Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 13441
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 13.03.1998

Geàrr-chunntas

Beachd air sgeulachd mu Chlann MhicÌomhair Leòdhais a' falbh le sinn-sinn-seanair Ghòrdain MhicAoidh; eachdraidh Chlann MhicÌomhair ann an Griais.

Tha Dòmhnall Alasdair Stiùbhart a' toirt beachd air sgeulachd Ghòrdain MhicAoidh mu Chlann MhicÌomhair Leòdhais a' falbh le seanair a sheanar. Tha e cuideachd ag innse mu eachdraidh Chlann MhicÌomhair ann an Griais. Bha e cumanta do dhaoine a bhith ceangailte ri aon mhaighstir airson grunn bhliadhnachan no fad am beatha. Thàinig Clann MhicÌomhair a Leòdhas còmhla ri na Sìophortaich airson smachd a chumail air daoine agus bha iomadh bàta aca. Bhiodh iad a' siubhal cho fada ri Èirinn. Tha fiosrachadh aig Dòmhnall mu uisge-beatha agus cìsean, agus an t-adhbhar a bha Mac an Tòisich air a h-uile uisge-beatha mar ainm. Bha ceangal sònraichte eadar Leòdhasaich agus muinntir Taobh Siar Chataibh mu mheadhan na 18mh linn. Bha Clann MhicÌomhair nam marsantaich agus bhiodh iad a' siubhal cho fada ri Carlisle. Thadhail am bàrd Rob Donn air Griais agus tha Dòmhnall ag aithris pìos bàrdachd a rinn e mu dheidhinn. Tha Dòmhnall ag innse mu Lewis MacIver, fear-taca Ghriais a bha air fhaicinn mar cheannard Chlann MhicÌomhair. Tha tuilleadh fiosrachaidh aige cuideachd mu bhàtaichean Chlann MhicÌomhair.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Ros is Cromba

Eilean - Leòdhas

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math