Rannsaich

Pìobaire òg bho Smeircleit air a theagasg le na sìthichean.

Ceann-latha 1953
Àireamh a’ chlàir 23221
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1953.36.B1

Àireamh an Teip Thùsail

SA1953.036

Geàrr-chunntas

Pìobaire òg bho Smeircleit air a theagasg le na sìthichean.

Bha leth-amadan de ghille òg ann an teaghlach phìobairean Smeircleit agus cha robh e comasach air cluich. Thug sìthiche comas air leth dha mar phìobaire a chuir iongnadh air pìobairean Dhùn Bheagain fhèin.

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Uibhist a Deas

Eilean - Uibhist a Deas

Baile/Àite - Smeircleit

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Sgeulachd

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

Eairdsidh Dòmhnallach: Tha naidheachd ri innse air pìobairean Uibhist a' Chinn a Deas. Tha Uibhist a' Chinn a Deas, tha e ainmeil airson phìobairean o chionn ùine mhòr. Ach chan eil mi a' smaoineachadh anns an t-seann aimsir nach robh an t-Eilean Sgitheanach, le Clann 'ic Cruimein, na b' ainmeile na pìobairean eile a bh' air an t-saoghal aig an àm.

Agus thachair seo, an naidheachd a tha mi a' dol a dh'innse, o chionn ceud no dhà bliadhna. Bha pìobairean an Uibhist a' Chinn a Deas ris an canadh iad Pìobairean Smeircleit. Bha an t-athair 's a cheathrar mhac, bha iad math air fad gu pìobaireachd. Ach bha aon fhear dhen cheathrar nach robh cho glic ri càch. Cha robh ann ach leth-amadan. Agus gu dè a bha e ach a' buachailleachd cruidh an latha a bh' ann a sheothach. Agus mar a bh' aig na h-amannan sin bha sìtheinean - sìthich - a' dol mu chuairt. Agus bha e aig cnoc àraid 's chunnaic e an cnoc fosgailte, 's ghabh an t-amadan a-staigh, 's bha sìthich ann a shineach ri ceòl. Agus cha robh iad airson an amadain idir. Ach dh'fhaighneachd iad... dh'fhaighneachd an sìtheach dheth, fear dhiubh, gu dè bu mhath leis... a b' fheàrr leis a bhith ann. Dè bu mhath leis a bhith. Thuirt e gum bu mhath leis a bhith na phìobaire math.

"An-tà," ars an sìtheach, "ni mise sin dhìot, deagh phìobaire. Ach cò dhiubh as math leat: càch a thoileachadh nad chluichd no gun toilich e thu fhèin?"

"'S fheàrr leam," ars an t-amadan, "gun toilichinn càch - daoine a bhiodh gam èisteachd."

"Glè mhath," ars an sìtheach.

Agus air rèir choltais bha cnàimh aig an t-sìtheach a shuath e ri corragan an amadain, agus tha an naidheachd air innse gu do chuir e a theanga ri teanga an amadain agus leig iad le falbh e. Bha iad toilichte gu leòr faighinn cuidhteas an t-amadan.

Aig an àm bha pìobairean Dhùn Bheagain, bha iad fhèin ainmeil, agus 's ann a smaoinich MacLeòid gun cuireadh e na pìobairean aige fhèin a-nall a dh'fheuchainn pìobairean Smeircleit. A-nist, an dèis dhan amadan faighinn a-mach às an t-sìthean an Smeircleit 's a chaidh e dhachaigh a fhuair e grèim air a' phìob, chuir e iongnadh mòr air athair 's air a bhràithrean. Cha robh gin aca a dhèanadh... a thigeadh suas ris ann an ceòl.

Agus an latha a thàinig pìobairean Dhùn Bheagain a dh'fheuchainn pìobairean Smeircleit, thachair nach robh gin dhe na gillean a-staigh ach am bodach agus an t-amadan. Agus nuair a chuir iad fàilte air a chèile 's a dh'fhiathaich bodach Smeircleit a-staigh iad gu biadh 's a shuidh a-staigh, dh'innis iad an turas a chuir a-nall iad, gun robh iad... na pìoban aca 's gun robh toil aca a mhic fheuchainn ri ceòl na pìoba.

An-tà, thuirt am bodach gun robh e uabhasach duilich nach robh na gillean a-staigh, gun robh iad anns a' chladach a' feamnadh, ach gus an tilleadh iad gun robh amadan ann a sheothach, fear dhe na gillean nach robh cho glic ri càch, 's gun cuireadh e port air a' phìob dhaibh gu 'n tigeadh na pìobairean cearta.

Seo mar a thachair. Dh'èigheadh air an amadan 's chuir an t-amadan suas a' phìob, 's cha chuala pìobairean Dhùn Bheagain sìon riamh a thigeadh suas ris.

"A bheil thu a' ràdh," arsa fear dhiubh ris a' bhodach, "gur e seo am pìobaire as miosa dhe na gillean agad?"

"Ò chan eil an seo," ars am bodach, "ach leth-amadan. Tha na pìobairean cearta, tha iad sa chladach. Cluinnidh sibh pìobaireachd nuair a thig iad."

"Ò ma-thà," arsa pìobairean Dhùn Bheagain, "cha bhi sinne nas fhaide an seo. Latha math leibh."

'S cha do dh'fhuirich iad gu 'n tàinig na pìobairean cearta. Thug iad an casan leotha. Ach cha robh gin aca a thigeadh suas ris an amadan.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math