Rannsaich

An dòigh anns am bi am fiosraiche a' cuimhneachadh air sgeulachd.

Ceann-latha 1973
Àireamh a’ chlàir 2229
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1973.42.A2

Àireamh an Teip Thùsail

SA1973.042

Geàrr-chunntas

An dòigh anns am bi am fiosraiche a' cuimhneachadh air sgeulachd.

Bhiodh athair an fhiosraiche ag innse na sgeulachd mun Tuairisgeul Mhòr gu math tric. Bha e a' còrdadh ri daoine, gu h-àraid clann. Bidh am fiosraiche fhèin, mar gum biodh, a' faicinn dhealbhan ma choinneimh fhad 's a bhios e ag innse na sgeulachd. Cha bhi e a' faicinn mòran dhathan, ach na h-ìomhaighean, m.e. an coire, an fhàlairidh dhonn, na ridirean, msaa. Tha e mar gum biodh tu a' coimhead air film - na dealbhan a' dol deiseil. An duine a bha fo gheasaibh, bha e ga fhaicinn mar chù. Tha e nas fhasa an sgeulachd innse air fad, bho thùs gu èis, gun a bhith a' dèanamh ghiorrachaidhean sam bith. Bidh e uaireannan a' ruith air an sgeulachd na inntinn, 's e na shuidhe leis fhèin - tha seo a' cumail na h-inntinn beò!

Cha chòrdadh e ris sgeulachd a dhèanamh an-àirde e fhèin, ach mar a chuala e iad. 'S ann a bhios e a' faicinn na sgeulachd beag air bheag fhad 's a tha e ga h-innse. Nan cuireadh cuideigin no rudeigin dragh air 's e ag innse na sgeulachd, 's dòcha gun deigheadh e iomrall. Dh'fheumadh a h-uile nì a bhith socair. Tha ìomhaighean gach sgeulachd air an cumail air leth, agus, ged a chluinneadh e tionndadh eile air sgeulachd, cha dèanadh seo diofar sam bith air an sgeulachd aigesan - an dealbh a fhuair esan bho thùs.

Bidh e a' dol dhan leabaidh tràth bho nach bi daoine a' dol a chèilidh tuilleadh. Bidh e a' cuimhneachadh air na seann làithean - 's e saoghal nas toilichte a bha ann. Tha tòrr farmaid ann an-diugh. Tha airgead is telebhisean air call mòr a dhèanamh.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach (DE): Agus an fheadhainn a bhiodh a-staigh air cheilidh, an robh toil aca dhen an stòiridh a bha sin? Am bu toigh leotha a bhith ga cluinnteil?

Dòmhnall Alasdair Johnson (DA): Ò Dhia b' eadh 's gum biodh iad a' tighinn a dh'aon ghnothach air a son.

DE: Bhitheadh?

DA: Bhitheadh.

DE: 'S can nan tigeadh feadhainn...

DA: Na seann... na seann fheadhainn a bh' ann a shiudach, na class a bha siudach.

DE: Seadh.

DA: Bhitheadh, a ghràidhein agus... bhitheadh agus an fheadhainn òga a bh' ann an uair ud mar a... mar a bha mi fhìn 's iad sin.

DE: Bha dìreach. Bha.

DA: A' chlann a bha timcheall an sineach, bhiodh iad ann.

DE: Dìreach. Ach bha feadhainn ann a b' fheàrr cuimhne na chèile, feumaidh, nuair a bha feadhainn mar a bha sibh fhèin an uair ud ann a shin?

DA: Ò bha. Bha. Bha. Fios agad, bha feadhainn dhiubh a bha interest annta na b' fheàrr.

DE: Bha.

DA: Bha.

DE: Ach a rèir a' choltais bha a h-uile duine dhen an fheadhainn òga a bha sin, bha iad a' gabhail interest, dh'fheumadh iad fuireach sàmhach 's dh'fheumadh iad èisteachd 's bha iad a'...

DA: Ò dh'fheumadh, dh'fheumadh.

DE: Bha iad ag èisteachd ris a' ghnothach.

DA: Ò, bha iad ag èisteachd, fhios agad, ach cha robh i a' dol sìos aca, fhios agad.

DE: Ah, dìreach. Dìreach.

DA: Cha robh i a' dol san inntinn aca idir, fhios agad. Cha robh iad ach ag èisteachd rithe mar a bha esan ga gabhail dhaibh.

