Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 16 June 2000
Àireamh a’ chlàir 23937
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 16.06.2000

Geàrr-chunntas

Na rèisimeidean Gàidhealach aig St Valery ann an 1940.

Tha triùir a bha thall san Fhraing air chuairt-cuimhneachaidh trì fichead bliadhna às dèidh blàr St Valery a' bruidhinn air mar a dh'fheuch am 51st Highland Division ri na Gearmailtich a chumail air ais, às dèidh do mhòran de dh'arm Bhreatainn faighinn air falbh aig Dunkirk.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Inbhir Nis is Am Bànath

Baile/Àite - Inbhir Nis

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn air mòran a chluinntinn mu na bha a' tachairt anns an Fhraing mun àm seo bho chionn trì fichead bliadhna. Dhan a' ghinealach òg, chan eil an seo ach sgeulachd eachdraidh. Dhan a' ghinealach as sine, ge-tà, 's e th' ann ach pàirt dhe am beatha a th' air ùr-dhùsgadh dhaibh a-rithist. Tha buidheann air tilleadh sna làithean a chaidh seachad às dèidh a bhith thall anns an Fhraing a' cuimhneachadh air na bha a' tachairt ann an St Valery, nuair a chaidh mòran Ghàidheil a chur an grèim. Bha Dòmhnall Ailean MacIllEathain air ais airson a' chiad uair ann an trì fichead bliadhna. Bha Seàirdseant Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir ann airson a' chiad uair. Bha athair fhèin an sàs aig St Valery. Agus bha Bill Innes ann. Chuala sinn aig toiseach na seachdain e a' còmhradh mu leabhar Dhòmhnaill Iain Dhòmhnallaich, Fo Sgàil a' Swastika. Tha mi airson dealbh dhen àite an-diugh fhaighinn an toiseach bho Bhill Innes. Uill, dè seòrsa àite a th' ann?

Bill Innes (BI): Uill, chan eil ann ach baile beag fhathast, a Choinnich. Chaidh faisg air trì chairteal dheth a sgrios, àm a' bhlàir, ach an-diugh tha mu chòig mìle neach a' fuireach ann. Port iasgaich a bh' ann ron chogadh, le bàtaichean a' dol a-mach cho fada ri Innis Tìle. Tha e suidhichte ann an eag, eadar sgurrannan àrda cailce, dìreach coltach ris na White Cliffs of Dover, ach gu bheil sreathan de chlachan flint annta seo, agus tha iad strìochte le dathan donn a' tighinn a-nuas orra, bhon talamh os an cionn. Chan eil an cala fhèin ach caol, cumhang. Cha mhòr nach eil e a' tràghadh nuair a tha an làn a' dol a-mach. Tuigidh duine cho doirbh 's bhiodh e do bhàtaichean faighinn faisg air gus daoine a tharraing às. An-diugh, tha an cala làn gheataichean. Cha mhòr nach coisicheadh duine bho cheann gu ceann dhen phort air na deicichean aca. Tha mi a' smaointinn gun do chunntais còrr 's ceithir cheud ann.

Os cionn nan sgurrannan àrda tha an talamh rèidh, torach. Achaidhean mòra de dh'arbhar de gach seòrsa, buntàta 's lusan, coilltean an siud 's an seo. Pàirt dhen arbhar air tionndadh buidhe, agus chuir sin nam chuimhne mar a dh'innis Dòmhnall Iain anns an leabhar mar a chuireadh na Camshronaich nan sìneadh fad finn-fuainneach an latha ann am pàirc mòr arbhair 's na peilearan a' gearradh nan dias os an cionn.

Agus shuas os cionn a' bhaile tha carragh-cuimhne air gach taobh. Air an taobh an iar dha na saighdearan Frangach a thuit anns a' bhatal, agus an taobh an ear dha na Gàidheil. 'S e clach mhòr àrd de ghràin ghlais Obar Dheathain a th' acasan, agus sgrìobhte ann am Beurla agus ann am Fraingis:

'In proud and grateful memory of all ranks of the Fifty-first Highland Division who gave their lives during the war nineteen thirty-nine forty-five.'

Agus foidhe sin ann an Gàidhlig tha dìreach aon loidhne:

'Latha a' bhlàir is math na càirdean.'

CM: Uill, gu dearbha, agus tha dealbh dhen a' charragh-chuimhne sin agam air mo bheulaibh ann an seo a thug Dòmhnall Ailean a-steach dhomh dhan an stiùidio. Às dèidh a' chòmhraidh a bh' againn aig toiseach na seachdain, thu fhèin a bhith anns an stiùidio còmhla ri Murchadh MacCumhais agus Eairdsidh Mac a' Phiocair, cò ris a bha e coltach dhut a bhith ann an sin, còmhla ri Dòmhnall Ailean agus na laoich a bh' ann aig an àm?

