Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 19 February 1998
Àireamh a’ chlàir 15856
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 19.02.1998

Geàrr-chunntas

Obair na buidhne Scotland Europa.

Còmhradh ri Dòmhnall Iain MacAonghais agus e a-nis anns a' Bhruiseil air ceann na buidhne Scotland Europa. Tha e ag innse beagan mun bhuidhinn, mu na h-amasan aige anns an obair ùir seo agus beagan mun Bhruiseil mar àite-fuirich.

Neach/Cuspair a' Chlàir

MacInnes, Donald John

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha grunn de dhaoine ag obair cruaidh anns a' Bhruiseil a' feuchainn ri ìomhaigh na h-Alba a thogail am measg dhùthchannan na Roinn Eòrpa. Tha iad seo ag obair aig buidheann air a bheil an t-ainm Scotland Europa. Air an ceann a-nis, tha Dòmhnall Iain MacAonghais, a bha gu bho chionn ghoirid na àrd-stiùiriche air Iomairt Dhùn Bhreatainn. Tha e dìreach air a bhith anns a' Bhruiseil airson ceala-deug, a' faighinn eòlas air a' bhaile agus air an obair. Tha e còmhla riumsa air an loidhne an-dràsta. Ciamar a tha Bruiseal an-diugh, a Dhòmhnaill Iain?

Dòmhnall Iain MacAonghais (DM): Chan eil... chan eil i cho brèagha 's a tha i ann a shin, cha chreid mi, idir. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-uisge gu bhith againn a dh'aithghearr. Tha sinn uair a thìde air toiseach oirbhse, 's tha sinn letheach a-steach dhan latha a-nis. Tha mi a' creidsinn nach do dhùisg thusa ceart fhathast.

CM: Uill, a Dhòmhnaill Iain, tha mi a' creidse gu bheil thusa air an dàrna copan cofaidh a-nis.

DM: Chan eil mi a' gabhail cofaidh idir.

CM: Dè eile a tha thu a' gabhail?

DM: Teatha a tha mi a' gabhail, agus...

CM: Ò uill, an tug thu... an tug thu leat a-nall i?

DM: Thug. Tha iad a' gabhail iongnadh am beatha nach eil mi a' gabhail cofaidh. Chan eil càil aca ach cofaidh a-bhos ann a sheo. Chan eil càil a dh'fhios aca mar a nì iad teatha.

CM: Sin agad e. Ò, uill, a bheil fhios agad...

DM: Feumaidh mi fhìn a bhith ga dèanamh.

CM: Seo pàirt dhen an obair oideachaidh a th' agad, a-rèiste, an e?

DM: Sin agad e, gu dearbh. Pàirt mhòr dheth cuideachd.

CM: Seadh ma-thà, a-rèiste. Scotland Europa. Tha thu an sin air an ceann. Cia mheud duine a tha ag obair agaibh ann an sin?

DM: Tha mi a' creidsinn gu bheil timcheall air dà fhichead anns an oifis ann a sheo an-dràsta, ach tha sinn a' sealltainn ri sin a leudachadh anns na bliadhnaichean a tha romhainn, leis a' phàrlamaid a' tighinn 's rudan mar sin.

CM: Nuair a tha sinn a' bruidhinn air a bhith a' togail ìomhaigh na h-Alba am measg dhùthchannan eile, ciamar a tha daoine a' dèanamh sin?

DM: Ò, ann an iomadach dòigh. Mar eisimpleir, a-raoir, bha mi... bha mi còmhla ri buidheann mhòr à Bavaria anns a' Ghearmailt, bha iadsan, bha iad à Bavaria Innovative... innovation... buidheann innovation a th' ann am Bavaria 's bha iadsan airson ceanglaichean a thogail còmhla ri Alba, 's bha iad... thug iad a-mach gu... còmhla riutha... còmhla riutha a-raoir mi, agus tha mi a' smaoineachadh gun tig rudan às a sin. Dà chompanaidh a bha mi a' bruidhinn riutha a-raoir, tha iad airson tighinn a dh'Alba. Rudan mar sin, tha mi a' creidsinn.