DE: Seadh. Ach cumaidh an dala duine cuimhn' air rud...

DA: Ach cumaidh duine... an dàrna duine, 's tha e a' cumail beachd air gu dè mar a bha i 's a h-uile sìon.

DE: Tha. Tha.

DA: Cumaidh. Sin mar a bha iad. Ò ghràidhein, cha robh... cha robh... cha robh brag ri dhèanamh thall no a-bhos.

DE: Cha robh.

DA: Ò cha robh.

DE: Dìreach a bhith sàmhach. Agus, a-nist, nuair a bha sibhse a' cluinnteil stòiridh mar sin, an robh sibh, nur n-inntinn fhèin, an robh sibh mar gum biodh sibh a' faicinn dealbh air a' ghnothach? Air neo...?

DA: Bha. Bha mi dìreach mar gum faicinn mar a bha an rud a' dol air aghaidh.

DE: Bha. Bha.

DA: Mar gum bithinn ga tarrainn air a' bhalla ann a shineach, dìreach mar a bha an rud a' dol air aghaidh.

DE: Bha. 'S bha sibh ga faicinn na... na h-ìomhaighean?

DA: Bha. 'S e. Bha. Bha, mi dìreach mar gum biodh... dìreach mar gum bithinn dìreach ga faicinn a' dol mar sin air aghaidh air a' bhalla mar sin - mar gum biodh, dìreach, bha mi a' pictureadh a' ghnothaich air a... air an rud.

DE: Seadh. Agus fhathast nuair a bhios sibh ga h-innse an-dràsta fhèin am bi sibh ga faicinn na dealbh mar sin?

DA: Ò tha cuideachd. Tha.

DE: Tha fhathast?

DA: Feumaidh tu... Feumaidh tu bhith ga faicinn na dealbh romhad air neo cha bhi beachd agad oirre.

DE: Seadh. Seadh.

DA: Chì thu... tha thu... tha thu mar gum biodh an dealbh romhad ann a sheothach, 's chan eil thu ach a' leantail an rud mar a tha e. Tha.

DE: 'S cha mhòr nach eil sibh ga fhaicinn na dhealbh air a' bhalla air ur beulaibh?

DA: Cha mhòr nach eil. Cha mhòr. Cha mhòr... Chithinn-sa nam bithinn a' coimhead air a' bhalla ann a shineach, chithinn dìreach mar a bha iad... mar a bha iad a' tighinn - na daoine - 's mar a bha an rud ud 's an rud ud eile.

DE: 'S am faiceadh sibh dè an t-aodach a bh' orra, no dè? An robh sibh a' faicinn dathan 's rudan mar sin?

DA: Uill, chan fhaiceadh. Chithinn... chithinn dìreach mar... far... nuair a chaidh esan chun a' choire, bha mi dìreach mar gum bithinn a' faicinn a' choire ann a shin dìreach, meirgeach.

DE: Seadh.
.
DA: Mum choinneamh.

DE: Seadh.

DA: Bha mi a' faicinn an tom-luachrach [???] far an do thog esan e.

DE: Seadh dìreach. Seadh.

DA: Bha.

DE: 'S an fhàlaire dhonn, bha sibh ga faicinn?

DA: Seadh, an fhàlaire dhonn, bha i ann a shin. Bha i mum choinneamh.

DE: Bha dìreach.

DA: Bha. Bha mi ga faicinn a' leum seachad air a... air a' gheata aig an duine.

DE: Bha dìreach. Bha.

DA: Bha.

DE: Nist, nuair a tha sibh a' faicinn geata mar sin, an e geata iarainn... an e geata mòr iarainn a tha sibh a' faicinn no geata fiodha, no dè bha sibh a' faicinn?

DA: Geata iarainn.

DE: Geata iarainn.

DA: 'S e.

DE: De gheata àrd, an e?

DA: Seadh. Geata àrd.

DE: Sheadh. Aidh, Aidh. 'S chitheadh sibh an caisteal 's chitheadh sibh na ridirean a bha sin?

DA: Chithinn dìreach tuairmeachd nan taighean a bh' ann, 's na seòrsa taighean. Chitheadh. Bhithinn a' pictureadh gur ann mar seothach a bha iad.

DE: Bha, dìreach. Bha. 'S e rud math a tha sin a-nist.

DA: 'S e.

