Rannsaich

Bothan Àirigh am Bràigh Raineach

Ceann-latha 05 August 1965
Àireamh a’ chlàir 14798
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.91.A5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.091

Geàrr-chunntas

Òran gaoil mnà. Tha i a' moladh a leannain, 's ag ràdh gu bheil a phògan mar bhlas na meala, agus gur e as fheàrr a thig èideadh na duine air thalamh.

Notaichean a' Chlàir

Six verses of a longer song. Additional text in 'Bàrdachd Ghàidhlig', edited by W. J. Watson.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Meadhan Lodainn

Paraiste - Dùn Èideann

Baile/Àite - Dùn Èideann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Gur h-e m' anam is m' eudail
A bha 'n-dè an Gleanna Garadh;
Fear na gruaige mar òr
'S nam pòg air bhlas meala.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

Fear na gruaige mar òr
'S nam pòg air bhlas meala;
'S tu as fhèarr thèid nad dheise
Dhe na sheas air an talamh.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

'S tu as fhèarr thèid nad dheise
Dhe na sheas air an talamh;
'S tu as fheàrr thèid nad chulaidh
Dhe na chunna mi dh'fhearaibh.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

'S tu as fheàrr thèid nad chulaidh
Dhe na chunna mi dh'fhearaibh;
'S tu as fheàrr dhan tig osan
'S bròg shocrach nam barrall.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

'S tu as fheàrr dhan tig osan
'S bròg shocrach nam barrall;
Còta Lunnainneach dubh-ghorm
'S bidh na crùintean ga cheannach.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

Còta Lunnainneach dubh-ghorm
'S bidh na crùintean ga cheannach;
'S math thig briogais on iarann
Air sliasaid a' ghallain.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

'S math thig triubhais on iarann
Air sliasaid a' ghallain;
'S math thig boineid le fàbhar
Air fear àrd a' chùil chlannaich.

O hì ó hó hù ó
O hì ó hó hù ó
Hì rì rì ó ho èile
O hìrì rìrì ó gheallaibh ó

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math