BI: Ò bha e inntinneach dha-rìribh dhòmhsa. Thug e beò an rud dhomh ann an dòigh nach gabhadh innse ro làimh. Agus 's mi bha moiteil às na seann saighdearan. Cha mhòr gu bheil duine dhiubh an-diugh nas òige na ceithir fichead bliadhna a dh'aois - gu leòr dhiubh gu math nas sine na sin - agus bha prògram uabhasach trang air a chur romhpa. Disathairne sa chaidh a-mhàin bha trì parades agus seirbheis aca, agus dinnear an uair sin air an oidhche, agus sheas iad suas ris na bha sin gu calma, a' caismeachd gu pròiseil anns na h-èilidhean, ag èisteachd ri òraidean ann am Fraingis agus ann am Beurla, feadhainn anns na seann rèisimeidean Gàidhealach uile, am Black Watch, na Gòrdanaich, na Seaforths, Argyll and Sutherland Highlanders, agus na Camshronaich. Agus am fear a bh' air an cionn, an Seanalair Sir Derek Lang, bha e fhèin ceithir fichead 's a sia. Chaidh esan a ghlacadh aig St Valery cuideachd, ach theich e, agus nuair a chaidh am baile a shaoradh ann an naoi-deug dà fhichead 's a ceithir, 's e fhuair an t-urram tilleadh an toiseach a-staigh do St Valery an ceann a' bhatailian aige fhèin. Bha e mu dheireadh na cheannard air an division agus na cheannard air an arm ann an Alba, agus 's e duine uabhasach snog a th' ann. Tha e doirbh dha coiseachd a-nist ach le dà bhata, ach bha òraid às ùr aige anns a h-uile h-àite dha rachadh e, agus facal blàth aige dhan a h-uile duine dhe na seann ghillean.

CM: Uill còmhla rium cuideachd tha an Seàirdseant Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir. Bha esan anns an Fhraing mar mhàidsear na pìoba aig buidheann phìobairean Rèisimeid na Banrigh. Bha athair fhèin am measg na chaidh a chur an grèim ann an St Valery. Dhutsa, a Dhòmhnaill Iain, dè seòrsa turas a bh' ann?

Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir (DIM): Uill chòrd e rium dha-rìribh air sàillibh nuair a bha sinn a' dol a-null anns a' bhus bha dithis dhen an fheadhainn, dhe na bodaich a bha sin còmhla rinn anns a' bhus, fear dhiubh Donnie Fraser agus fear eile Peter Black, agus bha iad sin ag innse dhomh, bha iad eòlach gu leòr air m' athair aig àm a' chogaidh, agus nuair a ràinig sinn thall ann an St Valery, 's e iad sin a bha iad a' coimhead dhòmhsa, agus mar a bha Dòmhnall Ailean fhìn ag innse dhomh, cà 'n do rug na Gearmailtich air m' athair, agus dè thachair an oidhche mun do rugadh orra, agus mar a chaidh riutha na gunnachan a chur sìos agus rudan mar sin.

Agus nuair a bha sinn a' cluich aig na h-uaighean a bha sin, chitheadh tu sgrìobhte air na h-uaighean mar a bhàsaich an fheadhainn òga, agus feadhainn a bha dh'fhaodte an aois agam... mar a tha mi fhìn. Agus bha e dìreach... bha e dìreach, deòir às na sùilean agam nuair a bha mi a' pìobaireachd. Agus nuair a ràinig sinn thall cha robh an t-sìde ro mhath an toiseach idir, ach an uair sin air an Disathairne agus air an Didòmhnaich bha dìreach sìde as àille ann.

CM: Airson 's e pìobaire a bha nad athair cuideachd, nach e?

DIM: 'S e. 'S e C Company piper a bh' ann am athair, agus bha esan, tha cuimhn' a'm nuair a bha mi na b' òige bhiodh e ag innse dhomh cho dorranach 's a bha e gun robh fhios aige nuair a rugadh air nach biodh teansa aige air mòran pìobaireachd a dhèanamh, air sàillibh cha robh na Gearmailtich uabhasach keen air mar a bha a' phìob idir.

CM: Ann an dòigh bha thusa ann an sin air ceann nam pìobairean an t-seachdain a chaidh, 's tu màidsear na pìoba a bh' ann, tha mi cinnteach gur e urram a bh' ann ann an seagh cuideachd, ach man a bha thu ag ràdh, bha adhbharan pearsanta agad a bhith a' dol ann. Dè bha thu a' faireachdainn aig an àm?

DIM: Uill, bha mi dìreach cho toilichte gun d' fhuair mi a-null airson an triop a bha seo, a Choinnich, air sàillibh tha fhios a'm, mar a bha sinn ag ràdh, tha gu leòr dhiubh a' fàs cho sean a-nist, ach mar a bha iad Disathairne co-dhiù, mar a bha Bill Innes ag ràdh, ged a bha latha gu math fada againn, even air an oidhche nuair a bha sinn a' bruidhinn aig an dinnear a bha sin, bha iad still a' toir a-nuas stòiridhean, agus mar a bha mi ag ràdh, bha e dìreach... dh'èistinn riutha chun an-dràsta ag innse mar a thachair dhaibh.