DE: Nist nuair a bha sibh a' faicinn nan ridirean a bha sin, ciamar a bha sibh gam faicinn-san?

DA: Cha robh ach dìreach gam faicinn nan daoine cumanta, dìreach mar gum faiceadh tu iad, gun robh iad dreaste seach càch.

DE: Seadh. Seadh. 'S bhiodh aodach orra?

DA: 'S bhiodh an aodach orra. Bhitheadh. Chitheadh tu an t-aodach orra.

DE: Seach càch, ge-tà? Bhiodh aodach àraid orra?

DA: Bhitheadh. Bha aodach àraid orra. Striopaichean 's rudan dhen t-seòrsa sin annta. Bhitheadh.

DE: Agus Ridire na Sgèithe Gile 's Ridire na Sgèithe Uaine. Ciamar a bha iad sineach?

DA: Bha. Bha sineach, bha iad mar gum biodh e aca air an gualainn ann a sheothach, air... air tab. An dath.

DE: Ò, 's e dìreach. Air a' ghualainn ann a shin?

DA: Seadh.

DE: Seadh. Mar gum biodh sgrìob dhen dath, dìreach?

DA: Seadh. Mar gum biodh sgrìob dhen dath ann [???] geal, no uaine, no dearg.

DE: Seadh gu dearbha. Ò uill, tha sin math.

DA: Bhitheadh.

DE: Tha sin math. 'S nuair a bha... nuair a bha an ceann a' tighinn a-nuas thuigesan mu dheireadh?

DA: Bha. Bha mi dìreach ga fhaicinn a' tighinn, dìreach a' tighinn anns an iarmailt ann a shin mar gum biodh e a' tighinn... mar gum bithinn dìreach air a' chnoc ann a shin a' gabhail ealla ris.

DE: Nist, an Tuairisgeul Òg agus an Tuairisgeul Mòr, an robh sibh gam faicinn nan daoine mòra, mòra, nas motha na 'n cumantas, no ciamar?

DA: Uill, bha mi a' faicinn an Tuairisgeil Mhòir na dhuine sgràthail gnòthalach mar sineach. Gur e brùid uabhasach a bh' ann. Ach cha robh sìon... cha robh mi a' faicinn an Tuairisgeil Òig ach car 's gun mòran tacsa ann ach... ach àrd. Bha 's... caol, àrd.

DE: Sheadh.

DA: Ach cha robh e fuathasach garbh idir.

DE: Seadh.

DA: Ach bha mi ga fhaicinn-san garbh.

DE: Bha dìreach. 'S na cràgan a bha seo orra?

DA: Seadh. Bha.

DE: Cràgan mòra. An ann coltach ri làmh duine a bha sibh gam faicinn a-nist?

DA: 'S ann. 'S ann. Bha mi dìreach... saoilidh mi gun robh mi a' faicinn an dòrn a dh'fhàg an cù, dìreach - a thug e às - gun robh mi ga fhaicinn ann a shin.

DE: Seadh. Seadh. Ò uill tha seo... tha seo math. Tha seo math. Agus, ah, 's fhada o bha mise a' dèanamh a-mach... 's fhada o bha mi a' smaoineachadh gur dòcha gur ann mar seo a bha duine a' cumail cuimhn' air a' ghnothach - gun robh e ga fhaicinn dìreach...
'
DA: 'S ann, tha e ga fhaicinn.

DE: Mar gum faiceadh tu film air...?

DA: Bha e dìreach mar gum biodh film.

DE: 'S e.

DA: Dìreach, tha. Mar gum biodh dìreach film a' dol seachad mar sineach ort, mar sin.

DE: Seadh. Agus a-nist abair nam biodh sibh a' sealltainn ris a' bhalla ann a shin, 's ann mar gum bitheadh on an làmh chlì chun na làimhe deise a bha an gnothach a' dol, an ann?

DA: 'S ann.

DE: Bho left gu right?

DA: 'S ann. 'S ann. A' dol deiseil.

DE: Seadh. Seadh, seadh.

DA: 'S ann.

DE: Ò uill, tha sin math.

DA: Chan fhaic... chan fhaic thu uair sam bith... uair sam bith a' dol mar siud e.

DE: A' dol an taobh eile. Chan fhaic, dìreach. Chan fhaic, dìreach.

DA: Mar siud. Ach chì thu... chì thu a' tighinn mar seo e.

DE: Chì thu na dealbhan a' tighinn mar seo?

