an dèidh blasadh air. Thuig e gur e Arca Dubh a mharbh athair. Chaidh e gu dachaigh Arca Dubh is fhuair e claidheamh athar is mharbh e e. Lean Bran e. An dèidh sin mharbh e fhèin is Bran uilebheist a bhiodh ag iarraidh duine ri mharbhadh gach bliadhna.

Fhuair e air ais gu na Fiantaich a bha fann leis an acras agus mharbh e fhèin is Bran fèidh dhaibh airson an cumail beò. Dh'innis e dhaibh an uair sin cò e.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math