Rannsaich

Prògram Choinnich

Fiosraichean
Ceann-latha 23 February 1998
Àireamh a’ chlàir 15417
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 23.02.1998

Geàrr-chunntas

Tha Criosaidh Lawson ag innse mu chupan a bhathas ag ràdh a bha aon uair aig Fionnghal NicDhòmhnaill, a thug cobhair dhan Phrionnsa Teàrlach.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): 'S iongantach gu bheil mòran againne nach cuala mu Fhionnghal NicDhòmhnaill, a thug taic dhan a' Phrionnsa Teàrlach nuair a bha e a' teicheadh às dèidh Blàr Chùil Lodair. Shaoileadh duine gu seo nach eil càil mu deidhinn nach eil fhios againn air, nach eil càil a bh' aice nach bi fhios againn mu dheidhinn. Ach 's dòcha gu bheil dà nì air nochdadh a tha a' feumachadh beagan mìneachadh, mas ann leatha a bha iad dha-rìribh. Dà chopan a th' annta. Tha iad aig dà bhoireannach eadar-dhealaichte, agus Criosaidh Lawson aig ionad Cò Leis Thu san Taobh Tuath anns na Hearadh ris a bheil iad air a bhith a' còmhradh mu na copain. Tha Criosaidh air an loidhne còmhla rium an-dràsta. Uill, a Chriosaidh, an toiseach, an dà bhoireannach. Cò iad?

Criosaidh Lawson (CL): Uill 's ann ann an Alba a tha gach tè aca, agus tha aon duine aca, 's ann às an Eilean Sgitheanach a... dhan an Eilean Sgitheanach a bhuineadh i, agus an tè eile, 's ann do Leòdhas, rud a tha gu math iongantach, gu h-àraid air a tha i ag ràdh gun robh buinteanas aca ri teaghlach Fhionnghal NicDhòmhnaill, air sgàth 's gur ann às... shaoileadh tu gur ann às an Eilean Sgitheanach air neo à Uibhist a bhiodh an teaghlach. Ach tha an teaghlach a tha seo, cuideachd buinidh iad do dh'fhear air a bheil fhios aig a' mhòr-shluagh, Alasdair Alpin MacGriogair, an sgrìobhadair, agus bha iadsan ann an Dùn Èideann. Nise, dh'fhaodadh tu tòiseachadh air beachdachadh mu dheidhinn ciamar a fhuair iad na copanan a bha seo. Chan eil càil a dh'fhios nach ann aig rup a thog cuideigin iad, ach tha i ri gràdh gun robh iad anns an teaghlach, agus gur e a h-athair a fhuair iad agus gur ann le Flòraidh... le Fionnghal NicDhòmhnaill a bha na copanan.

CM: Agus dè seòrsa copanan a th' ann, air a bheil sinn a' bruidhinn?

CL: Ò chan eil fhios a'm. 'S ann a' sgrìobhadh thugainn a tha iad. Cha do dh'innis iad cò ris a bha na copanan coltach idir, ach tha iad dìreach a' bruidhinn orra fèar mar gur e copanan sìona a bhiodh annta. Chan eil iad ag ràdh gun robh càil annasach, ach dìreach gur copanan a th' annta.

CM: Agus, uill, an do chuir seo iongnadh ort fhèin a bhith ga chluinntinn anns a' chiad àite?

CL: Cha do chuir.

CM: Ciamar?

CL: Airson tha sinn a' faighinn uiread a dhaoine a' sgrìobhadh thugainn ag ràdh gu bheil iad càirdeach do... do dh'Fhionnghal NicDhòmhnaill, air neo gun robh buinteanas air choreigin aig an teaghlach aca rithe. Agus tha mi a' creidsinn gur e as coireach ri seo, gur e tè gu math... ged a bha beatha garbh, garbh duilich aice, tha i air fàs gu math romantic ann a... ann am beachd dhaoine, agus gu h-àraid Ameireaganaich. Tha iad gu math dèidheil air gum bi buinteanas air choreigin aca ris an teaghlach aca. Agus ged nach biodh orra ach an sloinneadh, mas e Dòmhnallaich a th' annta, tha iad cho dèidheil air gur e... gum bi buinteanas air choreigin aca ri Fionnghal NicDhòmhnaill.

Rud eile a tha a' tachairt, thairis air na linntean, tha na sgeulachdan a tha seo a' dol rudeigin ceàrr. Chan eil mi ag ràdh gu bheil an fheadhainn a tha seo ceàrr agus nach ann... nach ann le Fionnghal NicDhòmhnaill a bha na copanan, ach gu math tric tha sgeulachdan a' dol ceàrr sìos tro na linntean. A' bruidhinn air na h-Ameireaganaich, bha tè againn anns an taigh ann an seo bho chionn bliadhna no dhà agus bha i ag ràdh gur e Fionnghal NicDhòmhnaill a bh' innte, a' tilleadh air ais a-rithist...

CM: Ò a ghràidh ort.

CL: ...agus gur e an t-adhbhar a thachair seo, gur ann airson sàbhaladh Prionnsa na Cuimrigh a th' againn an-diugh a thàinig i air ais dhan an t-saoghal. 'S e an fhìrinn a th' agam.

