Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 12 January 1995
Àireamh a’ chlàir 1431
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.01.1995

Geàrr-chunntas

Cuimhneachadh air an reothadh mhòr ann an 1895.

An reothadh mòr ann an 1895 a thug buaidh air an dùthaich gu lèir, far an robh i cho fuar ri 27 fo ìre reothaidh. Ged nach robh i cho fuar seo a h-uile latha, mhair an reothadh airson cha mhòr dà mhìos. Tha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn air a' bhuaidh a bha aige air an dùthaich, na duilgheadasan a bha na lùib agus mar a dhèilig na h-ughdarrasan leis.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Bha sinn an-dè, ma tha cuimhne agaibh, a' cluinntinn mun t-sneachda a thòisich dà fhichead bliadhna na seachdain sa. Thug sin air Tormod Dòmhnallach ann am Port Rìgh a bhith a' faighneachd dhomh às dèidh a' phrògraim, an robh mi a-riamh air a chluinntinn mun an reothadh mhòr a bh' air tòiseachadh ceud bliadhna gus an latha. Uill, cha robh, thàinig orm aideachadh. Agus tha Tormod a-nis a' gabhail an aithreachais gun do dh'fhosgail e a bheul. Tha e ann am Port Rìgh gus innse dhomh beagan mu dheidhinn an reothaidh mhòir. Madainn mhath, a Thormoid.

An t-Ollamh Tormod Dòmhnallach (TD): Ò, ciamar a tha thu an-diugh, a Choinnich? Chan eil i idir cho fuar ann am Port Rìgh an-diugh 's a bha i ceud bliadhna air ais air an dearbh latha seo.

CM: Dè cho fuar agus a bha e?

TD: Uill, bha i sia-deug ceum air an latha seo fo neoni, air an latha seo.

CM: Dh'fheumadh duine briogais gu math tiugh, ceart gu leòr.

TD: Bha i fuar gu dearbh, agus cuimhnich gun robh ceala-deug air a bhith aca ron an latha sin, no faisg air ceala-deug, de reothadh 's de shneachda. Ged nach robh i buileach cho fuar 's a bha i ceud bliadhna air ais air an dearbh latha seo a h-uile latha, bha lathaichean ann nuair a bha i sìos gu seachd air fhichead degree fo neoni.

CM: Nise... agus chaidh seo sìos mar an... leis an ainm, an reothadh mòr. Dè... cuin a bha e ann? Dè cho fad 's a sheas e, agus dè cho dona 's a bha e?

TD: Tha thu ceart. A h-uile duine a tha a' coimhead air aimsir anns an naoidheamh linn deug ann an Alba, agus gu dearbh, air feadh Bhreatainn, canaidh iad, the great frost of eighteen ninety-five ris an aimsir a bh' againn dìreach air na lathaichean seo bho chionn ceud bliadhna. 'S thòisich e cha mhòr gun fhiosta dhan a h-uile duine air a' chiad latha dhen Fhaoilleach, dìreach Latha na Bliadhn' Ùire. Uill, tuigidh tu nach e Latha na Bliadhn' Ùire a bh' aig a' mhòr-chuid air a' Ghàidhealtachd aig an àm sin. Bha iad a' cumail Latha na Bliadhn' Ùire mar Latha na Seann Bhliadhn' Ùire, mar gum b' eadh. Ach air a' chiad latha dhen a' bhliadhna, mar gum b' eadh. Agus thuirt mi gun robh e a' cur iongnadh air daoine, 's bha sin air sàillibh gun robh, anns na seachdainean, 's gu dearbh, airson dà mhìos ron a sin, cha robh droch shìde idir air a bhith aca air a' Ghàidhealtachd. Bha i air a bhith ciùin, agus bha iad a' ràdh gun robh fiù 's am feur a' fàs suas gu deireadh na bliadhna - rud a tha sinn air a bhith a' cluinntinn cuideachd dìreach air a' bhliadhna a chaidh seachad. Agus feadhainn a tha a' faicinn pàtranan ann an aimsir, dh'fhaodadh gum faic iad rudeigin... coimeas eadar rudan a tha a' tachairt air a' bhliadhna seo agus mar a bha a' tachairt o chionn ceud bliadhna air ais, a thaobh bha i sònraichte ciùin. Mar sin, nuair a thàinig an reothadh mòr a-staigh air a' chiad latha dhen bhliadhna, chuir e iongnadh mòr air a h-uile duine, 's thàinig e gun fhiosta.