DA: Chì. Chì thu an dealbh a' tighinn mu chuairt mar seo, deiseil.

DE: Seadh. Seadh.

DA: Mar a tha a' ghrian a' dol.

DE: Nist, nuair a tha an cù... nuair a bha an duine na chù, an robh sibh ga fhaicinn na chù a' dèanamh a h-uile sìon dheth seo, air neo an robh sibh uaireannan ga fhaicinn na dhuine?

DA: Ò, cha robh mi ga fhaicinn na dhuine idir ach na chù.

DE: Ach na chù, fad na h-ùine.

DA: Na chù.

DA: Cha robh. Chan fhaicinn ach na chù e. Chan fhaiceadh.

DE: Ò uill, tha sin... tha seo math dha-rìribh. Math dha-rìribh.

DA: Chan fhaiceadh. Chan fhaicinn ann ach na chù e 's bha mi ga... chithinn... bha mi ga fhaicinn anns an tulmasan a bh' ann a sheothach, anns an sgalla, bha mi ga fhaicinn na chù na shuidhe ann.

DE: Na shuidhe?

DA: Sheadh.

DE: Seadh.

DA: Bha.

DE: Seadh, mus do thòisich e air comhartaich idir?

DA: Seadh mun do thoisich e air comhartaich ris an t-saothach - mun do nochd an saothach 's gun do thòisich e air comhartaich. Bha na coin eile a' dol air gach taobh dheth sìos dhan mhuir.

DE: Bha.

DA: Leis an sgallaidh.

DE: 'S an e coin mhòra a bhiodh ann?

DA: 'S e, coin mhòra a bh' ann.

DE: Seadh. Seadh.

DA: 'S e.

DE: Ò uill, tha fhios a-nist, 's ann dìreach mar sin a bha daoine - an dala duine... Nist 's dòcha daoine eile a bha a' cluinnteil seo nach fhaigheadh iad ìomhaighean cho math air na...?

DA: Chan fhaigheadh, fhios agad. Chan fhaigheadh. Cha robh iad a' beachdnachadh air na rudan a bha seothach idir, fhios agad.

DE: Cha robh dìreach.

DA: 'S ann bhuaithe sin a bha iad nach toireadh iad leotha i 's nach... nach cumadh iad cuimhn' oirre. Ach aon uair 's gu bheil thusa a' tòiseachadh oirre, 's i san inntinn agad, tha thu a' faicinn an rud romhad ann a shin.

DE: 'S ann a tha thu... cha mhòr nach biodh tu... mar gum biodh tu ga leughadh far a' bhalla?

DA: Mar gum biodh tu ga leughadh far a' bhalla. Mar gum biodh i a' tighinn ort.

DE: Seadh.

DA: Brith gu... cò sgeulachd a th' ann, chan eil e gu diofar, ach nuair a tha thu a' tòiseachadh anns an toiseach aice tha an uair sin an còrr soilleir romhad, mar gum biodh tu ga fhaicinn air a' bhalla ann a shineach, dè mar a tha a h-uile sìon a' dol.

DE: Tha, dìreach. Tha, dìreach.

DA: Tha.

DE: Agus 's ann mar a tha sibh ag innse na stòiridh, 's ann a tha i a' sìor thighinn thugaibh, mar sin?

DA: 'S ann, a' sìor thighinn thugad. Sìor thighinn thugad. 'S ann.

DE: Mar gum biodh tu... mar gum biodh, dìreach, i a' sìor nochdadh?

DA: I a' sìor nochdadh riut, a' sìor chumail riut. Mar a tha thusa a' dol air aghaidh... tha an gnothach a' tighinn ort.

DE: Mar sin nam biodh agaibh ris an stòiridh a dhèanamh uabhasach goirid, nam biodh agaibh ri summary, mar gum bitheadh, a thoir seachad, cha bhiodh e cho furasta 's dòcha idir?

DA: Uill, cha bhitheadh e cho furasta idir ach dìreach [?nas lugha, dìreach, gun] gearradh tu dheth buileach i.

DE: Ach tha e nas fhasa stòiridh innse air fad na tha e...?

DA: Tha e nas fhasa stòiridh innse air fad... o cheann, chionn tha i romhad ann a shiud gu ceann, fad an t-siubhail. Chan eil thu ach a' dol... chan eil thu ach ga leantail.

DE: Agus tha an dala dealbh, mar gum bitheadh, a' leantail na dealbh eile?

