Rannsaich

Boireannaich a' dol air mhuinntireas.

Ceann-latha July 1963
Àireamh a’ chlàir 17809
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.30.B5

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.030

Geàrr-chunntas

Boireannaich a' dol air mhuinntireas.

Bhiodh daoine a' tighinn mun cuairt gus boireannaich fhastadh. Chaitheadh iad sia mìosan air falbh air mhuinntireas, is gheibheadh iad 30 tastan aig deireadh na cuairt. Uaireannan, chan fhaigheadh iad càil idir. Beagan fiosrachaidh mu fhaidhir fhastaichean san Òban.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Earra-Ghaidheal

Eilean - Muile

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Eairdsidh MacIllEathain (EM): ...'son a... 'son a... chuir sinn searbhantan 's balaich 's gillean, tha fhios agaibh, agus b' e sin... b' e sin fasan muladach, caigeann not dh'fhaodte iad ga fhaighinn airson sia mìosan, agus ò chunna mi le-... bha a leithid sin a' dol tha fhios agad, ach...

Elizabeth Sinclair (ES): Cà 'm biodh e a' dol?

EM: Ò cha robh iad ach a' tighinn mun cuairt, tha fhios agad, bha iad a' forfhais... dh'fhaodte gun robh tè airson cosnaidh, no fear no leithid sineach. 'S e.

ES: Bhiodh daoine a' tighinn mun cuairt gan iarraidh, am bitheadh?

EM: Uill, cha robh rathad againne, ach bha iad a' faighinn luchd-eòlais, tha fhios agad, a' faighinn forfhais, tha fhios agad, sin agad car mar a bha e. Bha. Chuala mise... 's chunna mi tè agus 's e deich tastain fhichead a bh' aice airson sia mìosan.

ES: Seadh. Ò uill, cha robh sin cus. Cha mhòr a dhèanadh e dhaibh an-diugh.

EM: Sin agad... sin agad [???]. Och bhiodh e... bhiodh e san àm sin, tha fhios agad, nam faigheadh tu seachd no ochd a nòtaichean ann an sia mìosan, bha e na rud mòr.

ES: Ò bha. Agus, chan fhaigheadh iad sgillinn dhen a seo gus am biodh na sia mìosan seachad?

EM: Chan fhaigheadh. Agus dh'fhaodte gu bheil... gun robh thu ann an droch àite agus dh'fhaodte gun robh row agad agus [?gur dòcha...] dh'fhaodte nach d' fhuair thu sgillinn.

ES: Chan fhaigheadh.

EM: Bha sin ann cuideachd. 'S chunna mi àiteannan den t-seòrsa sin.

ES: Seadh. Agus nach biodh faidhir ann airson seo cuideachd, anns an Òban?

EM: Bha, bha sin ann. Faidhir-fhastaichean. B' àbhaist sin a bhith san Òban uaireannan.

ES: Seadh. Agus tha cuimhn' agaibh fhèin air a seo?

EM: Ò tha cuimhn' a'm feadhainn a' dèanamh... a' dol gu faidhir an Òbain airson fastaichean.

ES: Seadh. 'S am biodh iad a' faighinn droch dhaoine?

EM: Ò uaireannan bha feadhainn dhiubh a' dol... a' landadh ann an àiteannan gu math neònach.

ES: Seadh. 'S an robh duine ann a bha...

EM: Uill, seallaidh tu anns na boats ann an Glaschu, aig a' mhargadh an sineach, tha mòran dheth sin a' dol fhathast, aig gillean thuathanach 's aig searbhantan thuathanach. Tha. 'S ann an sin a bhiodh a' dèanamh mòran de dh'fhastaichean. 'S ann.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math