Rannsaich

Creachadh a rinn Clann MhicLeòid air Clann Raghnaill.

Ceann-latha 1953
Àireamh a’ chlàir 23176
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.36.A7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.036

Geàrr-chunntas

Creachadh a rinn Clann MhicLeòid air Clann Raghnaill.

Sgeulachd mun chreich mu dheireadh a rinn Clann MhicLeòid air fearann Chlann Raghnaill agus mar a rinn Gille Padra Dubh an gnothach orra nuair a ghoid e an armachd aca air an oidhche.

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Calum MacIllEathain (CM): Seadh. Bha sibh a' bruidhinn mu Dhòmhnall Gorm Mac 'ic Ailein, 's e a' togail chreach. Seadh ma-tha? B' e seo a' chreach mu dheireadh a bha eadar tuath a mhuinntir... na Sgitheanaich agus...

Ruairidh Bowie (RB): Eadar na Sgith... eadar Clann 'icLeòid agus Clann 'icAilein. Ach cha b' e am batal mu dheireadh a bha eatorra idir.

CM: Cha b' e, ach a' chreach mu dheireadh a thog iad.

RB: 'S e a' chreach mu dheireadh a thog iad.

CM: Seadh dìreach. Agus ciamar a bha ma-thà?

RB: Bha, chuala Mac 'ic Ailein 's e ann an Ormacleit gun robh Clann 'icLeòid air tighinn a thogail creiche, gu ruige an Acarsaid Fhalaich air taobh a tuath Rubha Ùisinis le a chuid bàtaichean. Chruinnich e a chuid daoine airson an coinneachadh agus bha bràthair dha, Dòmhnall Gorm, bha e fhèin ann, ach cha robh am fear sin airson a dhol air a thaobh, airson nam marbhte a bhràthair gum faigheadh e fhèin an oighreachd. Agus thug e leis na daoine agus shuidhich e ann iad fhèin ann am mullach na beinne gu h-àrd far am faiceadh e dè mar a bhiodh a' dol daibh. Ghlèidh na Leòdaich am batal a bha eatorra - Batal nan [?Drong].

Agus an àm dhan bhatal dol air n-aghaidh bha fear ann aig an robh naoinear mac ann - Gille Padra Dubh - agus bha e gan coimhead ann an Ceann [?Shàrsail]. Thuig e gun deach am batal air a chuideachd, agus dh'fhalbh e agus nuair a fhuair e iad an dèis tàmh a ghabhail goirid daibh, agus ghoid e mòran dhe na h-airm aca 's thilg e a-mach a Loch nam Marbh iad. 'S nuair a mhothaich feadhainn daibh sin 's dh'fhalbh iad às a dhèidh. Bha e cho math air an t-saighead agus a h-uile sruthan gu 'n tigeadh e, bha e a' toirt duine às, gus an do ràinig e sìos Ceann Loch Druidibheag. An sin, thill na... Clann 'icLeòid agus thiodhlaic iad na bha marbh aca. 'S e Cladh Ghearrabost an t-ainm anns an do thiodhlaic iad. Tha e air a sin chun an latha an-diugh - Cladh Ghearrabost. Tha sin mu fhichead mìle o Chladh Thogh Mòr agus o Charra Beinn a' Charra anns na Bràigheachan.

CM: Seadh. An robh sibh ag innse mu dheidhinn Dòmhnall Gorm a' dol... mar a chaidh a mharbhadh le...

RB: Chan e a chaidh a mharbhadh idir, Dòmhnall Gorm, ach a bhràthair.

CM: Seadh, dìreach.

RB: Uill, chruinnich Mac Dhòmhnaill Duibh a chuid daoine an uair sin agus dh'òrdaich e iad às an dèidh gu... air feadh na h-oidhche gu ruige an Acarsaid Fhalaich, agus dh'iarr e air na daoine nuair a gheibheadh esan... nuair a gheibheadh esan e fhèin air dòigh 's a dh'èigheadh iad riutha às na bodaich:

"Èighibh gu cruaidh," ars esan, "agus saoilidh iad gu bheil mòran dhaoine ann nuair a fhreagras na sgallachan gu bheil sibh ann - gun fhios nach glèidheamaid na beothaichean."

Nuair a fhuair Gille Padra Dubh e fhèin air dòigh, chuir e saighead ann a... anns a' chomandair aig Clann 'icLeòid agus leòn e e, agus dh'èigh e gu cruaidh:

"Bithibh anns na bodaich."

Agus dh'èigh na bha aige de dhaoine air an dòigh cheunda gus an do fhreagair na sgallachan agus nach robh fios aca dè na bh' ann a dhaoine, agus cha robh ann ach teicheadh air falbh agus na beothaichean fhàgail. Agus shàbhail iad na beothaichean air an dòigh sin. Cha robh Dòmhnall Gorm an uair sin... cha robh... cha do chaill... cha do ghlèidh e an oighreachd na dhèidh sin. Agus...

[Stad sa chlàradh an seo.]

CM: Thàinig... thàinig fear dhe na Sgiathanaich. Seadh?

RB: Bha Mac 'ic Ailein na dhuine sgairteil làidir, agus a h-uile turas a mharbhadh e duine bha e a' leum air n-ais agus air n-aghaidh air an abhainn, agus nuair a chunnaic am fear a bha seothach cho math... cho làidir 's a bha e:

"Cha bhi mi," ars esan, "nam bhrath-foille dhut. Sin thu air do chùlaibh!"

Nuair a thionndaidh esan feuch cò bh' air a' chùlaibh, bha an claidheamh aig an fhear eile ann.

CM: Seadh, 's chaidh a mharbhadh.

RB: Chaidh a mharbhadh an latha sin. Chaidh.

CM: Sin Mac 'ic Ailein a chaidh a mharbhadh?

RB: Sin Mac 'ic Ailein. Chaidh a mharbhadh an latha ud.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math