DA: Tha, a' leantail na dealbh eile. Tha. Tha. A h-uile sìon a' tighinn a-staigh na àite fhèin.

DE: Seadh. Seadh, seadh. Seadh. Ò uill, tha sin math.

DA: Tha.

DE: Math dha-rìribh.

DA: Ò chan eil mi a' smaoineachadh mura biodh beachd aig duine mar siudach oirre gun cumadh e cuimhn' oirre uile cho math idir.

DE: Ò, mura bi... tha mise a' smaoineachadh gur e seo a tha... tha a' steidheachadh na stòiridh ann a... ann an inntinn duine.

DA: 'S e. 'S e.

DE: A bhith ga faicinn.

DA: 'S e. 'S e. Tha thu ga faicinn. Tha thu ga faicinn mud choinneamh.

DE: Tha.

DA: 'S e sin a tha mi ag ràdh. Mura biodh i a' steidheachadh anns an inntinn agad mar sineach, chan eil mi a' smaoineachadh gun deargadh tu air a cumail air chuimhne cheart.

DE: Seadh. Chan eil sibh ach mar gum biodh sibh, cha mhòr, ga leughadh air ur beulaibh?

DA: Chan eil sìon ach mar gum biodh... nuair a thòisicheas mise air an stòiridh, chan eil mi ach mar gum bithinn ga leughadh far a' bhalla ann a shin.

DE: Ah uill.

DA: Tha i a' tighinn beag air bheag thugam ann an sineach. Ise a' sìor thighinn thugam mar a tha i a' dol, mar a tha còir aice.

DE: Tha dìreach. Tha dìreach.

DA: Chan eil.

DE: Agus a-nist, nuair a bhios sibh leibh fhèin am bi uaireannan na stòireannan sin a' dol tro ur n-inntinn mar sin?

DA: Bithidh. Bidh mise uaireannan, bheir mi treiseagan air feadhainn aca mar siudach nuair a tha mi leam fhìn aig an teine ann a sheo.

DE: Sheadh. 'S bidh sibh a' faighinn toileachas às a sin?

DA: Och a Dhia bidh. 'S esan a Dhia bhitheas sin. 'S esan a Dhia bhitheas.

DE: Ò 's e deagh... 's e deagh chur-seachad ùine a th' ann cuideachd.

DA: Ò ghràidhein, 's e. 'S e, do dhuine a tha nòisean aige dhiubh.

DE: 'S e, nach e seo an gnothach.

DA: 'S e.

DE: 'S tha e a' cumail na h-inntinn beothail.

DA: Tha e a' cumail na h-inntinn agad cho beothail.

DE: Tha dìreach.

DA: Tha. Seach a bhith a' wonderadh 's a' smaointinn air rudan neònach eile.

DE: Seadh. Seadh.

DA: Tha. Gu dearbha, 's esan a th' ann.

DE: Nist, cha bhi sibh fhèin uaireannan, mar gum bitheadh, a' feuchainn ri... cha robh sibh riamh... cha chòrdadh e ribh, mar gum bitheadh, stòireannan às ùr a dhèanamh suas sibh fhèin, an còrdadh?

DA: A Dhia cha chòrdadh. Cha chòrdadh.

DE: Fhios agaibh, mar a bhios daoine a' dèanamh leabhraichean 's a leithid sin, no...?

DA: Seadh leabhraichean.

DE: Cha chòrdadh e ribh ach dìreach mar a chuala sibh?

DA: Cha chòrdadh ach mar a chuala mi.

DE: Mar a chuala sibh. 'S e dìreach.

DA: Cha chòrdadh. Cha chòrdadh. Cha chòrdadh gu dearbha.

DE: Ò uill, tha sin math. Math dha-rìribh. A h-uile duine... a h-uile duine tha math, tha sibh a' smaoineachadh?

DA: Seadh, a h-uile duine tha math air sgeulachdan 's a tha cuimhn' aige orra ceart.

DE: Tha sibh a' dèanamh a-mach gur ann?

DA: Tha mi a' smaoineachadh gur ann mar siud a tha... a tha iad - a leithid - nach eil... nach eil rathad aca a bhith air a chaochladh co-dhiù.

DE: Cha chuala sibh duine sam bith eile riamh a' bruidhinn air a seo, gum faiceadh iad an stòiridh?

