Rannsaich

Còig air fhichead seanfhaclan.

Ceann-latha September 1963
Àireamh a’ chlàir 18340
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.49.A8(76)-B1(16)

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.049

Geàrr-chunntas

Còig air fhichead seanfhaclan.

B' i caraid bean an taighe luachdair na brataich.

Caillidh duine a charaid le thadhal tric; mura tadhail e ach ainneamh e cha bhi e ceart.

An t-ionnsachadh òg an t-ionnsachadh glic.

Is leisg le leisgean a dhol a chadal; is leisge na sin leis èirigh sa mhadainn.

Ge b' e nach cur san latha fhuar, cha bhuain san latha theth.

A' buannachd a' bhuinn-a-sia 's a' call na sgillinn.

Saoilidh am fear a bhios na thàmh gur e fhèin as fheàrr làmh air an stiùir.

Ma chì thu taigh do nàbaidh a' dol na theine, thoir an aire air do thaigh fhèin.

Imrich Disathairne mu thuath 's imrich Diluain mu dheas.

Na tionndaidh do chùl gu bràth ri fàradh no ri boireannach.

Is fheàrr aon eun nad làimh na dhà dheug air iteig.

Is lìonmhor sealg aig fear gun ghunna.

Chan eil car san t-sionnach nach aithne don t-sealgair.

Taigh gun chù, gun chat, gun leanabh; taigh gun ghean, gun ghàire.

An làmh a bheir is i a gheibh.

Bidh mìr gille èasgaidh air gach mèis.

Mar chloich mhuil' a' ruith ri gleann, tha feasgar fann foghair.

Mar bhoin chaoil a' tighinn gu buaile, feasgar earraich tha e a' fàs.

Is e duine an t-aodach, ach 's e facal a sheasas e.

Gheibh foighidinn furtachd, gheibh trustar bean bhrèagha.

Maighdeannan Bhaile MhicSgoirean, Loireagan Bhaile MhicPhàil, Fithich Dhubh a' Chaolais, Faoileagan Phort nan Long, Sgoirbh Bhoraraigh, Cathail Phabaigh, Maighdeannan Bheàrnaraigh.

Toiseach 's deireadh na sìde, clachan mìne meallain.

Saoilidh am fear a tha gun mhodh gur e a' mhodh a' mhì-mhodh.

Rud nach d' fhuair Niall, chan iarrar air e.

Ged a bhruthadh amadan an amall bruthaich, cha dealaich amaideas ris.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math