Rannsaich

Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh.

Ceann-latha 15 December 1949
Àireamh a’ chlàir 21419
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0022.98

Àireamh an Teip Thùsail

CW0022

Geàrr-chunntas

Bàs Dhòmhnaill Dhuibh an Canaigh.

'S e duine làidir, borb, a bha ann an Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein. Aon uair 's e dol a Mhùideart à Uibhist leis a' bhìrlinn, b' fheudar dha stad an Canaigh leis an droch thìde. Dh'fhàs e tinn, is chaidh a thoirt gu Taigh na Dòirlinn, far na chaochail e.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Dhùn Breatainn

Paraiste - Cill Phàdraig

Baile/Àite - Bruach Chluaidh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Na h-Eileanan Tarsainn

Eilean - Eige

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Aonghas MacFhionghain: Tha e coltach, a rèir 's mar a tha an sgeul air a h-innse, gura h-ann ann an Canaigh a chaochail an duine iomraiteach sin ris an canadh iad Dòmhnall Dubh Mac 'ic Ailein, ceann-cinnidh Chlann Raghnaill. Bha Dòmhnall na dhuine làidir, foghainteach, uaibhreach agus borb, agus tha iomadh droch ghnìomh air a chur às a leth, agus chan eil sin na iongnadh, a chionn bha comannd bàs agus beatha aige air na bha a shluagh a' coimhead suas ris mar cheann-cinnidh, ann an Uibhist, 's ann an Canaigh, 's ann an Eige 's ann an Rùm, 's Eilean nam Muc 's Mùideart.

Agus thachair do Dhòmhnall air an turas seo a bhith ann an Uibhist, agus dh'fhàg iad Uibhist leis a' bhirlinn a' tighinn gu ruige Mùideart. Agus mar a b' àbhaist, thàinig droch shìde, a chionn bha e air a ghràdhainn nach do chuir Dòmhnall riamh gu cuan leis a' bhirlinn nach do shèid uisge 's gaoth na aghaidh. Agus a bharrachd air a sin, bha e air a ghràdhainn gum facas uair 's uair màgan às dèidh na birlinn nuair a bhiodh i air a rathad bho thìr-mòr gu ruige Uibhist.

Ach air an turas seo, thàinig i cho mosach agus gum b' fheudar dhaibh cur a-staigh dhan acarsaid a Chanaigh airson fasgadh, agus bha Dòmhnall gu tinn agus chaidh a ghiùlan gu ruige Taigh na Dòirlinn. Chaidh sgiobadh a' bhàta suas còmhla ris agus chaithris iad an oidhche, agus an àite Dòmhnall a bhith a' dol na b' fheàrr, 's ann a bha e a' dol na bu mhiosa. Agus chuir e seachad an oidhche sin agus an làrna-mhàireach, agus thàinig an ath oidhche a-rithist, agus cha robh sìon a dh'fheabhas air Dòmhnall.

Ach suas mu mheadhan-oidhche bha iad a-staigh ga chaithris agus dh'fhairich iad starban aig an doras. Chaidh fear dhe na gillean a dh'ionnsaigh an dorais, agus dh'fhosgail e an doras 's thàinig cù mòr dubh nach robh a leithid anns an eilean, a rèir coltais, anns an àm, agus choisich e suas agus chuir e a shròn a-staigh air beinge na leaba far an robh Dòmhnall.

Cha tuirt duine guth. Thionndaidh an cù a-mach, chaidh an doras a dhùnadh, agus an ùine gun a bhith fada chualas fead chruaidh a-mach, taobh a-mach an taighe. Dh'èirich Dòmhnall na shuidhe anns an leabaidh, agus bha fear dhen sgiobadh a bha sa bhirlinn, agus 's e ceatharnach cho làidir agus a bh' air an taobh an iar anns an àm, ris an canadh iad Raghnall Mòr mac Ailein Òig, agus rug e air Dòmhnall agus chuir e air ais air a dhruim anns an leabaidh e, mar a bha e roimhid.

Ach cha robh e fada mar sin nuair a thàinig an ath fhead, agus bha i na bu chruaidhe agus na bu chaise na a' chiad tè. Dh'èirich Dòmhnall le leum agus bha e air an ùrlar. Dh'èirich Raghnall agus chuir e a dhà làimh mu a mheadhan agus thog e e agus chuir air a dhruim anns an leabaidh air ais e.

Agus an ùine gun a bhith fada, thàinig an ath fhead, na bu chruaidhe na a' chiad dhithis a bha roimhpe, agus le aon leum bha Dòmhnall aig an doras, agus Raghnall às a dhèidh , agus rug e air a-rithist mun mheadhan agus chuir e air ais anns an leabaidh e, agus tha e air a ghràdhainn an uair sin gun do ghairm na coilich. Agus chaochail Dòmhnall nuair a thàinig... Mun tàinig a' mhadainn chaochail Dòmhnall, agus tha sgeul gun tug iad a chorp leis a' bhirlinn gu ruige Mùideart, agus chan eil fhios agamsa air an còrr mu dheidhinn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math