DA: Ò cha chuala. Cha chuala gu dearbha. Cha chuala.

DE: Ach tha mi deimhinne... tha mi deimhinne gur ann mar sin a tha an gnothach.

DA: Ach 's ann mar siud a tha e. Bha sealladh agamsa air an sgeulachd a ghabh mi dhut ann a shin. Bha sealladh agam romham oirre fad an t-siubhail, a' tighinn mar a bha i.

DE: Bha.

DA: Mar gum bithinn ga faicinn ann a shin.

DE: Ach nuair a thòisich sibh, bha seòrsa... bha seòrsa sealladh agaibh air an stòiridh uile, an robh? Air neo an robh agaibh ach sealladh...

DA: Cha robh agam ach sealladh mar a bha mi a' dol air aghaidh.

DE: Sheadh. Sheadh. Sheadh.

DA: Cha robh sealladh agam air a' cheann a b' fhaide air falbh idir dhith.

DE: Seadh.

DA: Cha robh.

DE: Gu 'n ruigeadh sibh nas fhaisge air?

DA: Gus an ruiginn an t-àite a bha seo.

DE: Ò uill, tha sin math.

DA: Cha robh sealladh air aghaidh ach dìreach mar a bha thu fhèin a' dol air aghaidh 's bha an sealladh a' cumail ort mar gum biodh e dìreach a' tighinn thugad mar sin.

DE: Bha dìreach. Bha dìreach.

DA: Bha.

DE: Ah uill, tha sin math. Tha mi toilichte gun d' fhuair mi siud sìos.

DA: 'S ged a dh'fhàgainn-sa pìos dhith às mo dhèidh, math dh'fhaodte gur ann a chuireadh i ceàrr mi airson pìos eile.

DE: Seadh, tha mi a' faicinn.

DA: O nach robh sealladh dòigheil agam oirre, 's o nach do lean mi an sealladh aicese fad an t-siubhail.

DE: Agus 's dòcha gur e rudeigin a thachradh, a thogadh ur n-inntinn. Can nan... can nan gluaiseadh an cù, nan toireadh e boc às, no leithid sin, 's dòcha... 's dòcha gun togadh sin ur n-inntinn tiotan far a' ghnothaich?

DA: Thogadh far an rud. Thogadh. Thogadh.

DE: Seadh.

DA: 'S esan a dhèanadh sin.

DE: Agus cha bhiodh e buileach cho furasta dhuibh...

DA: Cha bhitheadh.

DE: A' cur an altaibh a chèile às a dhèidh sin?

DA: Cha bhitheadh, a' cur a-staigh còmhla a-rithist mar a bha i idir.

DE: Cha bhitheadh.

DA: 'S ann bhuaithe sineach a bha iad, fhios agad, bha iad airson a bhith... am fear nach maireann, m' athair... 's ann airson gum biodh a h-uile sìon socair.

DE: 'S ann.

DA: Bhiodh iad a' cur na h-inntinn aige far dheth... dheth far an rud idir, far an rud a bha e ag obair air.

DE: 'S e.

DA: Cha robh a chridhe brag thall ri dhèanamh no a-bhos no sìon.

DE: Cha robh. Bha sin a' cur an duine far a...?

DA: Bha sin a' cur an duine... math dh'fhaodte gun sealladh e mar sin, gu dè am brag a bh' ann, 's bha an inntinn aige far an rud a bha e ag obair air.

DE: Bha dìreach. Bha, bha.

DA: Bha. Sin mar a bha e.

DE: Glè mhath. Glè mhath. 'S tha sibh a' cumail na h-ìomhaighean aig a h-uile stòiridh - tha iad air an cumail air leth dìreach mar gum biodh iad...?

DA: Ò tha iad air an cumail air leth, dìreach.

DE: Mar gum b' e film às ùr a bha sa h-uile gin?

DA: Dìreach. 'S e dìreach mar gum b' e tè às ùr a tha sa h-uile gin dhiubh. 'S e. 'S e. Ò tha. Tha. Tha. Tha i sin a' tighinn a-staigh thugad mar a tha an còrr, dìreach. Tha i a' tighinn nad shealladh mar a tha thu a' dol air aghaidh leatha. Tha i a' tighinn... gu dè tha a' tighinn às a dhèidh sin 's mar sin. Tha e a' tighinn fad an t-siubhail.