CM: Ò uill, 's dòcha nach b' e droch sgoilear a bhiodh innte airson sin ceart gu leòr.

CL: Cha b' i [???] idir.

CM: Chan e. Ach a bheil thusa a' creidsinn an dithis bhoireannaich gu bheil dad a choltas gu bheil... gur e copanan a bhuineadh do dh'Fhionnghal a th' annta dha-rìribh?

CL: Uill...

CM: A bheil thu gan creidsinn?

CL: Leis an obair a tha sinn a' dèanamh an seo, cha tèid sinn an aghaidh beul-aithris uair sam bith, airson tha fìrinn air choreigin... gheibh thu... ma sheallas tu a-steach ann 's dòcha nach eil e comasach dhuinn fad na tìde faighinn gu... gu fìor thoiseach an sgeula, ach gu math tric le beul-aithris tha rudeigin ann.

CM: A bheil fhios agadsa càit an deigheadh tu a dh'fhaicinn nan copanan nam biodh tu ag iarraidh?

CL: Ò tha. Ò tha.

CM: Mar sin dheth, chan e rud a th' ann a tha iad a' sgrìobhadh mu dheidhinn, 's e rud a th' ann a bhiodh iad deònach a shealltainn dhut?

CL: Ò bhitheadh. Ò bhitheadh. Bidh iad luachmhor air sgàth 's gur ann le Fionnghal NicDhòmhnaill a bha iad. 'S dòcha nach e copan a bhiodh gu math luachmhor a bhiodh annta ann an seagh eile. Agus tha fios againn gu bheil peile fiodha fhathast ann far a bheil iad ag ràdh... thug i... às an tug i deoch dhan a' Phrionnsa shìos ann an Uibhist. 'S dòcha nach saoileadh duine mòran dhen a' pheile, ach bhiodh am peile luachmhor air sgàth 's gun deach... gun do dh'òl am Prionnsa a-mach às a' pheile.

CM: Càit a bheil am peile sin?

CL: Chan urrainn dhomh le cinnt innse dhut càit a bheil e, ach shaoilinn gum biodh e ann an àite gu math sàbhailte.

CM: A bheil thu a' ciallachadh gu bheil fhios agad ach nach eil thu a' dol a dh'innse dhòmhsa.

CL: Ò chan eil, chan eil, chan eil. Shaoilinn gum biodh e ann an taigh-tasgaidh air choreigin.

CM: Ò seadh. Uill, tha an tuilleadh rannsachaidh ri dhèanamh air a seo a-rèiste, a bheil?

CL: Uill, 's e rud gu math inntinneach a th' ann, agus man a tha mi ag ràdh, cha mhòr gu bheil, dh'fhaodadh tu a ràdh, mìos a' dol an seo nach eil sinn a' faighinn litir bho chuideigin a tha a' bruidhinn air Fionnghal NicDhòmhnaill ann an aon seagh no seagh eile, air sgàth, seall an liuthad àite anns an robh i. Bha i an Uibhist, 's bha i anns an Eilean Sgitheanach, 's bha i anns a' phrìosan ann an Lunnainn, bha i ann an Carolina a Tuath, agus bha i ann an Alba Nuadh. Aig iomadach àm na beatha, chaill i a h-uile càil a bh' aice, agus ghabhadh e a bhith, cò aig a tha fhios càit an deach an stuth a bh' aice. Air a bha iad an Carolina a Tuath, air a dh'fhalbh an duine aice a shabaid dhan an Arm, chaidh a h-uile càil a bh' aca a thoirt bhuapa, agus tha mi a' smaoineachadh gur e glè bheag a fhuair i air a shàbhaladh aig an àm sin. Agus air a bha iad anns an Eilean Sgitheanach, 's e a' bhochdainn a chuir air falbh à sin iad. Agus air a bhàsaich i a-nis, bha seachdar chloinne aice, agus shaoileadh tu gur ann gun a' chlann a dheigheadh a h-uile càil a bh' aice air a bhàsaich i 's air a bhàsaich an duine aice. Ach cò aig a tha fhios càit an deach an stuth sin às dèidh làimh. 'S dòcha gun deach a reic air neo 's dòcha gun deach a thoirt seachad do dhiofar daoine a bhuineadh dhaibh.

CM: Uill mas e agus gu bheil beachd no fiosrachadh aig duine sam bith a tha ag èisteachd air càil dhen a sin, bhiodh sinne ro-thoilichte cluinntinn bhuaibh. Tapadh leat airson do bheachd an-dràsta, a Chriosaidh.

CL: 'S e do bheatha.

CM: Agus ma gheibh thu a-mach an tòrr... an tuilleadh mu dheidhinn na copanan...

CL: Leigidh mi fios thugad.

CM: Leig gu dearbha. Tapadh leatsa gu dearbha. Criosaidh Lawson ann an sin bho ionad Cò Leis Thu an Taobh Tuath na Hearadh agus na copanan a tha na boireannaich an siud ag ràdh a bha aig aon àm le Fionnghal NicDhòmhnaill.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math