Rannsaich

Iain Ghlinne Chuaich

Ceann-latha 04 November 1952
Àireamh a’ chlàir 23233
Pàirt 1
Pàirt 2

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1952.139.A4

Àireamh an Teip Thùsail

SA1952.139

Geàrr-chunntas

Òran gaoil neo-dhìolta; tha caileag a' caoidh gu bheil am fear leis a bheil i ann an trom ghaol (Iain Ghlinne Chuaich) air a trèigsinn. Tha i a' dèanamh mòr-mholadh air a bhòidhchead agus air fhalt dualach àlainn a tha cam-lùbach gu bhàrr. Tha i a' cnuasachadh air carson a bhiodh e cho faoin 's gun cuireadh e i air chùl, gun ghuth air a' ghaol a bha eatorra. Tha i ag ràdh nach tug i a spèis do dh'fhear eile fon ghrèin ach e, agus nach toir às a dhèidh gus an càireadh i san ùir. A dh'aindeoin sin ge-tà, tha i a' cur beannachd na dhèidh, agus ag ràdh ma choisinn i a chuid fuatha agus feirge gu bheil i an dòchas gun tagh e tè nas fheàrr na h-àite.

Chuala am fiosraiche an t-òran bho mhàthair. Bha e air a dhèanamh le banarach a bha aig athair Iain. Bha i fhèin is Iain glè mheasail air a chèile, agus nuair a chaidh dealachadh a chur eatorra, rinn ise an t-òran.

Notaichean a' Chlàir

12 verses. Variant and additional text for this song available in other sources.

Neach/Cuspair a' Chlàir

Iain Ghlinne Chuaich

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran Fiosrachadh

Cruinneachadh

SoSS

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math