Rannsaich

Còig air fhichead seanfhaclan.

Ceann-latha September 1963
Àireamh a’ chlàir 18349
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1963.49.B1(115)-B1(139)

Àireamh an Teip Thùsail

SA1963.049

Geàrr-chunntas

Còig air fhichead seanfhaclan.

Is soithichean falamh as motha a nì fuaim.

Is fheàrr aon eun san làimh na dhà dheug air iteig.

Fear a thig gun chuireadh suidhidh e gun iarraidh.

Is ioma rud a chluinneas an duine tostach.

A' bheinn as àirde a tha san tìr, is ann oirre as fhaide a laigheas ceò.

Is ioma rud bòidheach as còir a sheachnadh.

Chan eil fàidh gun urram ach na thìr fhèin.

Is e an duine an t-aodach, 's chan e a' chulaidh bhreugach.

Innis dhòmhsa cò do charaid, 's innsidh mise cò thu.

Chan ionndrainn thu an t-uisge gus an tèid an tobar tioram.

Far nach bi damh bidh a fhrasach glan.

Measar an t-amadan a bhith glic ma dh'fhanas e sàmhach.

Mar a' mhàthair is amhlaidh an nighean.

Dùisgidh fear feargach connsachadh.

An tì a dh'èisteas ri achmhasan, gheibh e tuigsinn.

Togaidh an duine fìor aimhreit.

Meallaidh tiodhlacadh na daoine glic.

Cha ghabh an soitheach Gàidhealach ach a làn.

Tuigidh fear-leughaidh leth-fhacal.

Damh nach do chleachd a chuing.

Is coltach an cù ri mhaighstir.

Is leisg le leisgean dol a laighe; is seachd leisg leis èirigh sa mhadainn.

Far nach bi dìth connaidh, thèid an teine às.

Is dìleas lotan caraid.

Cha dèan maghar tioram iasgach.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Eile

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math