CM: Nise, tha e glè mhath a bhith a' cluinntinn mu fhaireachdainn feadhainn a bha an làthair an t-seachdain a chaidh, ach tha fear còmhla rium a-nis agus chan e àite ùr a bh' ann dha idir. Bha esan air fear dhen fheadhainn a bha an sàs anns an nàmhaid ann an St Valery bho chionn trì fichead bliadhna air ais. Seo a' chiad turas a thàinig aig Dòmhnall Ailean MacIllEathain a dhol air ais. Tha e còmhla rium anns an stiùidio. A Dhòmhnaill Ailein, a' chiad turas ann an trì fichead bliadhna. Tha sinn air beagan a chluinntinn an siud bhon an dithis a bh' ann airson a' chiad uair. Ciamar a bha siud... cò ris a bha e coltach?

Dòmhnall Ailean MacIllEathain (DAM): Ò bha e smaoineachail, a Choinnich. Bha e a' drùdhadh gu mòr ort, 's rachadh tu... 's dòcha gum biodh dà sheirbheis ann, mar a bha Bill a' ràitinn, ann an latha 's a' dol o chladh gu cladh. Agus chitheadh tu an-còmhnaidh rudeigin às ùr, 's gu dearbh chunnaic mise iomadach rud. A' chiad latha a bha sinn ann, air Diardaoin, far an d' fhuair sinn fhèin droch dhroinneadh a thoirt oirnn, 's bha cladh mòr ann ris an can iad Mareuil-Caubert, Mareuil-Caubert, agus tha e cho math dhomh dìreach innse dhut gun fhaca mi dhà no trì uaigheannan an sin, fhios agad. Ach an rud a bha uabhasach fhèin duilich dhomh, 's e uaireannan chitheadh tu... cha robh ainm idir air a' chlach-uaghach, thoradh bha gnothaichean cho riaslach 's chaidh an togail far an do thuit iad, 's thugadh ann iad, 's feumaidh gun tugadh an ticket far an amhaich aca, ach cha robh ann ach dìreach:

'A Scottish soldier. Fourth June nineteen-forty.'

Ach shìos gu h-ìseal:

'Known unto God.'

Aithnichte dhan Chruithear. Bha siud uabhasach doirbh.

CM: Uill gu dearbha, gillean a chaill am beatha ann an sin. Gillean eile, ge-tà, clachan-uaighe, agus bha thu ag aithneachadh na h-ainmean.

DAM: Ò bha. Bha. Gu h-àraid aig Mareuil-Caubert an sineach, far an robh an attack ann. Bha droch bhatal againn air madainn an ceathramh latha dhen Òg-... fourth June, agus bu toigh leam a bhith a' smaoineachadh gum biodh barrachd fios aig daoine air dè thachair an sin, ach bha uair no dhà an sineach agus dìreach Dòmhnall Iain an seo, athair còir, b' aithne dha dithis a thuit an sin. 'S a-rithist aig St Valery, dlùth-charaid dhomh fhèin 's tharraing cuideigin mo dhealbh aig a' chlach-uaghach a bha seothach, fhios agad. Chaidh... an uair sin chaidh... nuair a thàinig gnothaichean doirbh, gu math doirbh, air madainn an dala latha deug, twelfth June, bha na gunnaichean mòra aig Rommel còir, bha iad air an stèidheachadh air bearradh a' chladaich, agus bha iadsan a' giùlan na leòintich air an tràigh, agus sin far an deach Ruairidh Eòghainn bochd, 's ann a chaidh e a dhìth.

CM: Mar sin, bha sibhse a' cur ainmean... chan e rian nach robh seo a' dùsgadh às ùr ur cuimhne. An robh càil a choltas aig an àite a tha seo, a chaidh sibh a dh'fhaicinn an t-seachdain a chaidh, ris mar a bha e bho chionn trì fichead bliadhna nuair a bha sibh ann an sin nur saighdear gu math òg? An robh càil... an robh sibh air aithneachadh a-rithist? A bheil diofar sam bith ann?

DAM: Ò bha àite no dhà [?ud], agus tha mi toilichte gun do dh'fhaighneachd thu sin, a Choinnich, thoradh bha oifigeach òg... a bh' ann an uair sin - [???] e òg an-diugh - fear David Ross, agus chaidh e suas... chì thu mu do choinneamh an sineach, àite beag ris an can iad Colbert, agus choisinn an duine sin urram mhòr. Bha gnothaichean troimh-a-chèile, agus chaidh a' Chompanaidh againne a sgaradh, agus bha e dà latha a dhìth, agus thill e an ceann dà latha air n-ais, agus thug e trì fichead dhe na saighdearan againn fhèin air n-ais còmhla ris. Fhuair e... fhuair e am Military... bha fhèin 's... bha mi fhèin 's Ross, David Ross, bha sinn còmhla aig Colbert, agus bha sineach... Ach a' tilleadh Disathairne, an dèidh do Dhòmhnall Iain còir an seo a bhith a' pìobaireachd dhuinn, tha àite far an do... far an robh sinn air ar cuingealachadh madainn an dala latha deug a bha siud, 's e... bha iad... ann an rathad ìseal a bha sinn, agus bruthaichean àrda air gach taobh, 's e Sunken Road a bh' aca air, agus deagh charaid dhomh an Uibhist, Eairdsidh Ruairidh, thuirt e rium mus fhalbhainn:

"Feuch an tarraing thu dealbh Sunken Road."

