Prògram Choinnich
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Artaigil a tha a' dèanamh a-mach nach do thachair na Fuadaichean.
Tha Màrtainn Dòmhnallach, Domhnall Uilleam Stiùbhart agus Dòmhnall Moireasdan a' deasbad artaigil a sgrìobh Michael Fry, a' dèanamh a-mach nach do thachair na Fuadaichean. Bha e làn mì-fhiosrachaidh. Ged a chanas na daoine a tha an-diugh thall thairis gu bheil iad nas fheàrr dheth, chan eil iad a' toirt taing do na h-uachdarain a chuir na sinnsirean aca air falbh. Ged a dh'fhalbh daoine len toil fhèin, bha an suidheachadh aig an taigh gu math doirbh. Thachair fuadaichean borb cuideachd, ach cha chualas mun deidhinn airson còrr agus fichead bliadhna. Thàinig air daoine falbh air sgàth 's gun robh an talamh air a thoirt bhuapa.
Ged a tha Michael Fry gu math eòlach air a' chuspair na bheachd fhèin, chan eil facal Gàidhlig aige agus 's dòcha gu bheil buaidh aige sin. Cluinnear an fhìrinn anns na h-òrain. Ged a bha beatha nas fheàrr aig daoine, bha e fhathast doirbh dhaibh agus bha mòran ann a bhàsaich air an t-slighe no nuair a ràinig iad thall. Tha rannsachadh fhathast ri dhèanamh, ach chan eil cunnart ann gun adhbharaich Fry agus a leithid ath-sgrìobhadh den eachdraidh. Tha dealbh diofaraichte a' nochdadh le bhith ag èisteachd ris na daoine thall thairis a bharrachd air an fheadhainn a dh'fhuirich aig an taigh. Bha iomadach Gàidhealtachd san t-saoghal anns an 18mh agus an 19mh linn.
Àite Clàraidh
Siorrachd - Ros is Cromba
Paraiste - Steòrnabhagh
Eilean - Leòdhas
Baile/Àite - Steòrnabhagh
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Cruth Inneal a' Chlàir
Dat
Càileachd an Fhuaime
Math