Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 28 September 2000
Àireamh a’ chlàir 24508
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 28.09.2000

Geàrr-chunntas

Slèite mar àite airson oileanaich.

Bha Dòmhnall Iain Caimbeul na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach, agus tha e a' toirt iomradh air an t-seòrsa àite a th' ann airson daoine a tha a' dol dhan cholaiste.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Slèite

Eilean - An t-Eilean Sgitheanach

Baile/Àite - Slèite

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinn air a bhith an t-seachdain sa a' faighinn a-mach carson a tha cuid a dh'oileanaich a' dol a dhiofar àitichean dhan an oilthigh, cuideachd dè seòrsa goireasan a th' ann 's cò ris a tha e coltach a bhith a' fuireach anns na h-àitichean a tha sin. Uill, chan ann a bhaile a tha sinn a' dol an-diugh idir ach a Shlèite anns an Eilean Sgitheanach. Sin far a bheil mòran oileanaich a' dol gach bliadhna gu Sabhal Mòr Ostaig, fear dhiubh sin, uill, fear a th' air a bhith ann sa bhliadhna a chaidh seachad, Dòmhnall Iain Caimbeul, tha e air an loidhne còmhla rium an-dràsta. An toiseach, a Dhòmhnaill Iain, carson a thagh thu fhèin a dhol a Shlèite anns a' chiad àite?

Dòmhnall Iain Caimbeul (DI): Uill, tha mi a' smaointinn gur ann a chionn 's gun robh e car goirid dhan taigh. Tha an suidheachadh agamsa car eadar-dhealaichte o suidheachadh oileanaich eile a chionn tha bean 's clann agam an Uibhist, agus bha mi ag iarraidh faighinn dhachaigh. 'S a-rithist bha mi... tha sgìre na Gàidhealtachd a' còrdadh leam, 's a chionn sineach chaidh mi dhan Eilean Sgitheanach.

CM: Uill tha do shuidheachadh-sa, agus tha tòrr dhaoine dhe do sheòrsa, ged a tha sinn ag ràdh airson a' mhòr-chuid de dh'oileanaich, tha sinn a' smaoineachadh orra mar daoine seachd bliadhna deug, ochd bliadhna deug, 's mar sin, a tha a' fàgail an sgoil 's a' dol còmhnard ann, agus 's ann mar sin a tha a' mhòr-chuid, ach tha tòrr dhaoine de dh'inbhich a' dol ann cuideachd. Dè bha dol ann an sin timcheall air a' cholaiste dhut fhèin, eadar comainn 's eile?

DI: Uill, bha... feumaidh mi a ràdh gun robh gu leòr à dùthchannan thall thairis a' tighinn a-nall, agus a' tighinn dhan Eilean Sgitheanach, agus feumaidh gun robh an suidheachadh a' còrdadh leotha fhèin, a chionn cha robh gearan sam bith ann, agus bha na goireasan... chan eil na goireasan cho math le àiteachan eile mar a tha Glaschu 's Dùn Èideann 's Obar Dheathain 's àiteachan mar sin, ach tha e a rèir dè tha thu a' siubhal 's dè tha thu a' coimhead air a shon. Feumaidh mi ràdh, na goireasan a bha mise ag iarraidh, bha iad ann, ach feumaidh mi a ràdh cuideachd, sna bliadhnaichean a tha a' tighinn, gum feum goireasan mar amar-snàmh 's àite-spòrs 's rudan mar sin, tha dùil aca sin a thogail, ach feumaidh iad a dhèanamh, tha mi a' smaointinn, ann an cabhag a-nist.

CM: Uill, 's e aon dhe na ceistean a tha mi air a bhith a' cur air na daoine òga anns na h-àitichean eile, ann an Dùn Èideann, an Obar Dheathain, an Glaschu, 's dh'fhaodainn an aon rud a chur ann an Dùn Dè 's ann an Sruighlea 's mar sin air adhart, càit am bi iad a' dol air an oidhche? Ciamar a tha iad a' cur seachad na tìde às dèidh na clasaichean a bhith seachad?

DI: Ò feumaidh gu bheil greis on a bha thu fhèin nad oileanach, a Choinnich...

CM: Tha greis bhuaithe.