Uill, fhuair mi fhèin agus David Ross, chuir sinn aithne air, agus dh'aontaich sinn le chèile gum b' e seo an dearbh àite, aig leth-uair an dèidh deich, madainn an twelfth June, thàinig an tanc aig Rommel timcheall an t-seann [?taigh], ach cha robh oifigeach an sin. 'S e madainn gu math sònraichte, sònraichte a bha sineach ann an dòigh, ach truagh ann an dòigh eile.

CM: Chan eil e air a bhith furasta dhuibh fhèin - cha robh e furasta dha na daoine eile a bh' ann - airson iomadh bliadhna a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na rudan a bha seo. A bheil e nas fhasa dhuibh a-nise... an do rinn e feum dhuibh a dhol air ais, a bheil sibh a' faireachdainn?

DAM: Dè bh' ann?

CM: An do rinn e feum dhuibh a dhol air ais?

DAM: Rinn. Bha iad... cha robh mise... chan eil mi math air siubhal ann, agus feumaidh mi aideachadh a-nist, an fheadhainn a bha gam bhuileachadh airson a dhol ann, bha mi uabhasach toilichte gun deach mi ann, thoradh bhiodh an t-aithreachas orm an-diugh mura robh mi air a dhol ann. Chan eil dìreach teagamh sam bith an sin. Agus tha na h-àiteachan cho soilleir nam inntinn a-nist agus tha mi... bidh mi a' gabhail beachd air 's tha mi a' dol a sgrìobhadh rudan beaga mu dheidhinn.

CM: Uill tha mi cinnteach gum bi ùidh aig daoine ann an sin gu dearbha, agus às bith dè chanas Dòmhnall Iain no Bill no duine eile, chan eil càil coltach ri bhith a' cluinntinn na rudan a tha seo bho daoine a bh' ann agus a dh'fhairich. Mar eisimpleir, dh'ainmich sibh ann an siud, ciamar a bha sibh ga ràdh, Mareuil... Mareuil-Caubert?

DAM: Mareuil-Caubert.

CM: Bha sibh ag ràdh gur e... gun robh sgeulachd ann an sin 's gum bu chòir a h-innse. Dè sgeulachd a bh' ann? Dè thachair?

DAM: Ò... uill... gu mì-shealbhach, gu mì-shealbhach, a' mhadainn a bha sin aig leth-uair an dèidh trì sa mhadainn, bha sinne, mar a thuigeas tu, bha sinn air na Gearmailtich, bha na rèisimeidean, am Fifty-first, bha iad air am putadh air n-ais, canaidh feadhainn sia mìle, canaidh feadhainn eile a h-ochd mìle, agus a' mhadainn a bha sin, gu mì-shealbhach, bha iadsan ag ullachadh airson an talamh a chaill iad a thoirt air n-ais, 's thachair an dà arm, mar gum b' eadh, thachair iad a-muigh san raon fosgailte 's cha robh fasgadh no dad ann. Sin far an deach tòrr dhe na balaich, gu h-àraid D Company, fhuair iad droch mhilleadh a dhèanamh orra an sin. Thachair iad a-muigh air an raon fosgailte, agus sin as coireach ann am Mareuil-Caubert an sin gu bheil cladh mòr ann, agus tha e annasach dha-rìribh, Donnie a thug DJ seo, dh'ainmich e e, tha fear an sineach, bha e tiodhlaichte ann a shin, agus 's e Donnie a bha seo, 's e a chuir... 's e a chuir na cuarain air 's e air a dhroch mhilleadh mun mheadhan, agus thuirt e ris:

"Fosgail am belt agam. Tha mi deiseil co-dhiù."

Chan eil mi a' dol a dh'innse dhut cò bh' ann idir. Ach bha iad às a' cheann a tuath 's às a' cheann a deas ann. Cha bhiodh e ceart dhomh ainmeachadh.

CM: Uill, tha sin ceart gu leòr. Ach sin na cuimhneachain a bh' ann. Cha robh e furasta... cha robh e furasta idir. Bha... ach mar a bha a' chùis aig an àm a bha sin an-dràsta, tha mi a' tuigse... tha mi a' tuigse gu bheil sibhse a' toirt mòran spèis dha Rommel, mar shaighdear, ged as ann air an taobh eile a bha e?