CM: Nuair a tha sinn a' bruidhinn air Bavaria, can, mar eisimpleir, taobh a-staigh na Gearmailt, Bavaria, taobh a-staigh na Gearmailt, rudeigin coltach ri Alba taobh a-staigh na dùthcha seo fhèin, nach eil?

DM: Sin agad e. Tha. Tha deich millean... deich millean de shluagh ann am Bavaria, agus Munich am prìomh bhaile a th' ann, 's tha iad airson... tha iad airson ceanglaichean fhosgladh còmhla ri Alba. 'S tha dhà no thrì eile cuideachd de dh'àiteachan mar sin, mar Catalonia. Tha iadsan air a bhith a-staigh còmhla rium cuideachd, agus feadhainn eile às an t-Suain, 's feadhainn eile à Finland.

CM: Tha thusa air a dhol a-null an sin aig àm a tha gu math inntinneach ann an saoghal phoilitigeach na h-Alba, 's e sin a tha sinn dìreach a-nis ag ullachadh mu choinneamh a' phàrlamaid a bhith a' tighinn ann an seo. Dè cho... dè cho mothachail agus a tha muinntir na Roinn Eòrpa air na tha a' dol air adhart ann an seo?

DM: Fada nas mothachaile na bha dùil a'm a bha iad. Ach tha a h-uile duine air a bhith a' bruidhinn rium mu dheidhinn. Tha fhios aca air a h-uile càil a tha a' dol air adhart, 's tha iad... tha iad gu math fiosrach mu dheidhinn.

CM: A bheil iad a' tuigse an seòrsa pàrlamaid a tha gu bhith againn?

DM: Cha chreid mi gu bheil buileach. Tha iad a' smaoineachadh gu bheil... gu bheil barrachd de chumhachdan gu bhith aig a' phàrlamaid na tha gu bhith aice, chanainn. A' chuid mhòr dhiubh co-dhiù. Ach tha feadhainn... tha feadhainn dhiubh ga thuigsinn. Ò, tha. Tha an seòrsa dòigh... dòigh riaghlaidh sin ann an tòrr dhe na rìoghachdan anns an Roinn Eòrpa co-dhiù, 's tha iad a' tuigsinn an dòigh a tha sin.

CM: A bheil feadhainn aca a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil Alba gu bhith neo-eisimeileach air falbh bho Shasainn?

DM: Ò, tha. Tha grunn aca air sin ainmeachadh dhomh, agus dh'fheumadh tu cairteal na h-uarach a chur seachad còmhla riutha ag innse dhaibh nach e sin an rud a tha gu bhith ann idir.

CM: Ciamar a tha thu a' faicinn an obair a tha seo, a-rèiste? A bheil an t-suidheachadh phoilitigeach ùr againne a' dol a dhèanamh an seòrsa obair a tha seo nas fhasa? Uill, tha e follaiseach gu bheil feum air an seòrsa rud a th' ann, gu bheil còir againn na ceanglaichean againn agus ris a' chòrr dhen Roinn Eòrpa, a' mhargaid as motha a th' againn, a bhith a' leudachadh, ach a bheil e a' dèanamh an obair nas fhasa, a bheil thu a' smaoineachadh?

DM: Ò, saoilidh mi gun dèan e an obair nas fhasa, saoilidh. 'S e cuspairean nach eil ceangailte ris an riaghaltas ris am bi mise a' dèiligeadh anns a' chuid as motha, agus tha e ga dhèanamh nas fhasa gu bheil... gu bheil fhios aig daoine ann a sheo dè tha a' tachairt ann an Alba, 's tha iad airson dèiligeadh rinn, tha mi a' smaoineachadh, a-nis nas dlùithe na bha iad ron a seo.

