Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 1998
Àireamh a’ chlàir 15712
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 10.07.1998

Geàrr-chunntas

Còmhradh mu Bhaile a' Mhanaich bhon a dh'fhalbh mòran de mhuinntir an airm.

Tha triùir a bhuineas don sgìre a' bruidhinn mun atharrachadh a thàinig air Baile a' Mhanaich bhon a dh'fhalbh mòran de mhuinntir an airm.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - Baile a' Mhanaich

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Beinn a' Bhadhla

Baile/Àite - Baile a' Mhanaich

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Anns a' chumantas nuair a chanas duine gu bheil e ann am meadhan fàsaich tha daoine a' smaoineachadh gainmheach, agus gainmheach, agus an tuilleadh gainmhich. Tha mise ann an seòrsa de dh'fhàsach an-dràsta ceart gu leòr. Chan eil mi a' faicinn dad de ghainmheach timcheall orm ach tha mi a' faicinn an t-uabhas thaighean. Taighean falamh. Fàsach de thaighean, gu dearbha, ann am meadhan Bhaile a' Mhanaich ann am Beinn a' Bhadhla. Sealladh gu math diofraichte bhon an t-sealladh a bh' ann fiù 's bho chionn beagan bhliadhnaichean, far an robh a h-uile taigh a tha seo làn de dhaoine. Daoine a bha a' faighinn an cosnadh aig an arm, agus aig seirbheis a' Chrùin ann an seo ann am Beinn a' Bhadhla. Suidheachadh gu math eadar-dhealaichte a-nise. Còrr agus dà cheud teaghlach air falbh, agus daoine agus ceist orra mu dheidhinn a' bhuaidh a th' aig a h-uile càil a tha seo gu bhith orra fhèin agus air an àite anns na bliadhnaichean a tha romhainn. Tha triùir còmhla rium ann an seo a tha gu math eòlach air Baile a' Mhanaich. Aon dhiubh air a bhith eòlach air bho chionn barrachd bhliadhnaichean na 's dòcha a tha e fhèin airson aideachadh an-dràsta. 'S esan Niall Caimbeul. Dè an t-atharrachadh as motha a thu air fhaicinn a' tighinn, anns na dhà no thrì bhliadhnaichean bho dheireadh, a Nèill?

Niall Caimbeul (NC): 'S e na tha air fhàgail de dhaoine anns an àite, 's e as motha. B' àbhaist, mar a bha sibh fhèin a' ràdh, tòrr dhaoine 's clann a bhith a' cluich timcheall an-dràsta ann a sheo, ach chan eil sìon dheth sin a-nist ann. Tha beagan air fhàgail fhathast, ceart gu leòr, ach dh'fhalbh tòrr mòr às a seo, agus chan fheàirrde an t-àite idir e.

CM: Nuair a choimheadas mi timcheall orm ann an seo, tha mi a' faicinn taighean matha, nach eil?

NC: Ò tha taighean brèagha an seo uile. A h-uile gin riamh aca. 'S bhiodh daoine gu math toilichte nam biodh taighean mar seo aca. Gu leòr dhaoine air feadh an àite, chòrdadh e riutha a bhith a' fuireach ann an taighean dhen t-seòrsa sa.

CM: Tha thusa, 's tha thu air a bhith a' dèanamh sin thairis air grunn mòr bhliadhnaichean, a' ruith Oifis a' Phuist ann an seo. A bheil thu a' faicinn diofar anns an obair sin fhèin?

NC: Uill tha mi air a bhith leth-cheud bliadhna a' coimhead às dèidh Oifis a' Phuist, agus bha an t-àite glè mhath... on a sguir an cogadh bha tòrr dhaoine an seo, aig an arm 's an RAF, agus bha iad a' cumail an àite a' dol, ach tha an àireamh air a dhol sìos cho mòr a-nist 's tha sinn ga fhaireachdainn air feadh an àite air fad.

CM: 'S e sealladh duilich a tha seo, nach e? Na tha seo de thaighean agus iad falamh.

NC: Ò nach eil fhios gur e. 'S e rud truagh a th' ann, ann an àite beag mar seo, uimhir a dhaoine a' fàgail.

CM: Ach tha obraichean a' dol fhathast timcheall oirnn ann an seo, agus còmhla rium fear a tha an sàs ann an aon dhe na companaidhean, Companaidh Bhèicearachd MhicIllEathain, 's esan Ailean MacIllEathain. Uill, a bheil sibhse a' faicinn diofar aig an ìre sa?