DAM: Ò, bha Rommel làn... bha e seòlta, bha e comasach. Bha e làn... bha e làn chuilbheartan. Agus bha iad cho adhartach, 's bha iad cho deasaichte. Cha robh aca ach... cha robh aig Rommel còir ach a dhà dhe na planes aige, reconnaissance a chur a-null, agus bha fichead mìle, tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir sin ainmeachadh, bha fichead mìle a dh'fhaid on an làmh dheas gun an làmh chlì, a' dol dìreach dhan àird an iar, eadar na còig rèisimeidean Gàidhealach - one-five-two, one-five-three, one-five-four, agus bha e a' faicinn far an robh an loidhne againn cianail lag, tana. Bha e a' faicinn beàrnaidhean ann, agus rachadh an reconnaissance a-nall, 's cha robh aig Rommel an uair sin, bha e cho... bha e cho comasach, cha robh aige ach lùbadh a-staigh an sin 's car mu chnoc, mar a chanamaid, agus bha sineach, bha e a' cur an sàs na saighdearan ann, 's dh'fhalbhadh e an uair sin 's dhèanadh e... chuireadh e car mu chnoc a-rithist air... 's dòcha air one-five-four brigade, agus aig a' cheann thall, ràinig e an cladach air an taobh an ear.

CM: Mar sin, bha na rèisimeidean Gàidhealach, bha iad cha mhòr ann an leth-chearcall?

DAM: Bha, dìreach. Bha, dìreach. Agus an ceann... an ceann còig latha... uill, trì latha no mar sineach, bha an cearcall, mar gum b' eadh, air ullachadh. Chan e a-mhàin gun robh e deasaichte 's deiseil, ach bha e air na gunnaichean mòra aige a stèidheadh... bha iad stèidhichte aig a' chladach gu h-àrd, os cionn na tràghad. Mar sin, bha an cothrom aige dìreach... nuair a thàinig na bàtaichean a-staigh airson na balaich a thoirt leotha, bha... Sin rud eile a dh'fheumainn ainmeachadh, bha an seòl-mara, cha robh e freagarrach, air an aonamh latha deug. Thuit ceò trom, agus nuair a bha ùidh aca na saighdearan a thoirt a-mach, bha an seòl-mara nan aghaidh. Bha an tràigh ann. Bha e dìreach... bha an tràigh ann, 's... uill, cha robh... cha b' urrainn dhaibh dad a dhèanamh ach dìreach fuireach gus am biodh am muir-làn ann, 's bha sin ro anmoch an uair sin.

CM: Bha gu dearbha, agus chuala sinn beagan iomradh air a sin bho taobh na mara dheth aig Aonghas MacLeòid Diluain a chaidh. Nise, gus an tuigsinn ceart, mar gum b' eadh, an t-àite a bh' agaibhse ann an seo, mar rèisimeidean Gàidhealach, 's ann bha a chòrr de dh'armachd Bhreatainn, ma dh'fhaodas sinn a chur, air an ratreut a bha iad, agus bha... 's e sibhse, mar gum b' eadh, a bha... an e an obair a bh' agaibh a bhith a' cumail na Gearmailtich air falbh cho fada agus a ghabhadh? An ann mar sin a bha e?

DAM: Ò tha gearain mhòr an sin, fhios agad. Chan eil... tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir do dhaoine a thuigsinn gu bheil an diofar as motha eadar armailt a bhith a' tarraing às gu h-iomlain - complete withdrawal, mar a chanamaid - agus mar a chanas sinn, rear guard action. Sin an rud a bh' againn ri dhèanamh. Agus an rud a bhios a' cur dragh air tòrr, dh'fhalbh a' chuid mu dheireadh à Dunkirk air a' cheathramh latha. Sin an dearbh mhadainn, mar a dh'innis mi dhut, a Choinnich, sin far an robh an attack ann an uair sin, a-mach air an raon, agus cha robh an uair sin ach air a' chòigeamh latha no an t-siathamh latha, tòiseachadh air a bhith rag-mhuinealach, ma thogras tu, a' dol air n-ais 's dòcha còig mìle, stad, cladhach, sabaid, dol air n-ais, stad, cladhach, sabaid a-rithist, gus an ruigeamaid na h-aibhnichean. Tha dà abhainn eadar an Somme... tha dà abhainn eadar an Somme agus St Valery bu chòir ainmeachadh. A' chiad dhiubh 's e Bresle - B R E S L E - sin agus rud a bhathar a' dèanamh, bha sinn... bha iad... bha iad a' milleadh na drochaidean ach aonan. Sin far an robh an t-sabaid bu mhotha, aig na h-aibhnichean, Bresle agus Béthune, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil còir aig sin a bhith soilleir gu leòr do dhaoine nach e, fhios agad, nach e tarraing às gu h-iomlain a bh' ann idir, ach fhios agad, rear guard action. Sin far an robh... far am bi na leabhraichean a tha sgrìobhte, bidh na rèisimeidean Gàidhealach a' faighinn moladh, an ùmhlachd, an discipline a bh' ann. Agus sin, cha robh biadh ann 's cha robh uisge ann, agus cha robh an cadal ann. An cadal... an cadal gu h-àraid a chumas, mar a tha fhios agad, rian air an duine.

