Rannsaich

Prògram Choinnich

Luchd-agallaimh
Ceann-latha 15 July 1998
Àireamh a’ chlàir 16214
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Geàrr-chunntas

Am feum a th' ann barrachd air aon chànan a bhith aig duine.

Tha triùir a bhruidhneas co-dhiù dà chànan a' bruidhinn mun fheum a th' ann ma tha barrachd air aon chànan aig duine.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Màiri Anna NicDhòmhnaill (MN): Tha co-dhiù dà chànan aig a h-uile duine a tha ag èisteachd ris a' phrògram a tha seo, ach mar a tha làn fhios againn, chan eil sin cumanta idir, idir air feadh Bhreatainn. 'S e an dealbh a th' againn an-còmhnaidh de mhuinntir Bhreatainn, feadhainn nach ionnsaich cànan eile ged a mhurtadh tu iad, nach bi ach a' sgalartaich sa Bheurla air bith cà 'm bi iad air feadh na Roinn Eòrpa. Ach airson na h-Eòrpaich eile, saoilidh mi gu bheil co-dhiù Beurla agus 's dòcha a dhà no trì de chànain eile aig a h-uile duine aca, cha mhòr. Ach saoil a bheil piseach a' tighinn air muinntir Bhreatainn? Tha obraichean ùra gu bhith ann an Grianaig a dh'aithghearr, far a bheil companaidh IBM an dùil seirbheisean a thabhann ann an sia cànain deug. Ach dè cho furasta, 's dè cho feumail, saoil, a tha e cànan eile a bharrachd air a' Bheurla 's a' Ghàidhlig ionnsachadh? Tha triùir còmhla rium a dh'innseas sin dhuinn. Tha Seonag NicFhionghain, bha ise dà bhliadhna ag obair anns an Eadailt. Tha Màiri Jochumsen, a tha air a bhith deich bliadhna fichead a' fuireach anns an Danmhairg, agus gu dearbh abair gu bheil ise fileanta. Agus cuideachd bidh sinn a' bruidhinn ri Iain Mac a' Ghobhainn, fear-gnothaich a tha a' dèiligeadh le companaidhean Eòrpach, agus feumaidh e fuasgladh fhaighinn dhan a' cheist mura h-eil Beurla, no Gàidhlig, aig an duine a th' air a' cheann thall. Ma dh'fhaodas mi bruidhinn ribhse, a Mhàiri, an toiseach. Madainn mhath.

Màiri Jochumsen (MJ): Madainn mhath.

MN: Uill tha cànan na Danmhairg, chan eil rian nach eil i math agaibh?

MJ: Uill, 's e Danmhairg a tha sinn a' bruidhinn ann a sheo, ach tha beagan dhen a' Ghàidhlig agam air fhàgail.

MN: Ò tha mi a' faithneachadh sin. Nuair a chaidh sibh a-null an toiseach, an robh e doirbh cànan eile ionnsachadh?

MJ: Uill, 's ann à Canada a thàinig mise. Cha b' ann às a... cha b' ann a... cha b' ann bhon taigh a thàinig mi. Chaidh mi an toiseach a Chanada, agus à Canada a Dhanmhairg. Phòs mi ann an Canada, 's cha robh facal Danmhairg agam. Cha robh Danish, cha robh aon fhacal agam nuair a thàinig mi an seo. Ach bha agam ri... uill, cha robh tòrr rudan... an duine agam, cha bhruidhn-... cha robh càil aige ach an Danmhairg, so bha agam ri ionnsachdainn gu math luath. Cha chreid mi nach do dh'ionnsaich... bha mi... bha mi ag ràdh a-raoir ris an duine agam, 's iongantach mur an do dh'ionnsaich mi e... cha robh sia mìosan, cha robh mi ann an seo sia mìosan 's thuiginn a h-uile càil a bha iad ag ràdh, ach cha robh i glè mhath agam fhìn. Ach às dèidh bliadhna, cha dhèanadh... cha robh mòran a' dèanamh... cha robh mòran nach robh mi a' feuchainn air. Bha mi a' feuchainn air a h-uile càil.

MN: 'S tha mi cinnteach nach eil duine an-diugh nach... nach aithnicheadh gur ann às Alba a tha sibh thall an sin?

MJ: Ò 's iongantach... faithnichidh... uill, faithnichidh... faithnichidh daoine ormsa fhathast gur ann às an Rubha a tha mi, gun luaidh... gun luaidh às an Alba. Chan eil... cha do... 's iongantach gun do chaill mi an accent idir.

MN: Nis, ma dh'fhaodas mi tionndadh gu Seonag NicFhionghain, tha mi a' smaoineachadh gun robh, a Sheonag, gun robh thusa thu fhèin a cheart cho sgiobalta ag ionnsachadh cànan eile.