Ailean MacIllEathain (AM): Ò tha sinn a' faicinn diofar mòr aig an ìre sa. Thòisich sinn o chionn... an e dusan bliadhna air n-ais, 's bha tòrr mhuinntir an airm an uair sin ann. 'S e sin aonan dhe na reusain gun do thòisich sinne, gun robh teansa math againn a' dèanamh an gnothach air sinn fhèin a chumail anns an àite seo. Agus... ach o chionn bhliadhnaichean tha e a' sìor dhol sìos, agus bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean mu dheireadh tha sinn air tòrr fhaicinn a bhith a' falbh às an àite.

CM: Nise, mar a thuirt Niall, tha beagan dhaoine a' fuireach ann an seo fhathast, ach a' chuid as motha dhe na taighean, tha iad falamh. Chan e a-mhàin nach eil airgead ann, ach tha faireachdainn nach eil ro mhath mu dheidhinn an àite, nach eil?

AM: Ò chan eil. Tha tòrr... trealaich dhaoine òga timcheall 's gun obair aca, agus chan eil... an rud, tha mi a' smaoineachadh, an rud as miosa a th' ann, chan eil sealladh gu bheil ùidh aca obair fhaighinn, anns na h-eileanan co-dhiù. Agus tha mi cinnteach gu bheil e truagh gu leòr air falbh, ach ann an àite beag mar seothach chan eil mòran ann a nì thu, agus tha tòrr a-mach à obair 's chan eil... chan eil mise a' faicinn an-diugh gu bheil mòran teansa air obraichean fhaighinn cuideachd ann.

CM: Nise, tha Niall air a bhith ag obair air Oifis a' Phuist ann an seo bho chionn leth-cheud bliadhna, mar a chuala sibh. Tha sibh fhèin air a bhith a' dol ann an gnìomhachas bho chionn còrr agus deich a-nise. Uill, ciamar a tha sibhse a' faicinn cùisean? Dè as urrainn dhuibhse a dhèanamh airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh ùr a th' agaibh ann an seo?

AM: Uill, tha thu mar as trice - uill, fad an t-siubhail - tha thu a' feuchainn ri rudan annasach a bheir chun nan daoine feuch an cùm thu air beagan airgead a bheir a-staigh, agus an luchd-obrach a th' agad, gu bheil thu a' feuchainn ri an cumail ann an obair. 'S e rud doirbh a th' ann an-dràsta, a' feuchainn ris an aon airgead a bheir a-staigh 's a bha thu a' toir a-staigh bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean air n-ais. Tha an aon luchd-obrach agad, agus 's e rud gu math duilich a bhiodh ann dhòmhsa nam feumainn duine a phàigheadh dheth air sàillibh nach eil mi a' dèanamh an airgead 's a bha mi a' dèanamh bho chionn beagan bhliadhnaichean air n-ais.

CM: A dh'aindeoin sin, tha mi a' tuigse gu bheil sibh fhèin, mar eisimpleir, air taigh-bìdh ùr fhosgladh, An e sin a tha thu a' ciallachadh le bhith a' feuchainn rudan ùra?

CM: Uill chan e, ach bha sinn cuideachd a' smaoineachadh, àite-bìdh ann am Baile a' Mhanaich, 's e àite a th' ann far an robh tòrr muinntir airm ag obair, 's tha tòrr obraichean ann am Beinn na Fadhla mar sin, am beagan a th' ann 's ann am Beinn na Fadhla a tha e, agus cha robh àite-bìdh ann idir airson daoine aig, 's dòcha, aig lunchtime 's a' dol a-mach a ghabhail cupa tì no sandwich no rud mar sineach, agus bha teansa ann gum faigheadh tu rud a dhèanamh mar sin. 'S ann air a shon sin a thòisich sinn, agus bha e a' coimhead glè mhath, 's tha mi an dòchas gum bi e math, ach chan ann dad nas fheàrr a tha e a' tighinn.

CM: Tha agaibh, ge-tà, ri dèiligeadh ri suidheachadh ùr, nach eil?

AM: Uill tha. Tha e doirbh start-adh air rud mar seothach, ach nuair a thachras rudan mar seothach, 's dòcha mar a tha an-dràsta a' bruidhinn gu bheil obraichean a' falbh, chan eil dad cinnteach, tha mi cinnteach, fhathast, ach tha e a' toir ort a bhith a' smaoineachadh dè tha... dè tha a' tighinn romhad 's rudan mar sin.

CM: Bidh daoine gu math dubhach aig àm dhen t-seòrsa sa, ach an dèidh sin bidh corra dhuine agus bidh iad a' faicinn gur dòcha gur e àm a tha seo a dh'fhaodas iadsan feuchainn air rud iad fhèin, agus 's e sin gu dearbha a tha Shona NicDhòmhnaill air a dhèanamh. Tha thusa air companaidh, a Shona, a thòiseachadh thu fhèin. Dè tha thu a' dèanamh?

