Prògram Choinnich
Fiosraichean
Luchd-agallaimh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
13651
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Taisbeanadh eachdraidheil mun phort-adhair ann am Beinn a' Bhadhla.
Tha Alasdair MacEachainn a' bruidhinn mu eachdraidh a' phuirt-adhair ann am Beinn a' Bhadhla aig àm an Dara Cogaidh. Bidh taisbeanadh ann an Grìminis far am bi cothrom aig muinntir an àite cruinneachadh de dhealbhan le Mike Hughes fhaicinn agus a bhith a' cluinntinn mu cho cudromach 's a bha am port-adhair aig àm a' chogaidh.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Eilean - Leòdhas
Paraiste - Steòrnabhagh
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Àite a' Chuspair
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Beinn a' Bhadhla
Paraiste - Uibhist a Deas
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Coinneach MacÌomhair (CM): Gheibh muinntir Uibhist cothrom mhath an ath-oidhch' beagan de dh'eachdraidh inntinneach fhaicinn ann an Talla Naomh Moire ann an Grìminis am Beinn a' Bhadhla. Eachdraidh Port-adhair Bhaile a' Mhanaich a tha gu bhith air innse ann am briathran agus ann an deilbh. Tha tomhas dhen an eachdraidh aig Alasdair MacEachainn. Tha e còmhla rium an-dràsta ann an Lìonacleit. Ciamar a tha thu, Alasdair?
Alasdair MacEachainn (AM): Math, tapadh leibh, a Choinnich.
CM: Uill, dè tha gu bhith a' tachairt an toiseach an ath-oidhch'?
AM: Uill tha sinn am beachd, an ath-oidhch', thathar air an rud a chur air dòigh airson cothrom a thoirt do dhaoine tighinn a-mach a dh'fhaicinn dealbhannan 's eachdraidh a tha am fear seo, Mike Hughes, a th' air a bhith... a th' aig ùidh ann an eachdraidh Feachd an Adhair air feadh Bhreatainn an àm an Dàrna Cogaidh. Tha e air mòran stuth a chur còmhla, agus tha e a' tighinn a-mach, tha mi a' smaointinn co-dhiù, a rèir mar a tha mi a' tuigsinn, tha Feachd an Adhair fhèin an seo ann am Beinn a' Bhadhla a' cur rudeigin air dòigh mar chuimhneachan air Batal Bhreatainn, ach tha Mike, fhuair e... dh'fhaighneachd e dhomh fhìn an gabhadh rudeigin cur air dòigh airson innse do mhuinntir an àite fhèin, dhan fheadhainn a bha timcheall aig an àm, agus feadhainn dhen fheadhainn as òige, gu dè cho cudromach 's a bha Port-adhair Bhaile a' Mhanaich an àm an Dàrna Cogaidh 's na bha a' dol air adhart ann an seothach aig an àm sin.
CM: Agus tha mi a' tuigsinn, ann a bhith a' dèanamh sin, gu bheil thu fhèin air a thighinn an-àird le deilbh agus sgeulachdan gu leòr co-cheangailte ris a' phort-adhair aig an àm sin?
AM: Tha. An dòigh anns an tàinig mise tarsainn air Mike an toiseach, 's ann nuair a bha e a' coimhead airson dealbhannan, nuair a bha e an seothach o chionn bliadhna no dhà, agus e a' cruinneachadh an stuth a tha seo, agus tha beagan dhealbhannan agam fhìn. Feadhainn... feadhainn a chaidh a thogail faisg air deireadh a' chogaidh fhèin à itealan, tarsainn air Baile a' Mhanaich, 's chì sibh e anns an dealbh a tha seo, tha e gu math follaiseach far an robh na togalaichean uile, 's mar a bha am port-adhair aig àm a' chogaidh.
An rud bu mhotha a chuir iongnadh orm fhìn aig an àm a bha sin, nuair a thòisich mi air bruidhinn ri Mike, 's nuair a rinn e a-mach, can, cò às a bha mi 's cò dha a bhuininn, bha an uair sin, bha mi ag innse dha mar a bha teaghlach mo mhàthar, 's ann air Eilean Shùnamail, dìreach a-mach an ear-thuath air a' phort-adhair a chaidh... a rugadh mo mhàthair 's a chaidh a togail, agus nuair a chuala e seo, thòisich e an uair sin air innse dhomh mar a bha e air litir fhaighinn o chuideigin a bha an seo an àm a' chogaidh. Bha taigh-còmhnaidh aca aig Feachd an Adhair air Eilean Shùnamail. Bha direction finding station aca ann an sineach. Agus an t-iongnadh a chuir e orm, gun robh e air litir fhaighinn dìreach goirid ron àm sin o chuideigin a bha a' fuireach air Sùnamul aig an àm a tha seo, 's tha e ag innse dìreach mar a choinnich e rim sheanmhair 's rim sheanair, 's mar a bha iad a' faighinn uighean 's bainne 's buntàta 's rudan mar sin bhuapasan, 's iadsan aig an aon àm a' toirt dhaibh rudan a bha gann ann an seo aig an àm, mar tì 's siùcar 's rudan mar sineach. 'S on uair sin, an t-iongnadh a chuir e orm, dìreach gun robh daoine mu chuairt fhathast - bha an duine seo, 's ann an Nottingham a bha e a' fuireach - agus chuir mise an uair sin Mike fhèin, chuir mi daoine eile a rathad a bha fhios a'm a bha ann an seothach an àm... an àm a' chogaidh, 's chruinnich e fhèin an t-uabhas fiosrachadh o na daoine a bha sin cuideachd.
