Rannsaich

MacNìll Bharraigh agus MacCoinnich Chinn t-Sàile

Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir 22575
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

CW0033A.150

Àireamh an Teip Thùsail

CW0033A

Geàrr-chunntas

Anns an t-seann aimsir nochd MacCoinnich Chinn t-Sàile ann am Bàgh a' Chaisteil uair, is dh'fheuch e ri cur às dha MacNìll le bhith ga ghlasadh ann an Caisteal Chìosamuil gun bhiadh. Leis cho innleachdach 's a bha MacNìll, rinn e a' chùis air MacCoinnich. Greis às dèidh seo, mheall MacCoinnich MacNìll, is chaidh MacNìll a chur an grèim. Gu fortanach, leig am britheamh ma sgaoil e.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Barraigh

Paraiste - Barraigh

Baile/Àite - Am Bàgh a Tuath

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Eilean - Barraigh

Paraiste - Barraigh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

Canna

Tar-sgrìobhadh

Fear Chanaigh: This is Northbay, the third of January nineteen fifty. This is Mr John MacPherson, the Coddy, to tell the story of how MacNeil of Barra was besieged in the castle Kisimul by MacKenzie of Kintail.

Iain Mac a' Phearsain: Tha mi a-nis a' dol a dh'innse dhuibh naidheachd bheag eile mun chaisteal, a chàirdean. Cha bhithinn sgìth a bhruidhinn air a' chaisteal rim mhaireann, nam biodh cuimhn' agam air na chuala mi mu dheidhinn, ach on a tha an cothrom agam an-diugh, tha mi a' dol ga ghabhail. Naidheachd a chuala mi triop a thàinig MacCoinnich Chinn t-Sàile a Bhàgh a' Chaisteil, agus bha e na bheachd gun cuireadh e MacNìll gu bàs, nach fhaigheadh biadh thuige 's nach fhaigheadh biadh bhuaithe. Agus thug e ùine nan ùineachan ga fhaire, agus mu dheireadh dh'fhàs am biadh air MacNìll gann.

Thuirt e ris fhèin nach robh fhios aige gu dè rud a dhèanadh e, agus cha robh creutair beò anns a' chaisteal ach cù. Agus rug e air a' chù, agus cheangail e e, agus leig air an sgòrnan aige agus leig e às a h-uile sug fala a bh' ann agus chuir e ann am bucaid i.

Dh'fhalbh e an sin sìos do sheilear a bha ann an grunnd a' chaisteil, agus thòisich e air toirt a-nuas chraicinn-chaoraich a bha e air marbhadh fad na bliadhna mu chuairt. Pheant e na caoraich 's na craicinn gu brèagha, 's iad sgaoilte aige air an ùrlar, 's am fear mar a bha e deiseil [???] bheireadh e a-mach iad 's a chrochadh e iad air balla-àrd a' chaisteil, far am faiceadh an fheadhainn a bha a' dol chur crìoch air iad.

Agus ann an soilleireachadh an latha, bha e deiseil dhen ghnothach, agus bha iadsan ann an siud ga fheitheamh.

A' chiad fhear a mhothaich e dha, dh'innis e dhan fhear eile e, 's thàinig iad an sin gu co-dhùnadh gun robh am balla làn chraicinn 's nach do rinn MacNìll car fad na h-oidhche ach a' marbhadh chaorach. Agus chaidh seo am brath a chur gu Cinn... gu MacCoinnich, agus thuirt e an uair sin ris fhèin:

"Uill, chan eil reusan dhòmhsa fuireach nas fhaide. Mun teirig na mharbh MacNìll a-raoir de chaoraich air, 's ann a bhios dona dheth sinne agus... sinne a bhios dona dheth, agus faodaidh sinn a leigeadh às ar ceann, nach urrainn dhuinn MacNìll a chur gu bàs air an rathad sa idir. Tha gu leòr a bhiadh aige sa chaisteal."

Agus 's e bh' ann, thog iad orra. Dh'fhalbh iad, 's cha robh mac dhiubh ann am Barraigh làrna-mhàireach nach do [???] a-mach às.

Chaidh a-nis sin seachad, agus pìos mòr de dh'aimsir seachad, agus chuala Cinn t-Sàile, a bheil sibh a' faicinn, gun tug MacNìll a char às, agus gun do mharbh e an cù, agus gun do pheant e na craicinn, agus gun tug e a char às gu doirbh cuideachd. Agus thuirt ris fhèin mar seo:

"Mun tèid mise," ars esan, "eug 's an saoghal sa, bheir mi a-mach tòrachd-fhala fhathast."

Agus rinn e sin. Agus seo mar a rinn e. Bha bàta mòr cumhachdach aige, long, a bha iomraiteach anns an àm, agus dh'fhalbh e leatha sìos gu cost na Spàinne agus cost Phortugal. Agus thug e ùine mhòr a' tadhal air baile-puirt a bha an sin, agus a' cruinneachadh deoch dhen a h-uile seòrsa a bha ri fhaighinn. Fìon dhen a h-uile seòrsa sin, agus chan eil mi a' creidsinn nach robh an dràm san latha ud ann, ach mura robh bha gu leòr a dhramannan math, sheòrsachan math eile ann. Agus air a bha am bàta làn aige, an saothach, dh'fhalbh e agus tharraing e a-mach gu muir. Agus rinn e dìreach air Bàgh a' Chaisteil.