Shona NicDhòmhnaill (SN): Tha mi... 's e companaidh airson luchd-siubhail a th' ann, airson duine sam bith a bhios... ged nach biodh iad ach a' falbh às an eilean, no a' dol a-null fairis, no bith gu dè mar sin, bidh mi a' reic leotha sin.

CM: Uill dè thug ort smaoineachadh air a seo?

SN: Uill bha mi ag obair aig a' phort-adhair ann a sheo, agus thòisich mi, tha faisg air dà bhliadhna ann a-nist, air coimhead air a seo mar phròiseact 's dòcha air companaidh a thòisichinn dhomh fhìn, agus aig an àm sin bha an t-arm ann a sheo, tòrr dhiubh ann a sheo, ach bha iad aig an aon àm a' tòiseachadh air bruidhinn an uair sin air falbh, agus... ach bha mi a' smaointinn gun robh àite ann airson leithid a chompanaidh ann a sheo, agus chùm mi orm agus tha mi air tòiseachadh air a-nist.

CM: Uill tha thu air tòiseachadh air aig àm a chanadh duine a bha thu às do chiall tòiseachadh air, 's e sin nuair a bha earrann mhòr dhe na daoine air falbh. Ceart gu leòr, tha iad a' feumachadh siubhal, ach 's ann a' falbh gun dùil aca tilleadh. A bheil dòchas agad gun tig piseach air dhòigh agus gun urrainn dhut fhèin soirbheachadh? Chan eil e furasta. Chan eil rian air, a bheil?

SN: Chan eil e furasta, ach chan eil math dhut seasamh socair air eagal 's gun tachair siud 's air eagal 's gun tachair seo. Feumaidh tu coimhead air adhart, 's feumaidh tu, mar a bha Ailean a' ràdh, rud ùr fheuchainn agus rud eile fheuchainn anns an eilean, agus 's e sin a rinn mi, agus aig an àm seo tha e a' dol glè mhath dhomh, agus tha mi ann an dòchas ann an còig bliadhna eile gum bi mi ann a sheo fhathast, agus gum bi e a' dol glè mhath.

CM: Uill 's e sin a tha inntinneach ann an dòigh, agus misneachail, nach e, gu bheil daoine òga dhe ur seòrsa fhèin ann an seo, agus ag ràdh, 'Ceart, biodh sin mar a tha e, thigeadh an t-arm no falbhadh an t-arm, tha sinn an dòchas rudeigin a dhèanamh do Bheinn na Fadhla, do mhuinntir Bheinn na Fadhla.'

SN: Tha sin ceart. Agus feumaidh sinn... feumaidh sinn coimhead air adhart 's feumaidh sinn coimhead airson gnìomhachasan ùr a dh'atharraicheas an t-àite. Chan eil math dhuinn dìreach seasamh ceangailte ris an arm fad an t-siubhail. Feumaidh sinn coimhead airson rudan ùr a chumas an t-àite a' dol co-dhiù tha an t-arm an seo no nach eil.

CM: Canaidh cuid, 'Ò feumaidh na tha siud de dh'airgead a bhith air a chaitheamh air an àite.' Ann an dòigh, tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a tha sibhse ag ràdh, feumaidh misneachd a bhith agaibh annaibh fhèin, agus sibh fhèin rudan a dhèanamh cuideachd, no 's dòcha, gun airgead.

SN: Feumaidh. Tha an t-airgead feumail, ach feumaidh e tighinn ann ann an dòigh agus a chosg ann an dòigh a tha a' coimhead fada air aghaidh. Chan e idir dìreach bliadhna, còig bliadhna, ach coimhead fada air aghaidh, agus an t-àite a chumail a' dol mar sin.

CM: A Nèill, tha thusa a' cluinntinn an fheadhainn òga a tha seo agus iad gu math misneachail a-rèiste anns na rudan a tha iad fhèin a' feuchainn ri dhèanamh. Tha iad a' faicinn duilgheadasan ach a dh'aindeoin nan duilgheadasan ag ràdh, 'Uill, coma leinn, tha sinn a' dol a dh'fheuchainn ris an àite a chumail a' dol.' Chunna tusa Beinn a' Bhadhla gun arm ann. Tha thu a' faicinn Beinn a' Bhadhla, Baile a' Mhanaich, a-nise gun arm ann aon uair eile. Dè cho dòchasach 's a bhiodh tu dhan an fheadhainn a tha seo?