Seonag Ahmad-NicFhionghain (SAN): Bha, bha. Tha sin ceart, Màiri Anna.

MN: Dè... ciamar a thachair dhutsa?

SAN: Uill, chaidh mise a-null gun Eadailt an toiseach 's cha robh facal Eadailtis agam, agus... uill, thachair mise ri fear às an Eadailt agus cha robh Beurla aige no Gàidhlig, so mar sin bha agamsa ri Eadailtis ionnsachadh gu math sgiobalta cuideachd, agus às dèidh 's dòcha bliadhna bha mi fileanta, agus bha mi a' tuigsinn a h-uile càil a bha iad a' ràdh.

MN: An tuirt thu... nis, an do ghlac mise siud ceart? Thuirt thu, thachair mi ri fear anns an Eadailt?

SAN: Aidh, thachair, thachair.

MN: So, an dithis agaibh, thu fhèin agus Màiri, bha adhbharan gu math làidir agaibh...

SAN: Tha sinne air dealachadh a-nis, ge-tà.

MN: Ach ann am bliadhna chanadh tu gun robh thu fileanta?

SAN: Bha, bha.

MN: Agus cha d' fhuair thu uabhasach doirbh e, ma-thà?

SAN: No, cha robh e uabhasach doirbh. 'S e an rud a th' ann, ma tha thu a' dol a-mach a h-uile h-oidhche 's ma tha agad ri bruidhinn ri na h-Eadailtich agus mana h-eil facal Beurla aca, sin na b' fheàrr ann an dòigh, thoradh an uair sin chan eil agad ach, fhios agad, a bhith a' feuchainn agus... agus dìreach... dìreach ionnsachadh gu math luath.

MN: Agus ma tha thu anns an dùthaich far a bheil e ga bhruidhinn, tha sin fada eadar-dhealaichte o bhith anns an sgoil a-bhos an seo?

SAN: Ò tha e tòrr na b' fheàrr. Chanainn fiù 's ma tha thu a' dol gu clasaichean, chan ionnsaicheadh tu, fhios agad, 's dòcha gun ionnsaicheadh thu beagan, ach cha chanainn gum biodh tu fileanta, fhios agad, taobh a-staigh bliadhna, no feumaidh tu a dhol... feumaidh tu dìreach a bhith a' fuireach còmhla ris na daoine, agus... tha e tòrr na... tha sin tòrr na b' fhasa.

MN: Nise, tha thu fhèin agus Màiri mar sin, bha 's dòcha an gnothaich na b' fhasa dhuibh na tha e do dh'Iain Mac a' Ghobhainn, a chionn 's tha Iain na fhear-gnothaich, ach feumaidh e dèiligeadh le companaidhean Eòrpach agus ri reic 's a' ceannach a-null 's a-nall. Iain, madainn mhath. A bheil... dè na th' agaibhse de chànain eile?

Iain Mac a' Ghobhainn (IM): Madainn mhath, gu dearbh. Tha mi an toiseach, mus teann mi, tha mi a' feuchainn ri tuigsinn ciamar... man... na caileagan a bha sin, man a chaidh iad a shuirghe na daoine a bha sin, na daoine aca, 's gun facal dhen a' chànan aca.

MN: Ò Iain, 's ioma rud a nì boireannach.

IM: Eh?

MN: 'S ioma rud aig nach eil gnothaich... gnothaich aig cànan ris.

IM: Uill, gu fàbharach, cha do thachair cus duilgheadas rium fhèin idir nuair a bha mi thall anns na rìoghachdan, Eastern Europe. Tha mòran dhe na daoine thall an sin, tha barrachd 's an aon chànan aca, agus gu h-àraid Beurla. Beurla agus Gearmailtis.

MN: Ach a thaobh a bhith an sàs ann an obair gnothachas, ge-tà, ri daoine, ciamar a tha sibhse... ciamar a tha sibhse a' dèiligeadh leis a sin?

IM: Uill, nuair a theann mi, bhithinn eadar-theangachadh agam, caileagan òga às an oilthigh, agus abair gun robh iadsan fileanta. A' chiad caileag a bh' agamsa, 's ann à Czech Republic, agus bha i dìreach às an oilthigh, ach bha ise fileanta gu leòr ann an seachd cànain, 's mar sin bha sin a' toirt seachad tòrr dhe na rìoghachdan ris an robh mi a' dèiligeadh.

MN: A bheil a-nise, mar a... cho math 's a rinn... cho math 's a rinn Seonag agus Màiri, agus a' chaileag a bha sin a bha ag obair agaibh fhèin 's seachd aice, a bheil sin a' toirt misneachd dhuibh fhèin feuchainn air cànain eile?