CM: Agus dè cho fad 's a sheas e?

TD: Uill, sheas e faisg air dà mhìos. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e a-steach dhan... dhan naoidheamh seachdain an dèidh dha tòiseachadh. Tha mi a' smaoineachadh gur ann air a... air an fhicheadamh latha dhen Ghearran a thàinig an t-aiteamh ceart, a chuir air falbh a' mhòr-chuid dheth. An fhicheadamh latha no an dara latha fichead no caran mun àm sin.

CM: Agus nuair a tha sinn a' bruidhinn air a seo, tha sinn a' bruidhinn air, chan ann a-mhàin air an Eilean Sgitheanach, chan ann a-mhàin air a' Ghàidhealtachd, ach air feadh na dùthcha. Gu dearbh, bha mi a' leughadh... tha mi a' smaoineachadh, Loch na Sanais, gun iad ag obair le... ag obair air curl-adh, às bith dè a' Ghàidhlig a th' air curl-adh, airson dà fhichead agus a còig làithean.

TD: Tha, tha sin ceart. Agus an rud annasach mu dheidhinn sin, a Choinnich, tha cuimhn' a'm nuair a thòisich mise a' gabhail ùidh mi fhèin anns a' ghnothaich seo an toiseach, agus mi a' feuchainn ri rudan a lorg a-mach, fhaighinn a-mach mu dheidhinn, ann an rudan a bha sgrìobhte mu dheidhinn, bha leabhraichean mu dheidhinn curling gu math cudromach agus feumail dhomh, a thaobh bha feadhainn a bha a' sgrìobhadh mu dheidhinn curling 's a' dèanadh eachdraidh air, a' faighinn iomradh anns na leabhraichean sin mu dheidhinn mar a bha daoine ris an spòrs a bha seo, agus ris an iomain cuideachd, cuimhnich, air lochan 's air aibhnichean air feadh na Gàidhealtachd.

CM: Bha buaidh... droch bhuaidh aige cuideachd, ge-tà, oir, mar eisimpleir, chaochail daoine ri linn, nach do chaochail?

TD: Ò, uill, gu dearbha. Agus do dhaoine a bhiodh a' dol gu muir, can, airson am beòshlaint, bha cùisean gu math cunnartach, agus tha naidheachdan gu leòr ann mu bhàtaichean a' dol air na creagan anns gach sgìre, agus mar a bhios fhios agad fhèin, tha mi a' creidsinn, bha Leòdhas fìor dhona aig an àm sin. Agus a bheil mi ceart le bhith a' smaoineachadh, a Choinnich, gun cuala mi air a' phrògram agad fhèin, no air prògram air choreigin bho chionn beagan sheachdainean air ais, mu dheidhinn am bàthadh mòr a bha san Loch a Tuath ann a shin, nuair a chaidh, tha mi a' smaoineachadh, naoi duine deug far a' Bhac am bàthadh?

CM: Bha. 'S ann a bha sin air an dàrna latha fichead dhen a... de mhìos dheireannach na bliadhna a chaidh seachad.

TD: Ach bha e car mun aon àm, aidh.

CM: Uill... uill, ciamar a dhèilig na h-ùghdarrasan ris a sin? Oir an-diugh, nan tachradh rud mar sin, bhiodh a h-uile duine a' cantainn, 'Chan eil salann gu leòr air na rathaidean.' Ciamar a dhèilig na h-ùghdarrasan ris na bha a' tachairt?