Agus on uair sin, nuair a bhithinn ag innse rudan mar seo do dhaoine, a-rithist chuir e iongnadh orm gun robh a h-uile duine a bh' ann, cha mhòr, ris am bruidhneadh tu, bha an stòiridh aca fhèin mu dheidhinn Baile a' Mhanaich an àm a' chogaidh.
CM: 'S e àite gu math trang a bh' ann aig àm a' chogaidh, nach e?
AM: 'S e. A thaobh a' phort-adhair fhèin, tha mi a' tuigsinn gun robh suas... bhiodh timcheall air dà mhìle ann an seo aig an àm an sàs ann an obair a' phort-adhair, agus na squadrons a bh' ann aig an àm, tha mi a' smaointinn gun tàinig iad an seo an toiseach, can, a dhèanamh rannsachadh air port-adhair a chur air bhonn timcheall air... dìreach faisg air toiseach an Dàrna Cogaidh. 'S ann an uair sin, ann an naoi ceud deug 's dà fhichead, a thòisich iad air an obair a bha sineach, agus a-rithist tha mi a' tuigsinn aig an àm nuair a bha iad a' cur choinneamhan air dòigh airson innse dha na daoine dè bha nam beachd, 's tha mi a' creidsinn gum b' fheudar do dhaoine a ràdh riutha fhèin, 'Uill tha an cogadh ann 's feumaidh sinn an talamh a thoirt suas - feumaidh sinn dìreach a dhol leis a seo.' 'S ann anns an talla anns am bi sinn an ath-oidhch' a bha a' choinneamh a bha seothach, ann an Grìminis.
Ach an uair sin nuair a thòisich an obair, 's e Airfield Construction Branch aig Feachd an Adhair a thàinig a-staigh, 's bha mi dìreach an-dè a' leughadh a' Phàipeir Bhig mu dheidhinn nuair a bha... a bhith a' tarraing a-mach à Hiort, 's chunna mi gur e an aon fheadhainn, 's e Works Service Section a chanadh iad riutha, ach 's e an aon fheadhainn, an aon bhuidheann de Feachd an Adhair a chuir air bhonn àite an Airm ann an Hiort cuideachd, deich bliadhna an dèis dhan chogadh stad.
CM: Man a tha thu ag ràdh, tha mi a' creidsinn gu bheil a h-uile duine leis na sgeulachdan aca fhèin, a h-uile duine a tha beò aig a bheil cuimhn' air a seo leis na sgeulachdan aca fhèin. Tha mi a' creidsinn gur e aon dhe na sgeulachdan a bhios daoine a' cluinntinn an ath-oidhch', mu dheidhinn an turas a thàinig itealan sìos aig a' phort-adhair ann an sin, gu math faisg air far a bheil an garaids an-diugh, nach ann?
AM: Thàinig tè a-nuas ann an sineach, tè dhe na Flying Fortresses, 's e sin tè dhe na, tha mi a' smaointinn, na squadrons bu mhotha air an do rinn Mike Hughes a tha seo rannsachadh, agus tha feadhainn dhe na bha anns an squadron a bha sineach ann am Beinn a' Bhadhla, tha iad, tha mi a' tuigsinn, ann an seothach air an deireadh-sheachdain a tha seo, a thaobh tha iad a' cumail seirbheis, tha mi a' smaointinn, a-màireach mar chuimhneachan air triùir dhe na chaidh sìos anns an itealan a bha sineach agus a tha air an tiodhlacadh ann an Cladh Bhaile nan Cailleach. Bha am Flying Fortress a bha sineach, bha i a' feuchainn ri togail air falbh bho Phort-adhair Bhaile a' Mhanaich, agus nuair a thàinig an tè a bha seothach, tha mi a' smaointinn, a bha dìreach air tighinn a-staigh, thàinig i tarsainn air an raon-laighe, dìreach mu coinneamh, 's b' fheudar dhi togail air falbh ron àm, mar gum bitheadh, agus cha b' urrainn dhi dìreach togail suas luath gu leòr, 's thàinig i a-nuas dìreach... dìreach a-mach a tuath air far an tuirt thu, dìreach, air a' gharaids ann am Baile a' Mhanaich ann an sineach. Agus a rèir choltais, bha i... bha i a' falbh, dìreach, a-mach a tuath. Bhiodh iad a' ruighinn suas Faroes, 's bhiodh iad a' ruighinn Iceland. 'S ann a' coimhead a-mach airson U-boats a bha iad. Agus bha i sineach, an tè a chaidh sìos, bha i loma-làn bombs agus cha robh e furasta dhaibh aig an àm. Bha iad gu math faiceallach mu dheidhinn a dhol faisg orra, airson na daoine truagh a bha sineach fhaighinn a-mach. Ach saoilidh mi gun do shàbhail aon duine dhiubh.