IM: Uill, bha beagan... bha beagan agamsa de Fraingis bho dh'fhàg mi sgoil, agus cha do rinn mi riamh feum dheth, ach bha e comasach dhomh sin a leughadh, agus... ach cha robh idir... cha robh misneachd idir agam airson cus bruidhinn dhèanamh, bhon cha robhas air feum a dhèanamh dhen chànan, agus cuideachd bha e comasach beagan Gearmailtis ionnsachadh. Ach tha mi a' smaoineachadh nuair a tha sinn... anns an fharsaingeachd, gu bheil... gur e na dòighean-teagaisg a th' againne a tha ceàrr, bhon bidh mi a' coinneachadh thall an siud ri daoine, 's e na h-aona daoine a th' ann, agus 's e an aona rud a tha eadar-dhealaichte, 's e man a thathas ag ionnsachadh dhaibh.

MN: Ma dh'fhaodas mi tilleadh tiotan gu Màiri. A Mhàiri, an canadh sibhse aon uair 's gu bheil sibh air aon chànan coimheach ionnsachadh gu bheil e nas fhasa an uair sin a dhol gu fear eile 's fear eile?

MJ: Uill, tha Frangaich a' tighinn thugamsa agus feadhainn às a' Ghearmailt, bhon tha sinn cho faisg air a' Ghearmailt, 's an aon rud a th' agamsa 's e... nuair a thig... ma bhios Frangaich agam an toiseach, 's na Gearmailtich às dèidh sin, tha e duilich dhomh a dhol bho na Frangaich dhan a' Ghearmailt. Ach tha... ach bidh mi ag ràdh, tha Frangaich... tha an cànan Frangach agam cho... chan eil e cho math ann. Chan eil a' Ghearmailt agam cho math idir, 's nam biodh... chan eil mi a' smaoineachadh nam biodh na dhà agam math gu leòr, 's iongantach mana dèanainn... dhèanainn a' chùis orra beagan na b' fheàrr. Ach tha e duilich a dhol bhon an aon chànan gun a' chànan eile, bhon... agus ann a sheo chan eil sinne... chan eil sinne a' bruidhinn càil ach an Danmhairg, agus tha... uaireannan nuair a bhios mi dìreach, mar shin fhèin, an-diugh, nuair a bhios mi a' dol dhan a' Ghàidhlig, tha e beagan... beagan duilich dhomh a bhith a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig nuair nach eil... nuair nach eil sinne... nach eil sinne... chan eil sinne a' bruidhinn a' Bheurla fhèin gun luaidh air a' Ghàidhlig. Mar shin dheth, tha e... tha e beagan duilich a' dol... bho... bho nach eil sinn...

MN: A' leum o rud gu rud, mar gum biodh.

MJ: Dìreach a' leum bhon an aon tè dhan an tè eile, tha e beagan duilich.

MN: Agus a Sheonag, dè tha a' dol a thachairt dhan Eadailtis agad? A bheil thu a' dol ga call? No a bheil thu a' dol a dhèanamh bun-stèidh 's a' dol a chur cànain eile...

SAN: Uill, 's e an rud a th' ann, tha mi a' smaoineachadh nach bi ga chall, thoradh tha caraidean agam thall anns an Eadailt agus bidh mi... tha mi 'n dùil a dhol a-null a-rithist, agus... no, tha mise a' smaoineachadh a-nis gu bheil mi airson cànan eile ionnsachadh. Tha tìde gu leòr agam agus carson nach ionnsaich. Tha mi a' smaoineachadh 's dòcha a' bhliadhna seo gu... tha mi airson Fraingis ionnsachadh. Bha mi a' smaoineachadh air Spàinntis, ach tha mi a' smaoineachadh gum biodh sin... tha sin rud beag ro fhaisg air an Eadailtis, so tòisichidh mi 's dòcha air Fraingis a-nist.

MN: Sin agad thu. 'S math dhut fhèin. Uill, tha mi a' smaoineachadh a rèir 's mar a bhruidhinn an triùir agaibh - Màiri agus Seonag agus Iain - gu dearbh chan e daoine a th' annta a tha deireannach gus a dhol an sàs ann an cànan eile. Ach tha mi a' smaoineachadh gun do thuig sinn gu dearbh, à Màiri agus à Seonag, gur e a dhol a-null mas urrainn do dhuine idir dhan dùthaich agus a bhith... a bhith a' bogadh am measg nan daoine. Nan dèanadh barrachd dhaoine sin, b' fheàirrde iad e. Feumaidh nach eil... chan eil na h-Albannaich co-dhiù cho deireannach gu cànan ionnsachadh 's a tha 's dòcha na Sasannaich. 'S dòcha gun fhaigh mi mo phronnadh airson siud a ràdh. Tapadh leibh dhan an triùir agaibh. Ceud taing airson tighinn a-staigh a dh'innse dhuinn mu na cànain.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math