Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 24 July 1998
Àireamh a’ chlàir 17236
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 24.07.1998

Geàrr-chunntas

Cunntas air beatha Alasdair Mhic a' Ghobhainn a sgrìobh 'A Summer in Skye'.

Tha Màrtainn Dòmhnallach air sreath de shia prògraman rèidio a dhèanamh stèidhichte air eadar-theangachaidhean às an leabhar a rinn Alasdair Mac a' Ghobhainn, 'A Summer in Skye'. Tha e a' toirt cunntas air beatha Alasdair Mhic a' Ghobhainn agus a' bruidhinn mu na prògraman rèidio a rinn e.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Smith, Alexander; MacDonald, Martin

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Samhradh san Eilean. Sin an tiotal a th' air sgeulachd a bhios aig Màrtainn Dòmhnallach air Radio nan Gàidheal a' tòiseachadh madainn Diluain às dèidh naoi uairean sa mhadainn. Sgeulachd ann an sia earrann air a h-eadar-theangachadh bhon an leabhar aig Alasdair Mac a' Ghobhainn le Màrtainn fhèin. Sgeulachd a tha a' dol air ais faisg air ceud gu leth bliadhna. Airson beagan mìneachaidh a thoirt dhuinn air an obair ullachaidh a bh' aige fhèin agus cuideachd airson beagan innse mun ùghdar agus an leabhar, tha Màrtainn an-dràsta còmhla rium ann an Inbhir Nis. Ciamar a tha thu, a Mhàrtainn?

Màrtainn Dòmhnallach (MD): Tha gu dòigheil, a Choinnich.

CM: An t-Eilean. Dè an t-eilean a tha seo?

MD: Uill dè an t-eilean a shaoileadh tu, a laochain? An t-Eilean Sgitheanach. 'S e... 's e 'A Summer in Skye' an t-ainm a bh' air an leabhar an toiseach. Thàinig e a-mach anns a' bhliadhna ochd ceud deug trì fichead 's a còig, agus mar a thuirt thu, le Alasdair Mac a' Ghobhainn, no Alexander Smith. 'S e Alexander Smith, tha mi a' smaoineachadh, as fheàrr a fhreagradh air an duine, oir 's e Gall a bh' ann. Rugadh agus thogadh e ann an Cille Mheàrnaig. 'S ann do luchd-ciùird a bha esan. Bha athair, tha e coltach, na dhealbhadair airson gnìomhachas lace anns a' bhaile sin, agus lean e fhèin an gnìomhachas sin an toiseach. Ach thòisich e ri bàrdachd na òige. Bha e meadhanach math aig an àm ud, tha mi a' smaoineachadh. Gu dearbh bha cuid a' bruidhinn air mar Keats eile, ach cha do mhair a chliù mar bhàrd ro fhada, tha e coltach, 's thòisich e air sgrìobhaidhean de sheòrsa eile - aistidhean agus nobhail no dhà, agus an leabhar seo. Bha e cuideachd, fhuair e obair mar rùnaire air Oilthigh Dhùn Èideann, 's tha mi a' smaoineachadh gur ann an sin a bha an t-airgead a bha ga chumail beò a' tighinn.

A bharrachd air sin, tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche dheth gun do phòs e ban-Sgitheanach, Flòraidh NicDhòmhnaill, nighean fear Teàrlach Dòmhnallach, Fear an Ùird, sin Fear-taca an Ùird, ann an Slèite. Agus thug sin dhan Eilean Sgitheanach e airson... bho àm a' phòsaidh a-mach. Bha sin ann an ochd ceud deug leth-cheud 's a seachd. Thàinig an leabhar a-mach ann an ceann ochd bliadhna, agus 's e column a th' ann air an t-eòlas a chuir e air anns an Eilean Sgitheanach a bhith a' dol ann a h-uile samhradh airson, dè, sia no ochd bliadhna, agus gu mì-fhortanach chaochail e fhèin le fiabhras ann an ceann dà bhliadhna eile. Cha robh e an dà fhichead nuair a chaochail e. Ach tha mi a' smaoineachadh dhen an obair a rinn e air fad, gur e an leabhar seo a bheir cliù dha ainm, agus a bheil fhios a'd, ceud bliadhna gu leth às dèidh a bhàis tha a chliù sin beò fhathast, air sgàth an aon leabhar seo.