TD: Uill, cuimhnich, ceud bliadhna air ais bha daoine dìreach a' tòiseachadh a' faighinn cleachdte ri seirbheisean phoblach, mar gum b' eadh. Rudan mar uisge a bhith a' tighinn a-staigh dha na dachannan anns na bailtean. Nist, bha duilgheadasan sònraichte ann am bailtean leithid Inbhir Nis, far an robh reothadh fìor dhona, agus ann an Inbhir Pheofharain. Nist, bha na pìoban reòthte, agus a h-uile càil a b' urrainn a bhith ceàrr, a' dol ceàrr an lùib sin, a' dol ceàrr, agus an rud a rinn na h-ùghdarrasan ann an Inbhir Nis 's ann an Inbhir Pheofharain gu sònraichte, 's e gun tug iad cairtean timcheall na dachaighean, timcheall na sràidean, cairtean le eich gan tarraing agus uisge air na cairtean, a' dol timcheall na sràidean, a' toirt seachad uisge dhan fheadhainn aig an robh feum air. 'S bha iad cuideachd ann an Inbhir Pheofharain aig aon àm, nuair a bha a h-uile coltas, agus seo air a bhith a' dol sia no seachd a sheachdainean, nach robh e a' dol a thighinn gu ceann idir, a' cur pìoban eadar an aon abhainn a bha faisg nach robh a' reothadh no anns an d' fhuair iad toll air choreigin a dhèanadh airson uisge a thoirt le pìoban sònraichte gu meadhan a' bhaile, far am faodadh daoine a dhol le peilichean agus cuinneagan agus siugannan iad fhèin airson uisge fhaighinn dhaibh.

Sin... sin an rud, 's rud eile a bha a' dèanadh trioblaid mòr do dhaoine, 's e nach robh e furasta do dhaoine siubhal, a thaobh bha an rèile, cha b' urrainn dha na trèanaichean falbh. Nist, chan e a-mhàin gun robh reothadh ann, ach cuimhnich gun robh sneachd ann cuideachd. Ach ged a b' urrainn do dhaoine an sneachd a ghluasad air falbh - cha robh e furasta, ach bha iad ga dhèanadh - bha e fhathast doirbh dha na trèanaichean gluasad. Mar sin, bha àitichean mar Malaig agus Caol Loch Aillse, an t-Eilean Sgitheanach, a bha 's dòcha an uair sin a' cleachdadh an rèile barrachd 's barrachd airson bathar a thoirt a-staigh, 's ma bha daoine a' siubhal, bha iad cha mhòr glaiste dheth uile-gu-lèir.

CM: Gu dearbha, bha mi a' leughadh gun do chosg e do Chompanaidh Rèile na Gàidhealtachd eadar dà mhìle agus trì mìle not a bhith a' toirt an t-sneachda air falbh bhon an loidhne, agus fhios a'd, tòrr airgead a tha sin anns an latha a bha sin.

TD: Uill, 's e gu dearbha. Nist, a' smaoineachadh air a sin, tha mi a' creidsinn gum biodh sin suas ann a... anns na ceudan de mhìltean anns an latha a th' ann an-diugh, agus bha sin uile a' tighinn a-mach à sporan nach robh uabhasach domhainn air a' Ghàidhealtachd aig an àm.

CM: Nise, chan e a-mhàin gun do sheas e, 's e reothadh domhainn dha-rìribh a bh' ann. Tha mi a' smaoineachadh gun robh mi a' leughadh am badeigin eile, aon uair agus gun robh e seachad, gun robh an reothadh air a dhol cho domhainn ri ceithir troighean dhan an talamh, agus gun tug e ùine mhòr iad faighinn seachad air.

TD: Bha. Agus tuigidh duine sam bith anns an spot, a Choinnich, na duilgheadasan a thigeadh an lùib sin. Dè mu dheidhinn tiodhlacaidhean? Agus chunnaic mi fhìn dearbhadh gu leòr nuair a bha mi a' fuireach ann an Alba Nuadh, na duilgheadasan sònraichte a bh' aig daoine nuair a chaochladh duine anns a' gheamhradh. Cha b' urrainn dhaibh daoine a thiodhlacadh fad dhà no trì mhìosan, 's bha an dearbh rud a' tachairt air a' Ghàidhealtachd, agus ceithir agus còig, 's dòcha sia troighean de reothadh. Chan fhaigheadh duine spaid a chur dhan talamh, 's cha robh dòigh air duine a thiodhlacadh. Mar sin, bha duilgheadasan uabhasach ann mus robh... mus robh dà mhìos, no gu meadhan a' Ghearrain co-dhiù mus robh sin... mus robh sin seachad.