CM: 'S an dùil a bheil gin a phìosan itealan, gin a nithean dhen an seòrsa a thathas air a bhith a' lorg ann an croitean ann an Leòdhas anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, pìosan de dh'itealan, 's dòcha, nach robh daoine a' cur luach orra an uair sin, a bheil gin dhen a sin timcheall fhathast?
AM: Saoilidh mi nach eil ann an Uibhist. Uill, ged a tha mi ag ràdh sin, ann an Uibhist faisg air Port-adhair Bhaile a' Mhanaich. Chaidh itealan, tè dhiubh sìos ann an Loch nam Madadh, air Lì ann a shin, saoilidh mi. Chan eil fhios a'm air an t-uabhas mu deidhinn. Bhuail tè eile ann an Conachair ann an Hiort. A-rithist, ma thig thu... duine a-null a Bhatarsaigh, tha tè na laighe ann an sin ri taobh an rathaid mhòir ann am Bhatarsaigh. Tha iad an siud 's an seothach, ach lem chuimhne, beagan a thàinig a-nuas faisg oirnne ann an seo... thàinig tè a-nuas anns an fhadhail a tuath, ach rinn iad an gnothach air a sineach a shlaodadh às a' mhuir agus a toirt air falbh a-rithist. Thàinig tè a-nuas agus... an dèis a leòn anns an fhadhail a deas cuideachd, agus choinnich mi... tha mi an dòchas, fear a bhios còmhla rinn an ath-oidhch', choinnich mi ri cuideigin a tha cuimhn' aige air sineach a thighinn a-nuas, agus a bha na broinn, na ghille òg.
Ach a bharrachd air an tè a chaidh sìos dìreach mu choinneamh a' phort-adhair ann am Baile a' Mhanaich, chan eil fhios a'm gun do... an tàinig gin gu talamh timcheall. Sin aon rud dhe na thàinig a-mach às am beagan rannsachadh a rinn mi fhìn mu dheidhinn an rud, gun robh... gun robh... cho beag 's a chaidh a dhìth, can, dhe na chaidh a-mach às a seo suas a tuath. Chaidh tè no dhà gun teagamh, ach seo rud dhe na bhios a' toirt ort a bhith a' smaointinn mu dheidhinn - na dh'fhalbh às a seo, dhe na planes, dhe na Flying Fortresses, dhe na h-itealain a bha sin, 's gun fhios aca an robh iad a' dol a thilleadh ann an seo. Ach 's e fìor bheagan dhiubh a chaidh sìos, agus tha iad ag ràdh, tha mi a' smaointinn gun deach... gun d' fhuair iad sia-deug air fhichead de submarines a' falbh às a seo. Can, bha iad a' coimhead às dèidh na convoys a bha a-muigh western Atlantic 's sineach, agus a' coimhead airson na submarines Ghearmailteach a bha seo.
CM: Tha mi a' creidsinn gur e aon dhe na h-adhbharan a bhios sibh a' cur seo air dòigh, an còmhradh agus na deilbh, gur ann a bhios sibh an dòchas gun tig feadhainn eile aig a bheil sgeulachdan eile nach cuala sibh gu ruige seo?
AM: Uill tha mi an dòchas gun tig. Sin rud dhen... a bharrachd air gu bheil an t-uabhas de dhealbhannan agus de dh'eachdraidh aig Mike - tha e ag ràdh rium gun toir e leis suas mu cheud slide - faodaidh iad suidhe an sin fad na h-oidhche, ma thogras iad, a' bruidhinn mu dheidhinn, ach faodaidh daoine dìreach a bhith a' falbh 's a' tighinn mar a thogras iad. Tha sinn a' dol a chur air cupa tì do dhaoine airson 's dòcha gu leòr nach bi airson math dh'fhaodte bruidhinn suas am meadhan an ùrlair, ach gheibhear an uair sin cothrom tighinn còmhla timcheall air cupa tì. 'S ann an uair sin, tha mi a' creidsinn, a thig gu leòr dhen bhruidhinn a dhèanamh.
CM: Agus mas e 's gu bheil duine sam bith ag èisteachd aig a bheil beachd no fiosrachadh air gin dhe na nithean a thog Alasdair ann an siud, chan e a-mhàin gum biodh esan toilichte cluinntinn mun deidhinn, bhiodh sinne toilichte cluinntinn mun deidhinn cuideachd. Ceud mìle taing dhutsa, Alasdair, airson innse dhuinn mu dheidhinn an fhoillseachadh a tha sin, an Talla Naomh Moire ann an Grìminis an ath-oidhch' aig leth-uair às dèidh ochd. Alasdair MacEachainn ann an sin.

Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math