CM: Uill, bha... dè cho... bha a-rèiste, cha robh biadh, man a bha thu ag ràdh, cha robh... cha robh fois agaibh, agus cha robh cadal agaibh aig an àm a bha sin. Nise, dh'ainmich thu ann an sin Mareuil-Caubert. Dè na h-àitichean eile a chunnaic sibh fhad 's a bha sibh thall, a dhùisg feadhainn dhe na smuaintean 's na cuimhneachain a bha sin air ais dhuibh?

DAM: Ò aidh, Franleu, Franleu, air... dìreach beagan an taobh an iar dheth. Sin agad e, Franleu. [?Dhuaidh] na Gòrdanaich agus am Black Watch gu dona, dona ann a shin. Chuir na Gòrdanaich, the First Gordons, phut iad air n-ais na Gearmailtich naodh mìle ann a shin, ach chaidh iad an uair sin, chaidh iad an sàs. Bha na Gearmailtich air... bha iad air a leithid a dh'ullachadh a dhèanamh. Bha...

CM: Bha sibh... nise, bha sibh thall ann an sin an t-seachdain a chaidh. Tha sibh air dealbh a thoirt dhomh dhen a' charragh-cuimhne a tha sin a bha Bill a' bruidhinn mu dheidhinn...

DAM: Nach eil i snog.

CM: Tha i eireachdail dha-rìribh, os cionn na mara ann an sin, 's tha an dealbh air a dheagh tharraing cuideachd. Dè seòrsa... ciamar a tha sibh a' faireachdainn mu dheidhinn na bha sibh fhèin an sàs ann, mar a chaidh sibh ur cur an grèim - agus feumaidh sinn cuimhneachadh, bha sibh an grèim fad, fad a' chogaidh, suidheachadh uabhasach duilich agaibh fhèin agus ur caraidean - agus ann an dòigh, cho beag cuimhne. Tha sinn a' cuimhneachadh air seo an-dràsta dìreach seach gu bheil trì fichead bliadhna ann, ach cha chuala sinn na bha sin mu dheidhinn anns na bliadhnaichean eadar sin agus seo.

DAM: Tha sin fìor gu leòr. Tha e cumanta sin. Tha dà fhichead bliadhna 's còrr... nuair a thill sinn, bha sinn air gu leòr fhaighinn dheth, 's thill sinn 's thòisich sinn a' cosnadh a-rithist, 's phòs sinn, agus fad dà fhichead bliadhna 's còrr, cha robh guth air. 'S ann o chionn ghoirid a thòisich mise ri gabhail ùidh ann dè thachair. Tha sin cho cumanta 's a... tha e cianail cumanta.

CM: Bha na Frangaich fhèin, mu dheireadh thall, mothachail air an rud a rinn sibh, agus bho chionn deich bliadhna air ais, tha aigeallan agaibh a-staigh ann an seo agus thug iad dhuibh aigeallan?

DAM: Ò, bha na Frangaich mì-thoilichte nach do chuir iad... nach do chuir an riaghaltas aithne cheart air dè thachair air an Somme agus St Valery. Thòisich... thòisich e air an ochdamh latha fichead - bha mi ga choimhead suas an latha roimhe - an t-ochdamh latha fichead dhen Chèitean gus an do... gus an tug sinn suas an gnothach air an dala latha deug, 's bha na Frangaich uabhasach mì-thoilichte, 's chuir iad... thug iad dhuinn an aigeallan a bha sin, agus tha sinn uabhasach moiteil às cuideachd. Ach dh'fheumadh tu innse dhaibh cà 'n robh 's dè thachair, agus...

CM: Nise, tha Dòmhnall Iain ann an seo ag èisteachd 's tha Bill air an loidhne ag èisteachd ribh ann an seo fad an tìde. A Dhòmhnaill Iain, tha mi cinnteach gur e seo... nach eil an seo ach feadhainn dhe na sgeulachdan a bha thusa a' cluinntinn fhad 's a bha thu thall ann an sin, 's bha Dòmhnall Ailean agus an fheadhainn eile a tha sin gan innse mar a bha sibh thall. Cò ris a bha e coltach a bhith ann agus Dòmhnall Ailean agus a charaidean, na seann laoich sin ma dh'fhaodas sinn a chur mar sin, ag innse na sgeulachdan dhuibh?

DIM: Uill, air feadh an latha, a Choinnich, bha sinn gu math trang. Cha robh mòran ùine a bhith a' bruidhinn anns a' bhus air sàillibh, mar a bha sinn ag ràdh, bha sinn a' cluich aig seirbheisean 's rudan mar sin, ach air an oidhche nuair a bha a h-uile sìon seachad, agus co-dhiù, air an oidhche, oidhche Shathairne, nuair a bha sinn aig an dinnear, bha daoine a' faighinn suidhe sìos agus bruidhinn mu dheidhinn, agus dh'fhaodte còmhla ri dràm no dhà, 's ann an uair sin a bha mise a' cluinntinn na stòiridhean...

