spacer
spacer

A' Ghobhar Ghlas a' faighinn nam meann aice air ais bhon mha...

Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
Tiotal a' Chlàir - A' Ghobhar Ghlas a' faighinn nam meann aice air ais bhon mha...
Fiosraichean - Marion MacInnes
Luchd-clàraidh - Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach

Geàrr-chunntas - A' Ghobhar Ghlas a' faighinn nam meann aice air ais bhon mhadadh-ruadh a bha air an ithe.

Bha a' Ghobhar Ghlas a' dol a-mach a h-uile latha agus a' fàgail nam meann aice san taigh le òrdugh gun duine a leigeil a-steach. Bha i a' ceangal snàthainn dearg is snàthainn gorm mu a casan gus an aithnicheadh iad i nuair a thilleadh i. Aon latha thàinig madadh-ruadh chun an taighe agus thuirt e gum b' e am màthair agus a leigeil a-steach. Thuirt iad gun robh snàithnean dearga is gorma air casan am màthar. Fhuair am madadh-ruadh snàithnean agus thill e 's leig iad a-steach e. Dh'ith e na minn agus chaidh e dhachaigh. Chaidh a' Ghobhar Ghlas gu taigh na faoileig is taigh na feannaig a lorg nam meann agus an uair sin gu taigh a' mhadaidh-ruaidh. Chuala feadhainn a bha a' buain mhònadh i a' caoineadh. Mharbh iad am madadh-ruadh is thug iad na minn air ais slàn fallain dhi.

Fad a' Chlàir (h:m:s) - 00:03:40
Àm Clàraidh - 1970.03
Cànan - Gàidhlig
Seòrsa - Sgeulachd
Cruinneachadh - Sgoil Eòlais na h-Alba

Àireamh a' Chlàir - 13674
Àireamh an Teip Thùsail - SA1970.050
Àireamh a' Chlàir Thùsail - SA1970.50.B2
Càileachd an Fhuaime - Math
Cruth Inneal a' Chlàir - R2R

Seòrsachadh - AT123;

Notaichean a' Chlàir -

Ceangal Maireannach - http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/13674/1




Clàr 1 de 1
« An clàr roimhe  |  An ath-chlàr »
spacer
spacer
BBC Alba
The National Trust for Scotland
Sabhal Mor Ostaig
EDINA