CM: Nise, càit a bheil fiosrachadh mu dheidhinn eachdraidh na sgeòil seo an-diugh? Càit am faigheadh duine seo?

TD: Uill, thuirt mi cheana gun robh rudan ann ann an leabhraichean mu dheidhinn spòrs, feadhainn a bha a' dèanadh rannsachadh air curling agus air iomain. Rudan anns na pàipearan - Northern Chronicle agus Courier Inbhir Nis. Ach duilgheadas eile an sin, gu h-àraid far a bheil sinn a' coimhead air na h-eileanan, leithid Leòdhais 's na Hearadh 's an t-Eilean Sgitheanach. Anns gach àite dhiubh sin bha cùisean dona. Bha an fheadhainn a bha a' cur an stuth thucasan, am fear a bh' ann am Port Rìgh, can, chan fhaigheadh e brath a chur, a thaobh cha robh dòigh aige air a chur thuca, a thaobh bha na systems air fad sìos, mar a chanamaid anns an latha a th' ann an-diugh. Ach an t-àite as... ò, agus feumaidh mi ràdh cuideachd gu bheil... bha an naidheachd air faighinn air dhòigheigin, 's dòcha treiseag às dèidh làimh, a Cheap Breatainn, agus bha am pàipear-naidheachd Gàidhlig, Mac-Talla, a' toirt iomradh air. Bha esan na thriom, dìreach, aig an àm seo. Thòisich e dìreach, mar gum b' eadh, dà bhliadhna ron a' bhliadhna seo. Ach 's e an rud as iongantaiche, a Choinnich, chaidh leabhar mìorbhaileach a sgrìobhadh anns a' bhliadhna sin fhèin, ochd ceud deug ceithir fichead 's a còig-deug, le fear Daibhidh Nairn, agus 's e... 's ann a-mach air tuiltean mòra air a' Ghàidhealtachd - the great floods of the Highlands a bha e a-mach - ach tha nàdar de dh'appendix anns an leabhar seo a tha a-mach a dh'aon ghnothach air reothadh mòr a bh' ann air a' bhliadhna seo bho chionn ceud bliadhna air ais, agus tha e a' toirt tomhais bho na h-uidheaman-tomhais, na thermometers a bh' aca, 's na bh' ann de reothadh, air gach latha, bhon a' chiad latha dhen Fhaoilleach, nuair a thòisich e, gun a' chiad latha fichead dhen Ghearran, nuair a bha cùisean cha mhòr seachad. Agus 's e an leabhar sin aig... aig Nairn, tha mi a' smaoineachadh, an rud as cliùitiche, ged nach eil duine idir eòlach air, a thaobh, mar a bha sinn a' cluinnteil Dòmhnall MacCormaig a' ràdh beagan nas tràithe anns a' phrògram a tha seo, a Choinnich, seann leabhraichean dhen t-seòrsa sin, chan eil iad cho furasta am faighinn an-diugh, 's tha sinn an eisimeil leithid Dhòmhnaill airson an cur a-mach a-rithist.

CM: Uill, 's dòcha gum bu chòir dhuinn fòn a chur gu Dòmhnall 's cantainn ris gu bheil leabhar eile ann an seo. A Thormoid, mo thaing dhut an-diugh airson a bhith a' cuimhneachadh còmhla rium air reothadh mhòr ceud bliadhna... air an reothadh mhòr ceud bliadhna air ais, agus gu dearbha, tha gairiseachadh annam fiù 's a' smaoineachadh air. Tapadh leat airson a chur nar cuimhne, gu dearbha, a chur nar eòlais, an fheadhainn againn nach robh fhios againn air dad mu dheidhinn. Tapadh leat.

TD: 'S e do bheatha, a Choinnich. 'S dòcha gun tèid mi fhìn 's tu fhèin a cheann a tuath Labrador uaireigin 's chì sinn a-rithist minus forty.

CM: Thalla thusa ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math