CM: Uill tha sin inntinneach dha-rìribh. Fear a-rèiste bho thùs aig nach robh buntanas ris an Eilean Sgitheanach, a phòs a-steach dhan an eilean, agus mar a bha... nach eil e àraid man a bha tòrr dhe na h-ùghdaran sin, bhàsaich iad cho òg - Burns 's... fhios agad, tòrr aca, nach robh? Tha e inntinneach dha-rìribh, agus... ach co-dhiù, canaidh tòrr gur e... gu bheil an obair as fheàrr de sgrìobhadh dhuine air a dhèanamh na òige, às bith a bheil sin fìor no nach eil. Ach Alexander Smith a bha seo, a-rèiste, mas e sin a tha sinn a' dol a thoirt air, dè cho math 's a bha e mar sgrìobhaiche?

MD: Uill bha e mar... math dha-rìribh, chanainn-sa, mar sgrìobhaiche a bha a' cumail sùil air a h-uile càil a bha a' dol. Tha mi a' tuigsinn carson nach biodh e buileach cho math na bhàrd. Bha e caran romantic. Bha faclan mòra uabhasach ann, bheil fhios a'd. Bha e a' falbh ann an seòrsa de cheò na bhàrdachd. Ach tha an sgrìobhadh aige lom, ach tha thu a' faighinn blas an àite, tha thu a' faighinn blas dhaoine, agus ged as ann ann an... glè fhaisg air toiseach linn Bhictòria a sgrìobh e i, no fiù 's faisg air a' mheadhan 's dòcha, chan eil thu ga fhaireachadh trom mar a dh'fhairicheas tu mòran dhe na sgrìobhadh aig an àm sin. 'S e sgrìobhadh a th' ann a tha a' tighinn beò far na duilleig an-diugh. Faithnichidh tu gun teagamh gur ann an linn eile a chaidh a sgrìobhadh, ach tha e... ann an dòigh, choltaichinn-sa e ri Robert Louis Stevenson anns an t-seagh sin, a bheil fhios a'd, gu bheil an sgrìobhadh fhathast beò. Chanadh tu gur ann dhan latha an-diugh a bhuineas e.

CM: Ach dè seòrsa dealbh a tha e a' toirt dhuinn dhen an Eilean Sgitheanach aig an àm a tha sin?

MD: Uill, tha sinn a' bualadh... cuimhnich, tha e ann an sia earrannan - cha b' urrainn dhuinn ach glè bheag dhen an leabhar eadar-theangachadh - agus 's e sia seallaidhean a tha sinn a' bualadh air anns na prògraman. Chanainn-sa nach eil ann ach mun an t-seachdamh cuid dhen an leabhar air fad. Agus cuimhnich cuideachd, mar a thuirt mi, gun robh e pòsta aig nighean fear-taca - Teàrlach Dòmhnallach. 'S ann à Mùideart a thàinig an teaghlach. Theich iad dhan Eilean Sgitheanach an dèidh Chùil Lodair. Cha robh an t-airgead aca, tha mi a' tuigsinn, a gheibheadh a-null thairis mar a rinn mòran theaghlaichean eile. Ghabh am Morair Dòmhnallach truas orra, agus dh'fhan iad ann a shin, agus dh'fheumainn a ràdh gu bheil an sliochd anns an Eilean Sgitheanach fhathast. Seo... Teàrlach Dòmhnallach a tha seo, 's e sinn-seanair Fear Thobhta, Màidsear Dòmhnallach Tobhta. Agus 's e teaghlach air leth Gàidhealach a bh' annta. 'S e Gàidhlig a bha iad a' cleachdadh. Ach 's e teaghlach dhen t-seann stoidhle a bh' annta. Bha... bha an Dòmhnallach fhèin, bha e a' cumail coitearan air an tac aige, ged nach b' e an t-uachdaran air fad. Bha an tac aigesan air màl bhon a' mhorair. Ach bha e a' cumail nan coitearan ann a shin. Bha e gan cumail beò. Cha do dh'fhuadaich e duine riamh. Air an làimh eile bha e a' sùileachadh obair bho na coitearan airson dìreach an cumail ann a shin, airson am fearann a thoirt dhaibh. 'S mar sin, tha sinn a' faighinn sealladh air an t-seann... air an t-seann duine seo. Bha esan còrr 's ceithir fichead aig an àm. Duine a bhuineadh do linn eile, mar a tha Smith ag ràdh. Bhiodh a chòmhradh mun a' French Revolution 's rudan a thachair leth-cheud bliadhna na bu tràithe fiù 's na an àm anns an robh Smith a' sgrìobhadh. Ach 's e fear dhen an seann stoidhle a bh' annsan.

