Rannsaich

Càit an Caidil an Rìbhinn

Ceann-latha July 1963
Àireamh a’ chlàir 17796
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.30.A11

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.030

Geàrr-chunntas

Òran gaoil le maraiche dhan chaileig a dh'fhàg e air chùl. Tha e ri cnuasachadh air càit a bheil i a' cadal agus a' miannachadh gum biodh e fhèin ri taobh. Ged a tha e air seòladh thar nan cuantan agus air a bhith ann an iomadh tìr chèin, cha d' fhuair e ann tè a sheasadh ri a leannan. Tha e a' toirt iomradh air a gruag àlainn agus a cuid bòidhchead, agus a' cur an cèill nach tog ceòl am bròn a th' air inntinn on a tha e dealaichte bhuaipe. Tha e a' miannachadh gun robh e ann an riochd eala 's gun seòladh e thairis air na cuantan gus a chur an cèill a chuid gaoil dhi.

Notaichean a' Chlàir

6 verses and refrain.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math