NC: Uill, tha mi an dòchas gun tèid dhaibh gu math, 's tha mi an dòchas, na taighean a tha falamh ann a sheothach, gun tig daoine 's gun tig iad a dh'fhuireach annta. 'S nì e feum dhan a h-uile duine. Tha na taighean math an seo 's tha an t-arm gan creic a-nis. Tha iad a' creic feadhainn dhe na taighean. Tha mi an dòchas gun tig cuideigin 's gun ceannaich iad iad, 's gun tig iad a dh'fhuireach annta, 's nì e feum dhan àite air fad.

CM: Agus ceist dhan an triùir agaibh a-rèiste. Tha sinn a' cluinntinn tòrr de dheasbad poilitigeach mu dheidhinn Bhaile a' Mhanaich aig an àm a tha seo. Dè chanadh sibh riutha?

AM: Uill, chan eil fhios agamsa dè chanainn-sa. Chanainn-sa gur e rud a tha an t-àite feumach air, mar a bha sinn a' ràdh, chan urrainn dhuinn a bhith a' coimhead ris an arm fad an t-siubhail airson a bhith a' cumail ann an obair. Chanainn-sa gur e an rud a dh'fheumamaid, 's e rudeigin airson toir air, mar a tha a leithid fhèin Shona, start-adh air àite ùr, gum feumamaid cuideachadh air choreigin fhaighinn airson cumail a' dol, agus chan eil fhios a'm... agamsa mu Shona, ach tha mise a' faicinn, a h-uile sìon a tha mise a' tarraing a-staigh dhan àite, tha mi a' pàigheadh cho daor air, 's rudan an uair sin, nam bithinn a' feuchainn ri chur far an eilein, tha thu a' pàigheadh a-rithist air. Chan eil mise ach a' coimhead air rud mar a tha mi fhèin, ach airson mise a chuideachadh, siud an rud a bhithinn-sa a' coimhead air. Dòigh air choreigin fhaighinn far am biodh a h-uile duine anns na h-eileanan a' faighinn rud a-staigh ann a sheo nas saoire, agus a bhith a' faighinn air falbh a cheart cho saor.

CM: Shona, an aon cheist dhutsa. Tha sinn a' cluinntinn tòrr deasbad phoilitigeach mu dheidhinn seo. Dè bhiodh agadsa ri ràdh riutha?

SN: Uill, mar a tha Ailean a' ràdh, air sàillibh 's gu bheil sinn air eilean, chan eil e gu diofar gu dè tha sinn a' ceannach no a' reic, a leithid daoine a tha a' tighinn thugam fhèin airson a dhol a-null fairis, feumaidh iad an uair sin co-dhiù ceud not eile a chur ris airson faighinn far an eilein, agus feumaidh sinn coimhead air a sineach, agus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sineach, mu dheidhinn e bhith nas fhasa faighinn dheth 's faighinn air, agus san dòigh sin cumaidh sinn daoine anns an eilean. Agus chan eil ann ach aon rud dh'fheumas sinn coimhead air. Tha iomadh rud ann a dh'fheumas tu coimhead air airson an eilein. Ach tha fhios a'm gun fheum sinn coimhead air airson na daoine a chumail, agus daoine òg a chumail ann.

CM: An teachdaireachd a-rèiste, tha sinn duilich gun do dh'fhalbh an t-arm, ach chan eil math dhuinn a bhith a' dèanamh cus caoidh. Coimheadamaid air adhart.

SN: Feumaidh sinn coimhead air adhart. Feumaidh. Tha e duilich ma tha an t-arm a' falbh buileach glan, ach feumaidh sinn coimhead air aghaidh. Bha an t-eilean ann mun tàinig an t-arm ann. 'S dòcha nach robh sinn cho... cho math dheth 's a tha sinn an-diugh mun tàinig an t-arm, ach feumaidh sinn coimhead air aghaidh, agus feumaidh sinn an t-eilean a chumail a' dol.

CM: Uill mo thaing dhan an triùir agaibh airson coinneachadh riumsa ann an seo an-dràsta, ann an teis-mheadhan Bhaile a' Mhanaich, far a bheil mòran thaighean falamh. Duine no dhithis fhathast, mar a chluinneas sibh, 's dòcha timcheall oirnn ann am feadhainn dhe na taighean, ach a' chuid-mhòr dhiubh ann an seo falamh. Sgeulachd dhuilich, a rèir cuid, ach misneachd aig an fheadhainn a tha seo còmhla riumsa an-dràsta. Niall Caimbeul, Ailean MacIllEathain, agus Shona NicDhòmhnaill. Mo thaing dhan triùir agaibh airson bruidhinn rium. Tapadh leibhse.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math