Rannsaich

A' Ghobhar Ghlas a' faighinn nam meann aice air ais bhon mha...

Ceann-latha March 1970
Àireamh a’ chlàir 13674
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1970.50.B2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1970.050

Geàrr-chunntas

A' Ghobhar Ghlas a' faighinn nam meann aice air ais bhon mhadadh-ruadh a bha air an ithe.

Bha a' Ghobhar Ghlas a' dol a-mach a h-uile latha agus a' fàgail nam meann aice san taigh le òrdugh gun duine a leigeil a-steach. Bha i a' ceangal snàthainn dearg is snàthainn gorm mu a casan gus an aithnicheadh iad i nuair a thilleadh i. Aon latha thàinig madadh-ruadh chun an taighe agus thuirt e gum b' e am màthair agus a leigeil a-steach. Thuirt iad gun robh snàithnean dearga is gorma air casan am màthar. Fhuair am madadh-ruadh snàithnean agus thill e 's leig iad a-steach e. Dh'ith e na minn agus chaidh e dhachaigh. Chaidh a' Ghobhar Ghlas gu taigh na faoileig is taigh na feannaig a lorg nam meann agus an uair sin gu taigh a' mhadaidh-ruaidh. Chuala feadhainn a bha a' buain mhònadh i a' caoineadh. Mharbh iad am madadh-ruadh is thug iad na minn air ais slàn fallain dhi.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Seòrsachadh

AT123

Tar-sgrìobhadh

Mòrag NicAonghais (MN): Chuala mise mar a bha siud, mar a bha a' Ghobhar Ghlas, agus bha trì minn aice. Bhiodh i a h-uile latha a' falbh dhan tràigh, agus bhiodh i a' fàgail na minn a-staigh. 'S bhiodh i a' dùnadh an dorais, agus bhiodh i ag iarraidh air na minn gun an doras fhosgladh do chreutair sam bith a thigeadh chun an dorais. Agus bha i a' cur snàithle dearg 's snàithle gorm mu cois, agus nuair a chuireadh i a cas a-staigh air an doras, dh'aithnicheadh iadsan gura h-i a bhiodh ann.

Ach latha dhe na lathaichean seo, dh'fhalbh a' Ghobhar Ghlas mar a b' àbhaist dhan tràigh, agus thàinig am madadh-ruadh chun an taighe. Bhuail e an doras. Bha na minn a-staigh, 's dh'iarr iad... dh'iarr e a leigeil a-staigh, 's thuirt iad nach... thuirt iadsan nach leigeadh, "gus an tigeadh ar màthair".

"Ò, is mise ur màthair," ars esan.

"Ò, cha tu idir," ars iadsan.

"Dè an comharra a th' air ur màthair?" ars am madadh-ruadh.

"Snàithle dearg agus snàithle gorm mu a cois," ars iadsan.

Dh'fhalbh esan 's thug e truiseadh timcheall an àite co-dhiù, 's fhuair e gu tubaisteach snàithle dearg agus snàithle gorm 's chuir e mu chois i. Chaidh e a-staigh... chaidh e chun an dorais. Chuir e a chas a-staigh air an doras.

"Seall sibh a-nist, nach mi a-nist ur màthair," ars esan.

Ò, leig iadsan, na creutairean, leig iad a-staigh am madadh-ruadh, 's cha do thàr am madadh-ruadh tighinn a-staigh co-dhiù nuair a dh'ith e na minn. Nuair a dh'ith e na minn tharraing e air an taigh. 'S ràinig a' Ghobhar Ghlas às an tràigh. Cha robh meann no meann aice.

Dh'fhalbh i co-dhiù, 's bha i a' caoineadh 's a' lasagaich, 's chaidh i gu taigh na faoileig, 's chaidh i a mhullach an taighe, 's dh'èigh an fhaoileag:

"Glitheach, glitheach," ars an fhaoileag, "cò siud air mullach mo bhothain bhig chrunnsaich chrannsaich, nach leig le mo leanabh dhol dhan tobar 's nach leig le mo choireachan goil 's nach leig... leig le mo choireachan goil 's leig le mo leanabh dhan tobar a dh'iarraidh deoch dhen uisge a dh'òlas mi?"

"Tha mise," ars a' Ghobhar Ghlas, ars i, "'s i a' toirt às ag iarraidh a cuid meann."

"Air an adhar a tha os a chionn," ars ise, "agus air an talamh a tha fodha, 's air a' ghrian a chaidh sìos, chan fhaca sinne riamh do chuid meann."

Dh'fhalbh ise co-dhiù 's chaidh i gu taigh na feannaig, 's chaidh i gu mullach an taighe, 's dh'èigh an fheannag:

"Grathach, grathach," ars an fheannag, "cò siud air mullach mo bhothain bhig chrunnsaich chrannsaich nach leig le mo choireachan goil 's nach leig le mo leanabh dhan tobar a dh'iarraidh deoch dhen uisge a dh'òlas mi?"

"Tha mise," ars a' Ghobhar Ghlas, "'s mi air mo thoirt às ag iarraidh mo chuid meann."

"Air an adhar a tha os a chionn," ars i, "'s air an talamh a tha fodha 's air a' ghrian a chaidh sìos, chan fhaca sinne riamh do chuid meann."

Dh'fhalbh i co-dhiù 's ràinig i an uair sin taigh a' mhadaidh-ruaidh. Bha i ann am mullach an taighe sin, 's bha i a' lasagaich, 's dh'èigh esan:

"Cò tha siud am mullach mo bhothain bhig chrunnsaich chrannsaich nach leig le mo choireachan goil 's nach leig le mo leanabh dhan tobar a dh'iarraidh deoch dhen uisge a dh'òlas mi?"

"Tha mise," ars a' Ghobhar, "'s mi air mo thoirt às ag iarraidh mo chuid meann."

"Air an adhar a tha os a chionn," ars esan, "'s air an talamh a tha fodha 's air a' ghrian a chaidh sìos, chan fhaca sinne riamh do chuid meann."

Tha mi a-nis a' smaointinn gur e feadhainn a bha a' falbh a bhuain mhònadh a thàinig agus a chuala a' Ghobhar a' rànaich ann am mullach an taighe, a thàinig a-staigh agus a mharbh am madadh-ruadh agus a thug na minn... a thug na minn dhan Ghobhair.

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Seadh, 's bha iadsan cho slàn 's a bha iad riamh, an robh? Na minn.

MN: Bha na minn cho math 's a bha iad riamh ann am broinn a' mhadaidh-ruaidh 's dh'fhalbh a' Ghobhar dhachaigh leis... le a cuid mhinn 's cha chuala mi... Nis tha mi a' smaointinn gur ann mar sineach a bha e, ach chan eil mi uabhasach [???] chinnteach, ach co-dhiù no cò aca, biodh esan mar sin.

DE: 'S cò aig a chuala sibh an naidheachd?

MN: Ò chuala aig m' athair. Nach biodh e ga gabhail dhuinn nuair a bha sinn beag.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math