Chuir e a dh'iarraidh MhacNìll, 's thàinig MacNìll innte. Dh'innis e dha an turas air an robh e, 's na bh' aige de dheoch innte, 's nach robh innte ach deoch air fad. Agus ars esan:

"Uill," arsa MacNìll ris, "'s fheàrr dhut a dhol gu tìr treis dhan chaisteal còmhla riumsa 's cuiridh sinn seachad am feasgar a' bruidhinn."

"Cuiridh," arsa...

Dh'aontaich Cinn t-Sàile leis 's thàinig iad air tìr dhan chaisteal, agus bha iad ann a shin. Tha mi cinnteach gur e uisge-beatha a bh' aig MacNìll, 's gu leòr dheth. Ach chuir iad seachad am feasgar còmhla, ach [???] thuirt an uair sin Cinn t-Sàile ris nuair a bha e a' falbh:

"Nist," ars esan, "MhacNìll, tha mi a' toirt fiathachadh fada farsaing dhut airson a dhol dhan t-saothach feasgar an ath-oidhch'. Agus thèid mi fhìn 's tu fhèin, bidh feasgar math againne dheth."

Seo mar a bh' ann co-dhiù. Chaidh MacNìll a-mach, agus bha feasgar cho math 's a gheall Cinn t-Sàile dha. Cha robh ganntar air deoch no air biadh. Ach co-dhiù, air a tharraing e pìos dhen oidhche, dè rinn MacNìll, an duine bochd, ach cus a ghabhail, agus chaidh e fon bhòrd.

Cha robh an seo a-nis ach air a fhuair Cinn t-Sàile MacNìll fon bhòrd, dh'iarr e air a chuid ghillean seasamh suas, an acair a tharraing 's na siùil a chur air dòigh, seatadh 's tarraing a-mach. Rinneadh seo 's dh'fhalbh iad a-mach à Bàgh a' Chaisteil, agus ann an ùine glè ghoirid bha iad a-muigh an druim a' chuain.

Air a dhùisg MacNìll, an duine bochd, bha e ann an sin, agus bha e a' faireachdainn a' bhàta a-null 's a-nall, agus air a dh'fhair e, thuig e gun robh rudeigin air [???] 's gun robh i an dala cuid uabhasach fiadhaich, ach cha do thuig e riamh gun do theicheadh leis. Sheall esan suas a-mach às a' cheaban 's chan fhaiceadh e bhuaithe, chan fhaiceadh e dad mu chuairt dha ach an cuan. Gu leòr a dh'fhairge, gaoth mhòr, agus cha do rinn e ach breith air fheusaig air fhèin gu duilich mar a dh'èirich dha. Agus cha robh Cinn t-Sàile a' dèanamh mòran bruidhne sam bith ris.

Mu dheireadh, ràinig iad tìr-mòr, 's às a dhèidh sin ràinig iad... thugadh a Dhùn Èideann gu cùirt e.

Ràinig e a' chùirt. Bha morairean 's luchd-lagha an sin, 's daoine mòra, 's iad an dèidh grèim fhaighinn air MacNìll, creachadair agus droch dhuine. Agus robaig e saothach eadar Ceann Èireann 's Ceann Bharraigh 's thug e na daoine gu tìr 's ghoid e na bh' innte. Agus os cionn a h-uile rud, thuirt e ris fhèin, thuirt iad... bha e na aghaidh gun tuirt e... chuir e fiathachadh a-mach, gun robh esan a' dol a shabaid an aghaidh Rìgh Shasainn, air a fhuair Rìgh Seumas, air a chaill e an crùn.

Leughadh aig a' chùirt, leughadh a-mach na bh' aca ri ràdh an aghaidh MhacNìll. Thuirt mi cheana mu dheidhinn an t-saothaich, 's thuirt mi sin mu dheidhinn na cùrtach. 'S dh'fhaighneachd am britheamh do MhacNìll:

"An robh thusa," ars esan, "a MhacNìll Bharraigh coireach ann an èigheach a-mach dhan t-saoghal gun robh thu a' dol a shabaid ri Sasainn, agus an do rinn thu a leithid... an tuirt thu a leithid sin?"

"Thuirt," arsa MacNìll. "Thuirt mise sin gun teagamh."

"Uill, ma-thà," ars am britheamh, "tha dà dhroch rud nad aghaidh, a bheil thu a' faicinn. An toiseach," ars esan, "robaig thu saothach, 's an ath rud tha thu a-nis," ars esan, "ag ràdh gun robh thu a' dol a shabaid ri Sasainn leat fhèin. Ach a-nist," ars esan, "cha robh thu riamh reimhid an seo, aig cùirt no aig britheamh, ach an-dràsta," ars esan, "tha mise ag ràdh riut, 's mi am britheamh. Fhalbhadh tu dhachaigh," ars esan, "a Bharraigh. Ach ma thig thu seo gu cùirt rid mhaireann, agus mise nam bhritheamh, chan e prìosan no dad a gheibh thu, ach gheibh thu an dula a chur mu d' amhaich."

Agus sin mar a chuala mise.

Cruth Inneal a' Chlàir

Wire

Càileachd an Fhuaime

Math