CM: Nise, 's e leabhar a bh' ann a-rèiste... tha fhios agam, agus tha mi a' tuigsinn an rud a tha thu ag ràdh, ma tha thu a' dol a dhèanamh sia earrannan dheth airson leughadh air rèidio chan eil gu bhith comasach dhut ach earrann bheag dheth a dhèanamh. 'S e sin a' cheist ann an dòigh, dè cho duilich 's a bha e dhut... dhuibh a bhith a' taghadh dè na h-earrannan dhen an leabhar a dh'eadar-theangaicheadh sibh airson a bhith air a chur a-mach mar seo, mar rud a bheir dhuinn dealbh air na bha anns an leabhar?

MD: Uill, cha robh e tuilleadh 's duilich, tha mi a' smaoineachadh. Tha mi cinnteach gun robh... b' fheudar dhuinn rudan fhàgail às a dh'iarramaid a bhith ann. Ach bha sinn a' taghadh rudan far an robh iad a' tighinn còmhla. Bha Smith, an dòigh a bh' aige, bha e a' siubhal air feadh an eilein air fad, agus 's e... 's e sin an seòrsa leabhar a th' ann. Chan eil e a' feuchainn... chan eil e ag ràdh, 'Uill nì mi dealbh air Port Rìgh an-diugh 's nì mi dealbh air an àite seo eile a-màireach.' Tha e air ais 's air adhart. Agus thagh sinne rudan mar dealbhan air MacIain fhèin agus an tac aige. Agus an duine a bha ag obair aige, Seonaidh Kelly, an cìobair, duine dùr, nach robh eòlach air duine ach an cù aige. Lachlann Ruadh, fear dhe na croitearan a bha ag obair aige. Agus Lachlann Ruadh, bhiodh e an-còmhnaidh a' faighneachd, 'A bheil m' aghaidh dearg fhathast?' 'S e seo an tomhas a bh' aige nan gabhadh cus deoch, nan innseadh cuideigin ris gun robh... gun robh... dha gun robh aghaidh dearg. Aonghas nan Con. Aonghas nan Con a bhiodh a' falbh, brocair a bh' ann, mar a bh' aca, tha mi cinnteach, air a' Ghàidhealtachd air fad aig an àm sin, a' sealg 's a' cur às, bheil fhios a'd, do... sionnaich 's rudan dhen t-seòrsa sin air na tuathan. Tha sinn a' faighinn dealbh air na daoine sin.

An uair sin tha e aon latha aig Fèill an Àth Leathainn, nuair a bha an fhèill sin aig fìor àirde. Bhiodh i... tha mi a' smaoineachadh gur e trì tursan sa bhliadhna, bhiodh iad a' creic sprèidh aig an Àth Leathann, bheil fhios a'd, sluagh à ceann a deas an eilein gu h-àraid, agus dròbhairean far tìr-mòr a' cruinneachadh an sin, bheil fhios a'd, 's bùthainnean bheaga gan cur suas, agus tha sinn a' faighinn dealbh dheth sin.

An uair sin, chaidh Smith, chaidh e suas gu Grìsinis agus an t-Aodann Bàn agus Sgeubost, far an robh duine caran annasach, Fear Gheusdo, Coinneach MacLeòid Gheusdo. Ged a tha e air ainmeachadh air Geusdo, 's ann do Chlann 'ic Leòid Gheusdo a bhuineadh e, bha e dlùth do Chlann 'ic Leòid Dhùn Bheagain ach chaidh iad a-mach air a chèile. Agus rinn esan fortan dha fhèin thall anns na h-Innsean, an sàs ann an tì agus ann an indigo. Ach reic MacLeòid Dhùn Bheagain Geusdo air ais dha, agus cheannaich e oighreachd Grìsinis, agus tha mi a' smaoineachadh gun robh Orabost aige cuideachd aig aon àm, agus Sgeubost. Agus 's e duine de sheòrsa eile a bh' annsan, bheil fhios a'd. Mar a bha Smith ag ràdh, bha e... bha e cheart cho... bha e aig an taigh anns na h-Innsean a cheart cho math ris an Eilean Sgitheanach, agus ann an dòigh bha e a' làimhseachadh coitearan agus croitearan an Eilein Sgitheanaich caran mar a làimhsich e na cinnich anns na h-Innsean. Tha e fhèin ag aideachadh sin. Agus bha esan a' creidsinn ann an eilthireachd. Bha cus dhaoine air an talamh, bha e a' smaoineachadh, airson gun tigeadh iad beò às. Ach cha robh e a' creidsinn ann am fuadach 's ann am fògradh, rud a bha dìreach seachad anns an Eilean Sgitheanach aig an linn a tha sin, ach bha e gan cuideachadh airson eilthireachd a dhèanamh a Chanada no a dh'àiteigin dhen t-seòrsa.

