Clann-nighean an sgadain.
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
SA1970.170.A2+B1
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Clann-nighean an sgadain.
Tha am fiosraiche ag innse mun àm a bha i aig a' chutadh ann an Yarmouth agus beagan mun aodach a bhiodh oirre, m.e. còta oilisgin. Cha b' urrainn dhi am biadh Shasannach ithe ach a-mhàin bìdeag pastry is cupa tì. Bhite ag èirigh aig ceithir uairean sa mhadainn gus a bhith aig a' bhogsa-chutaidh aig sia uairean. Uaireannan, bhiodh deigh air an sgadan leis cho fuar 's a bha an tìde. Bhiodh i dà mhìos aig a' chutadh, a' falbh aig Fèill Mìcheil, le cearcan is nithean eile na cois. Bha an t-astar cho mòr eadar an t-Òban is Yarmouth air trèana.
Nuair a thòisich an Cogadh Mòr, cha deach i sìos tuilleadh: 's ann dhan Bhruaich a bhiodh i a' dol an uair sin. Chunnaic i tòrr ghillean à Leòdhas a' dol dhan nèibhidh. Bhiodh ciste aig a h-uile nighean, is bhiodh sianar anns gach rùm. Bha Ealasaid Churrie math gu puirt-à-beul a ghabhail, is bhiodh an còrr a' dannsa. Thigeadh na Leòdhasaich a-steach dhan rùm còmhla riutha - clann-nighean agus iasgairean.
Fiosrachadh mu obair sa Bhruaich. Bhite a' glanadh an rùim air oidhche Shathairne, is gan dèanamh fhèin "spick and span" cuideachd. Aon uair, chuidich iad fear air an robh smùid le bhith a' toirt dha tì le sòd'-arain. Bhite a' cur gainmheach air an ùrlar. Chaith i a' chiad seusan aice ann an Lerwick, is an uair sin chaidh i a dh'Obar Dheathain. Thachair i ri Mìcheal anns a' Bhruaich aon deireadh-seachdain.
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Reel to reel
Càileachd an Fhuaime
Math