CM: Ach dè th' agadsa ri ràdh mu dheidhinn Alba? Dè as urrainn dhuibhse a ràdh mu dheidhinn Alba ri daoine, can an-dràsta, a tha an sàs ann an gnìomhachas? Carson a bhiodh iad ag iarraidh a thighinn a dh'Alba an taca ri àitichean eile?

DM: Tha feadhainn dhiubh... chan eil fhios a'm a bheil a h-uile duine aca ag iarraidh tighinn ann, ach tha feadhainn dhiubh ag iarraidh ceanglaichean a thogail a thaobh technology transfer, mar gum b' eadh, mar eisimpleir, 's tha eanchainnean math aig daoine ann an Alba, 's tha iad airson iad sin fhaighinn grèim orra airson teicneòlais ùr 's rudan mar sin. Tha tòrr... tha tòrr rudan... tòrr rudan diofraichte ann.

CM: Bidh gu leòr acasan mar a tha thu fhèin thall ann an sin, ge-tà. 'S ann a bhios iadsan ag iarraidh rudeigin a reic rinne. Chan ann ag iarraidh... a bhith ag iarraidh càil a cheannachd bhuainne, an ann?

DM: Tha an dà rud a' tachairt, tha. Tha an dà rud a' tachairt. Agus tha sin feumail dhuinne cuideachd, a chionn feumaidh sinn... feumaidh sinn faighinn a-mach dè tha a' tachairt ann an àitichean eile airson ionnsachadh cuideachd.

CM: Tha thu a-rèiste air a bhith thall ann an sin fad ceala-deug. Dè seòrsa àite a th' anns a' Bhruiseil, man a tha thusa ga fhaicinn?

DM: Baile brèagha. Fada nas brèagha na bha dùil a'm. Seann togalaichean, togalaichean ùra, tòrr dhaoine às gach ceàrnaidh ann, tòrr dhaoine ga mo stad anns an t-sràid a' faighneachd càit a bheil a leithid sràid, a leithid seo a rathad. Tha a leithid a dhaoine ùra a' tighinn ann an-còmhnaidh nach eil... nach eil eòlas aca air an àite, 's tha iad a' smaoineachadh ma tha thu ann a sheo cola-deug gu bheil fhios agad càit a bheil a leithid seo a rathad, 's bidh mise gam freagairt ann an Gàidhlig 's tha iad a' teicheadh an uair sin.

CM: Uill, a' bruidhinn air cànan, 's e rud cudromach a th' ann an cànan anns an Roinn Eòrpa. Dè an cànan a th' agaibh ann an sin?

DM: 'S e Beurla an cànan as motha a th' ann a sheo anns a' Bhruiseil. Mar a tha fhios agad, tha a' Bheilg air a sgaradh na dhà. Flanders agus Wallonia, agus Fraingis a th' aig na Wallonians agus Flemish aig muinntir Flanders. Chan eil iad airson bruidhinn ann an cànan càch a chèile idir. 'S fheàrr leotha a bhith a' bruidhinn ann am Beurla ri chèile.

CM: Uill, tha sin gu math freagarrach dhutsa. A bheil thusa mar a tha mòran eile às an dùthaich a tha seo, gun gin dhen an dà chànan agad?

DM: Chan eil gin dhen dà chànan sin agam fhathast. Tha mi gan ionnsachadh, ge-tà.

CM: Na dhà?

DM: Tha mi ag obair orra an-dràsta, tha.

CM: A bheil iad furasta?

DM: Och tha, tha.

CM: Dè as fhasa?

DM: Fraingis as fhasa, tha mi a' smaoineachadh.

CM: Agus cò ris a tha...

DM: Tha thu a' cluinntinn Fraingis nas trice co-dhiù, 's tha sin ga dhèanamh nas fhasa.

CM: Dè seòrsa fuaimean a th' anns a' chànan eile?