CM: Tha e caran tràth dhen a' mhadainn airson sin a-nise.

DIM: Agus 's ann an uair sin a bha mi a' faighinn... chan ann idir dìreach o Dhòmhnall Ailean ach on a h-uile duine eile a bh' ann, a' toir dhomh diofar stòiridhean mar sin. Agus an rud eile a rinn mise cuideachd, a Choinnich, thug mi leam a-null dithis bhalaich òga, pìobaire òg agus drumair òg, nach eil ach dìreach fichead bliadhna, gus gum faiceadh iadsan cuideachd agus gum biodh cuimhne acasan, ach bha iadsan iad fhèin, bha iad a' dol mun cuairt agus bha iad ag ràdh gum biodh iad a' faicinn gu leòr air an telebhisean agus dh'fhaodte ga fhaicinn anns na pàipearan mu dheidhinn Dunkirk 's na h-àiteachan a bha sin, ach cha chuala iad riamh mòran mu dheidhinn St Valery 's mar a thachair ann a shin.

CM: 'S dè a' bhuaidh a bh' aige air na gillean òg sin, a bhith a' coinneachadh ri daoine mar Dhòmhnall Ailean anns an fheòil, duine a bh' ann 's a dh'fhairicheadh 's a b' urrainn a ràdh, 'Uill, 's e mo charaid-sa a bha sin. Bha mise ann nuair a chaidh an duine sin a mharbhadh'?

DIM: Uill, 's ann an uair sin a bha... bha fear dhiubh co-dhiù, am pìobaire òg, bha e ag ràdh gun robh cuimhne aige air seanair a bh' aige fhèin, a bha sa Chogadh Mhòr, ach cha robh cuimhne aige cà robh e, agus cà robh e na phrìosan. Agus bha e ag ràdh nuair a thigeadh e dhachaigh gun robh e an uair sin a' dol a choimhead air leabhraichean 's rudan mar sin, gus gum faigheadh e a-mach, agus bha esan a' bruidhinn riutha air fad, ri Dòmhnall Ailean 's ris a h-uile gin eile, agus a' faighinn a-mach bhuapasan.

CM: Bill, ag èisteachd ri Dòmhnall Ailean ann an seo a-rithist, agus a' bhuaidh a bh' aige seo air na saighdearan òga, dhut fhèin, dè cho ùr 's a bha an rud ri linn a bhith a' bruidhinn ri daoine mar Dhòmhnall Ailean, a bh' ann agus a dh'fhairich, agus a bha a' sealltainn dhuinn 's dòcha nach robh cùisean cho sìmplidh 's a shaoileas duine air a' chiad dhol a-mach idir?

BI: Ò uill, mar a thuirt mi, dhùisg e faireachdainn mhòr, agus fhios a'd, 's e adhbhar gun tug mi... gun do... gun robh mise airson an leabhar aig Dòmhnall Iain Dhonnchaidh a thoirt a-mach a-rithist, 'Fo Sgàil a' Swastika', saoilidh mi nach d' fhuair an ginealach a bha sin riamh an t-urram 's an spèis a bu chòir dhaibh fhaighinn, agus tha e ro anmoch airson cuid mhath dhiubh, agus chan eil mi a' tuigsinn fo thalamh carson nach eil sinn a' toirt barrachd urram agus spèis dhaibh airson na rinn iad, a chionn cho misneachail 's a bha iad.

Agus bu thoigh leam cuideachd dìreach facal a ràdh mu Dhòmhnall Iain sin - cha chanadh e fhèin e co-dhiù - ach cho moiteil 's a bha mi às a' bhand. Tha e ag ràdh gun robh dithis òga ann, ach an còrr dhe na gillean a bh' ann, bha iad... 's e seann phìobairean 's drumairean a bh' anns an Division a bh' annta, 's tha e coltach... bhathar ag innse dhòmhsa gun robh sia màidsearan na pìoba anns a' bhand, agus abair gun do chòrd iad uabhasach math ris na Frangaich. Bha sluagh mòr gan èisteachd ann am meadhan a' bhaile. Ach anns na cladhan beaga an siud 's an seo, far an robh seirbheisean, bhiodh ceòl tiamhaidh a' bhugle a' sruthladh a-mach, agus an uair sin chluicheadh Dòmhnall Iain 'Lochaber No More' air a' phìob, agus gu dearbh, bha barrachd air aon duine aig an robh deòir na shùilean, tha mi a' smaointinn.

CM: A Dhòmhnaill Ailein, an ann mar sin a bha e dhuibh fhèin cuideachd?