CM: Mar sin, tha sin a' faighinn tomhas de dhealbh de mhuinntir an àite, tomhas de dhealbh dhe na h-uaislean, tomhas de dhealbh de luchd-gnìomhachais, agus iad uile mar phàirt de bheatha an eilein aig an àm.

MD: Tha. Dòcha gur e an aon fheadhainn nach eil sinn a' faighinn dealbh cheart dheth, 's e dè bha na croitearan 's coitearan fhèin a' smaoineachadh. Oir tha mi a' smaoineachadh gur e duine gu math onarach a bh' ann an Smith. Cha chreid mi gun robh taobh mòr aige taobh seach taobh. Cha chreid mi nach do chuir na fuadaichean uabhas air fhèin, a rèir 's mar a tha e a' sgrìobhadh, ged nach tuirt e cus mun deidhinn. Ach cha robh e, tha mi cinnteach, a' faighinn a-staigh, a bheil fhios a'd, dlùth air na coitearan 's na croitearan, rud nach b' iongantach nas motha, oir cuimhnich cha bhiodh Gà-... cha bhiodh mòran Beurla acasan aig an àm a bha sin, agus cha chreid mi gun robh Gàidhlig aigesan. Bha na h-uachdarain, bha iad a' cleachdadh an dà chuid Beurla 's Gàidhlig aig an àm sin. Agus 's ann bho shealladh nan uachdarain a bha e ga fhaicinn, ach bha e fhèin a' tuigsinn sin, tha mi a' smaoineachadh, agus... a bheil fhios a'd, cha chreid mi nach e sealladh cothromach a thug e seachad dhuinn.

CM: A bheil an leabhar air a bheil na sgeulachdan agad stèidhichte, a bheil e sin ri fhaighinn anns na bùithtean fhathast?

MD: Tha mi a' smaoineachadh gu bheil. Bha ùine mhòr nach robh. Thàinig mise tarsainn air an leabhar bho chionn dà fhichead bliadhna, tha mi a' smaoineachadh, ann an leabharlann air choreigin, agus bha mi ga shiubhal ùine mhòr mus d' fhuair mi a-rithist e, agus... ach thàinig... nochd e a-rithist bho chionn... tha mi a' smaoineachadh gur e còig bliadhna deug, ann an... fo chòmhdach phàipeir, a bheil fhios a'd, 's tha mi a' smaoineachadh, fhad 's is cuimhne leam, tha e ri fhaighinn anns na bùthainnean fhathast.

CM: 'S ann a tha mi ag ràdh siud airson mas e agus gun tòisich daoine ag èisteachd ris na seallaidhean a tha thu fhèin a' dèanamh a-mach às an leabhar, tha mi cinnteach gum bi ùidh aig daoine an uair sin 's dòcha a dhol a leughadh an leabhair fhèin.

MD: Uill shaoilinn gum bitheadh. Ma tha duine sam bith aig a bheil beagan ùidh ann an eachdraidh an Eilein Sgitheanaich 's dè mar a bha e aig an àm sin, gheibh e dìreach... 's e dìreach sealladh a th' ann air anns na bliadhnaichean a tha sin, mar a chunnaic duine aig an àm sin e, a bheil fhios a'd, agus tha e gu math inntinneach 's tha e gu math beòthail fhathast.

CM: Agus a' chiad sgeulachd a tha sin a' tòiseachadh air Radio nan Gàidheal madainn Diluain às dèidh naidheachdan deich uairean anns a' mhadainn, agus bidh iad air an uair sin airson sia seachdainean, a Mhàrtainn. A bheil sin ceart?

MD: Sin agad e, 'ille.

CM: Uill, tapadh leatsa gu dearbha airson a thighinn a-steach a dhèanamh beagan mìneachaidh air an leabhar, an t-ùghdar agus na seallaidhean a dh'fhaodadh sinn sùil a bhith ris. Màrtainn Dòmhnallach ann an sin ann an Inbhir Nis.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math