DM: Mar Gearmailtis. Tha i letheach eadar Gearmailtis 's Beurla, tha iad ag ràdh.

CM: Tha mi a' tuigse cuideachd gur e àite math a th' anns a' Bhruiseil airson a bhith ag ithe ann an taighean-bìdh, agus seach nach d' fhuair thu fhèin lorg air àite far am bi thu a' dèanamh biadh dhut fhèin fhathast, tha mi cinnteach gu bheil thu air a bhith a' faighinn cothrom am feuchainn a-mach?

DM: Dh'fheuch mi fear no dhà dhiubh, dh'fheuch. Tha tòrr ann air a h-uile còrnair. Cafes, bistros, brasseries, restaurants, 's a h-uile rud.

CM: A bheil iad math?

DM: Ò, tha iad sgoinneil. Tha, tha. Biadh... biadh math annta, gu h-àraid biadh [???].

CM: Seadh.

DM: Tha iad ainmeil ann a sheo airson feusgain, ag ithe feusgain 's chips. Sin an staple diet aca, mar gum b' eadh.

CM: Ò uill, an dùil a bheil na feusgain sin a' tighinn às na h-eileanan an seo?

DM: Chan eil fhios a'm. Cha do dh'fhaighnich mi fhathast dhaibh.

CM: Ò uill, mana h-eil...

DM: Tha gu leòr... tha gu leòr aca dhiubh co-dhiù.

CM: Mana h-eil, theirig... theirig agus reic feadhainn riutha.

DM: Feumaidh mise sin a dhèanamh, all right.

CM: Uill, a Dhòmhnaill Iain, a-rèiste, tha thu air a bhith ann an sin ceala-deug an-dràsta. Tha thu air a bhith a' faighinn beagan eòlais air an obair, a' faighinn beagan eòlais air a' Bhruiseil fhèin. Dìreach dè... dè an obair a th' agad, can an-dràsta, anns na dhà no thrì mìosan a tha romhad?

DM: Dìreach a' faighinn eòlas air a... na diofar dhaoine a tha a-muigh ann a sheo, 's na... na buidheannan a th' ann, agus cuideachd ionnsachadh... ionnsachadh... ag ionnsachadh na cànain, agus a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh mu dheidhinn ciamar a tha còir againn Alba a leudachadh 's a thogail.

CM: Uill, tha mi cinnteach gum bi sinn a' bruidhinn riut bho àm gu àm. Tha mi an dòchas gum faigh thu seachad air a bhith a' cleachdadh na bistros fad an tìde.

DM: Feumaidh tu fhèin tighinn a-mach ach am feuch thu iad.

CM: Gum faigh thu dachaigh dhut fhèin.

DM: Chan eil thusa a' falbh à Leòdhas uair sam bith, a bheil?

CM: Uill, an ann a' toirt cuireadh dhomh a tha thu?

DM: Uill, bheireadh gun teagamh, nan tigeadh tu a-mach ann.

CM: Ò uill. Agus a bheil an t-airgead agadsa?

DM: Dè?

CM: A bheil an t-airgead agadsa?

DM: Ò, gheibh thu flight saor aig a' weekend.

CM: Uill, a Dhòmhnaill Iain, 's iomadh facal a chaidh a ràdh ann am fealla-dhà.

DM: Siuthad. Dhèanadh e feum dhut.

CM: Ò, dhèanadh. Uill, feuchaidh tu... faodaidh tu... bidh thu cho eòlach air na bistros an uair sin. Cha chan mi càil. A Dhòmhnaill Iain, tapadh leatsa gu dearbha.

DM: Glè mhath.

CM: Dòmhnall Iain MacAonghais ann an sin, Àrd-oifigeach Scotland Europa, air an loidhne às a' Bhruiseil. Tha e dìreach air a bhith thall ceala-deug, agus tha e a' faighinn eòlas air ciamar a tha cùisean ag obair thall ann an sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math