DAM: Ò tha Bill dìreach... tha e ga chur nam chuimhne, gu h-àraid, cuimhn' agad a Dhòmhnaill Iain, an cladh ann an St Valery, feasgar àlainn a bh' ann, cladh fada, caol eadar sreathan de chraobhan, agus dìreach, ò, còrr 's trì cheud tiodhlaichte ann, agus nuair a thòisich an còmhlan-pìoba ri cluich - agus bha cuideachd còmhlan brass band dhe na Frangaich, bha aon trì fichead dhiubh ann, nach robh iad snog a Dhòmhnaill Iain?

DIM: Tha sin ceart. Bha iad math dha-rìribh.

DAM: Agus bha a h-uile... bha fuaim àlainn a' drùdhadh ort, dìreach... bha e dìreach mar gum b' eadh e a' dol tro na craobhan 's a' tilleadh air n-ais thugad a-rithist. Bha e dìreach àlainn, am feasgar a bha sin.

CM: A bheil sibh a' faireachdainn, leis na th' air a bhith a' tachairt thairis air an t-seachdain a chaidh seachad, gu bheil mu dheireadh thall mothachadh ga thoirt dhan an nì sin, an fhèin-àicheadh a chaidh a dhèanamh, le saighdearan òga Gàidhealach gu sònraichte, aig an àm a bha sin, bho chionn trì fichead bliadhna?

DAM: Bu toigh leam a bhith a' smaoineachadh gun tuigeadh daoine a-nist nach do stad gnothaichean idir, nuair a dh'fhalbh iad à Dunkirk air a' cheathramh latha. An uair sin a thòisich sinn air a bhith a' tilleadh air n-ais, a' dol an grèim, a' tilleadh air n-ais, a' dol an grèim, agus gus an do ràinig sinn St Valery. Sin bu toigh leam a bhith a' smaoineachadh. Tha feadhainn... tha daoine ann nach eil a' tuigsinn sin. An uair sin a thòisich sinne gus an do ràinig sinn St Valery air a' mhadainn a bha siud.

CM: A bheil thu a' smaoineachadh, Bill, gu bheil gu leòr air a bhith air a dhèanamh a-nise airson an nì a bha seo, nach robh mothachadh air a thoirt dha, a chur ceart?

BI: Cha do rinn sinn fhathast e co-dhiù, a Choinnich. 'S dòcha ma bhios daoine a' leughadh an leabhair gun tuig iad na dh'fhuiling an ginealach a bha sin air ar son, agus 's dòcha gun toir e air duine no dhà cuairt a thoirt dhan Fhraing agus a choimhead air na cladhan air an robh sinn a' bruidhinn. Mar a thuirt Dòmhnall Iain fhèin:

Camshronaich à tìr nam beanntan
'S far na Galltachd gillean àlainn
Leam is bochd gu bheil sibh sìnte
Fad bhon tìr san deach ur n-àrach.

DAM: Thadhail sinne air co-dhiù, co-dhiù naodh àiteachan adhlacaidh fad an còig latha - naodh no deich - 's tha cus a bharrachd ann. Dh'fhaillich orm... cha b' urrainn dhomh... cha robh an ùine ann airson a h-uile fear dhiubh... tadhal air a h-uile fear, ach mus tèid mi nas fhaide, an latha a bha sinn... an carragh-cuimhne mu do choinneamh an sineach, a Choinnich, bha e dìreach... 's e latha àlainn a bh' ann, agus faodaidh tu dealbh a dhèanamh air Dòmhnall Iain an seo a' pìobaireachd agus an duine còir, Derek Lang, na shuidhe aig bonn a' charragh-cuimhne, agus bha aon chòig cheud duine timcheall co-dhiù ann. Bha e dìreach sònraichte fhèin, gu h-àraid nuair a chuimhnicheas tu gun robh Dòmhnall Choinnich còir, athair DJ an seothach, gun robh e ann aig aon àm. Bha e dìreach smaoineachail.

CM: Uill, tha e air a bhith uabhasach math a bhith a' cluinntinn bhuaibh fhèin, mu bheagan dhe na bha a' dol air adhart aig an àm a bha sin. Tha mi math air a bhith a' bruidhinn ris an triùir agaibh, agus dithis a' faicinn an àite airson a' chiad uair, aon duine a bh' ann bho chionn trì fichead bliadhna, a chunnaic 's a dh'fhairich a h-uile càil a tha seo. Nach e dealbh a th' ann no sgeul a dh'innseas neach idir ach pàirt de dh'eachdraidh a bheatha fhèin. Mo thaing gu dearbha. Dòmhnall Ailean MacIllEathain airson a thighinn a-steach ann an seo dhan an stiùidio a dh'Inbhir Nis an-diugh, dhan a' Seàirdseant Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, a bha na mhàidsear na pìoba os cionn na bha sin de phìobairean an t-seachdain a chaidh, agus do Bhill Innes a bh' ann cuideachd agus a bha mar mheadhan air an leabhar 'Fo Sgàil a' Swastika' a thoirt a-mach a-rithist. Mo thaing dhan an triùir agaibh gu dearbha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math