DE: Tha. Agus a-nist, ged a chluinneadh sibh duine eile ag innse seòrsa dhen aon naidheachd, dhen aon stòiridh, cha dèanadh sin diofar sam bith air an stòiridh agaibh fhèin? 'S e stòiridh agaibh fhèin a chumadh sibhse...?

DA: Ò 's e an stòiridh agam fhìn a chùm mise. 'S e. 'S e.

DE: 'S e.

DA: Ged a bhithinn-sa ceàrr innte, 's e mar a dh'ionnsaich mi...

DE: Shin agaibh e. Shin agaibh e.

DA: Chùmainn-sa mar a dh'ionnsaich mi i.

DE: Mar a dh'ionnsaich sibh i. 'S ann. 'S ann. An dealbh a fhuair sibh o thùs, mar gum bitheadh?

DA: Seadh. Seadh. Seadh dìreach. An dealbh a fhuair mise, an sealladh a fhuair mise oirre on toiseach dìreach 's i... 's e... siud e.

DE: 'S e. Ò tha sin math. Tha sin math.

DA: Sin mar a dhèanainn e. Ged a bhithinn ag ràdh rium fhìn gun robh mi ceàrr ann, 's e siud mar a dh'ionnsaich mise e agus 's e siud an sealladh a dh'fheumainn-sa chumail.

DE: 'S e. Agus 's e sin a tha sibh a' toir seachad an-còmhnaidh? An sealladh?

DA: 'S e. 'S e.

DE: Ò uill, tha siud math dha-rìribh.

DA: Sin agad a-nis, ma-thà.

DE: Uill, is math as fhiach siud dràm beag.

DA: Ò Dhia, Dhia teann 's do dhràm. Thu fhèin 's do dhràm.

DE: Cà 'n do chuir sibh...? Tha i ann a sheo.

DA: Na cuir innte ach drùdhag bheag a-niste.

DE: Ò uill.

DA: Ah Dia, Dia gad shàbhaladh.

DE: Chan eil i ach beag co-dhiù.

DA: Ò, an-tà Dhia anns a' Chathair tha gu h-àrd, chan eil tè eile air an dreasair uiread rithe. 'S i gin as motha a th' ann.

DE: Dè tha sibh ach a' dol dhan leabaidh co-dhiù a dh'aithghearr, tha mi cinnteach?

DA: Ò tha gu dearbha.

DE: Cha mhiste... cha mhiste duine...

DA: Bhithinn-sa innte roimhe seo mura bitheadh gun tàinig thu.

DE: Och, tha mi a' creidsinn. Bhitheadh gu dearbha, a Dhòmhnaill Alasdair.

DA: Ò bhithinn-sa a' dol innte aig deich, no beagan an dèidh deich steady.

DE: Tha a h-uile h-oidhche, bheil?

DA: A h-uile h-oidhche. Chan eil duine a' tighinn... duine a' tighinn air chèilidh co-dhiù 's... Tha an cèilidh fhèin air sgur.

DE: Ò tha an cèilidh air sgur buileach.

DA: Ò tha gu dearbha, an cèilidh air sgur anns a h-uile h-àite. An-tà 's e rud laghach a bha sa chèilidh.

DE: Ò 's e sin a bh' ann.

DA: Agus bha thu a' cur seachad ùine 's nach fhairicheadh tu an oidhche a' dol seachad.

DE: 'S e cuideachd.

DA: Nuair a thigeadh dithis no thriùir ann a shin air chèilidh 's bhiodh naidheachdan thall 's naidheachdan a-bhos. Bhiodh siud ann 's bhiodh seo ann, agus cha bhiodh an oidhche mionaid a' dol seachad seach nuair tha duine na shuidhe leis fhèin, gun duine a' bruidhinn ris no sìon mura bruidhinn thu ris a' chù.

DE: Aidh. Ach tha na... uill tha na... tha na sgeulachdan agaibh ge-tà airson a bhith a' beachdnachadh orra...

DA: Ò tha. Ò bidh mi uaireannan a' beachdnachadh air a sin. Bidh mi gan gabhail fom shuim fhìn, dìreach nam inntinn.

DE: Seadh.

DA: Uaireannan. Bithidh. Uill slàinte mhath ma-thà.

DE: Slàinte mhath, a Dhòmhnaill Alasdair. 'S tha mi cinnteach gum bi sibh a' cuimhneachadh air na seann lathaichean cuideachd, mar a bha gnothaichean 's...?

DA: Ò Dhia bithidh. 'S mise Dhia bhitheas sin. 'S mise Dhia bhitheas sin, a ghràidhein.

DE: Agus a-nist bidh a h-uile duine dhe na seann daoine a' ràdh rium gur e saoghal nas toilichte a bh' ann.

DA: Ò Dhia 's e. 'S e sin a bh' ann, saoghal toilichte an toiseach.

DE: Seadh.

DA: Rim chiad chuimhne.

DE: Seadh.

DA: Ò ghràidhein, 's e. Bha na daoine cho nàdarra ri chèile 's bha a h-uile duine cho coibhneil ri chèile.

DE: Bha dìreach.

DA: Bhiodh iad a'... seall fhèin mar a bha an ceilidh a bha sin fhèin. Bhiodh iad a' dol air chèilidh air a chèile 's: "Thèid mise air chèilidh ortsa a-nochd 's thig thusa an ath­oidhch'." 'S mar sin. Chan eil sin an-diugh idir ann.

DE: Chan eil. Chan eil.

DA: Uill 's e a-nis car de ghràin a th' aca air a chèile... air nach eil iad mar sin. Feumaidh gura h-e.

DE: 'S e. Chan eil iad anns an aon dàimh ri chèile co-dhiù.

DA: Chan eil. 'S e sin tha mi ag ràdh, nach eil.

DE: Chan eil.

DA: 'S iad nach eil. Agus tha iad an-diugh, tha... nam faigheadh tusa sìon, tha iad an-diugh cho farmadach, 's an uair ud cha robh ach: "A Dhia..." 's cha bhiodh ann ach: "A Dhia nach tu bha lucky." "Dhia... Dhia, mo bheannachd ort, nach tu bha lucky."

DE: Agus 's ann a bhiodh daoine toilichte gun d' fhuair thu...

DA: 'S e sin tha mi ag ràdh, an uair ud. 'S e sin a chanadh na daoine riut. Ach an-diugh 's ann a tha farmad riut ma... ma gheibh thu...

DE: 'S ann, ma-thà.

DA: Sìon sam bith seach... seach a... seach duine eile.

DE: Seach duine eile. 'S e dìreach.

DA: Farmad riut an-diugh air a shon.

DE: Agus am beagan a bh' aca o chionn fada, roinneadh iad am measg...

DA: Roinneadh iad eatorra e. Ged nach biodh ann ach a' bhreacag arain, gheibheadh tu an ceathramh dhith.

DE: Gheibheadh. Gheibheadh dìreach.

DA: Roinneadh. 'S cha robh iad ach a' falbh... nan toireadh tu an-diugh... rachadh iad... rachadh iad a dh'iarraidh iasad teatha air an duine ud 's thigeadh an duine ud a-màireach math dh'fhaodte iasad teatha 's... no iasad siùcar, no rud air choreigin orra... an uair sin. Chan eil sin ann an-diugh. Chan eil. Nan dèanadh tu sin an-diugh chan eil fhios gu dè...
.
DE: Ach sin mar a tha còir aig daoine a bhith ge-tà. Tha còir aige a bhith mar sin.

DA: 'S ann mar sin a bha còir aca a bhith, a Dhòmhnaill Eairdsidh. Agus an-diugh cuideachd 's ann a bha còir aca a bhith.

DE: 'S ann cuideachd. Ach tha gnothach an airgid air gnothaichean a mhilleadh an-diugh.

DA: Gnothach an airgid. Tha, agus cha b' fheàirrde an saoghal an telebhisean a bha sin.

DE: Cha b' fheàirrde cuideachd. Cha b' fheàirrde.

DA: Rinn i call mòr, mòr air an t-saoghal agus air na daoine.

DE: Tha. B' fheàrr le daoine a bhith a' coimhead an telebhisein seach a bhith a' coimhead a chèile.

DA: B' fheàrr. Agus seall thusa na tha i air dèanamh a chrimes.

DE: Tha cuideachd.

DA: Rudan a tha iad a' faicinn air an telebhisean a tha sineach.

DE: Tha cuideachd. Chan fheàirrde iad dad e.

DA: Chan fheàirrde.

DE: Chan fheàirrde.

DA: Tha an telebhisean math gu leòr nan gabhadh iadsan na dòigh fhèin i.

DE: 'S e. 'S e sin an gnothach ach...

DA: Ach chan eil iad sin.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math