DI: ...a chionn, ò chan eil duilgheadas sam bith aig oileanach air cur-seachadan a bhith aca. Tha iad daonnan... an seòrsa àite a th' anns an Eilean Sgitheanach, chan eil mòran àiteachan as urrainn dhut a dhol co-dhiù, agus mar as trice bha na h-oileanaich a' dèanamh rud dhaibh fhèin. An aon ghoireasan a dh'fhaodadh tu ràdh a tha mun cuairt a' cholaiste fhèin, 's e na pubs mar a tha Ardvasar 's Eilean Iarmain 's àiteachan mar sin, agus feumaidh mi ràdh gun robh iadsan a' tàladh a-staigh na h-oileanaich, a chionn bhiodh rud mar a tha quiz night aca oidhche Mhàirt ann an aon àite, 's an ath oidhche bhiodh quiz an àiteigin eile, 's bha oidhche ciùil oidhche Ardaoin an Eilean Iarmain, 's cha b' urrainn do dh'oileanach fuireach a-staigh Dihaoine no Disathairne, agus air an t-Sàbaid, oidhche Dhòmhnaich, bhiodh iad ag ràdh leotha fhèin, uill sheo an oidhche mu dheireadh dhen deireadh-sheachdain - 's fheàrr dhuinn a dhol a-mach. 'S e oidhche Luain, tha mi cinnteach, an oidhche nach robh duine a' dol a-mach.

CM: Ach nise, a-rithist ge-tà, chan eil goireasan mar a bhios sinn cleachdte ri bhith a' faicinn aig oileanaich ann, can, anns na bailtean mòra. Chan urrainn dhut cantainn, thèid sinn a-mach gu biadh dhan a siud a-nochd 's cha chosg e cus dhuinn, a bheil? Chan eil an taghadh sin agad, a bheil?

DI: Uill, chan eil taghadh mòr sam bith ann. Feumaidh mi ràdh gu bheil am biadh anns an àite fhèin uabhasach fhèin math, a dh'aindeoin còcaire a bhith ann à Sgalpaigh - tha mi an dòchas gu bheil i ag èisteachd. Tha am biadh fhèin uabhasach math san àite, 's chan eil feum air a dhol a-mach. Ach ma tha thu ag iarraidh oidhche shònraichte, tha àite no dhà mun cuairt. Tha Ardvasar, biadh math an sin, 's Eilean Iarmain uabhasach math, 's ma tha airgead gu leòr agad, Kinloch Lodge shìos an rathad. Tha àiteachan mar sin ann. Ach airson an fhìrinn innse, na h-oileanaich, tha iadsan, chan ann tric a bhios iad a' dol a-mach. Chan ann tric a bhios iad a' dol a-mach air tìr-mòr fhèin. Tha fios aca dè tha iad ag iarraidh agus 's urrainn dhaibh fhaighinn mas sin an toil.

CM: Uill, cò ris a tha e coltach, ge-tà, 's tha dà... oileanaich a bhios a' fuireach, mar a chanas iad, air a' champas, agus tha feadhainn eile a bhios a' fuireach a-muigh ann an àitichean eile. Ciamar a tha sin ag obrachadh anns an Eilean Sgitheanach?

DI: Uabhasach fhèin math. Tha na goireasan a tha a-staigh airson an fheadhainn a tha a' fuireach a-staigh... bha seòmar agam fhèin agus cha deargainn-sa a chreidsinn air a chaidh mi ann an toiseach na bh' ann. Fhios agad, bha... bha e en-suite, bha shower agad ann a shin, bha e en-suite, 's bha cooker agad 's bha frids agad 's bha microwave agad 's coire, 's bha deagh leaba agad, agus a chionn 's gun robh sinne air cùrsa telebhisein, bha telebhisean san rùm, agus thug mise leam an coimpiutair agam fhìn a-null, agus bha na goireasan ann - cha robh agam ach phlug a-staigh dhan bhalla 's bha mi air an network agus air an eadar-lìon. Cha deargainn-sa a chreidsinn air a chaidh mi a-null an toiseach na goireasan a bh' ann.

CM: Ach a-rithist, ge-tà, anns a' bhaile mòr tha... tha prìsean ann, tha thu... ciamar a tha prìsean a thaobh màil 's mar sin, do dh'oileanaich thall an sin?

DI: Uabhasach fhèin math a-rithist. Ged as e eilean a th' ann a tha trang fad an t-samhraidh, agus Sasannaich gu h-àraid a' tighinn a-nuas, tha prìsean glè mhath ann, a chionn tha fios aig daoine anns an àite gum feum... gum feum iad rudeigin a dhèanamh fad a' gheamhraidh. Tha samhradh gu math goirid thall anns an Eilean Sgitheanach, agus tha fios aca ma tha oileanaich 's daoine a' cleachdadh an gnìomhachas 's rudan mar sin, nì iad airgead aig a' cheann thall, ach mura h-eil ach a' dèanamh rudeigin airson luchd-turais, tha an seusan gu math goirid.

CM: Mar sin dheth, tha e ag obrachadh a-mach glè mhath? Tha luchd-turais ann fad an t-samhraidh nuair a sibhse dheth, agus an uair sin nuair a tha sibhse ann chan eil luchd-turais ann?

DI: An aon rud... aidh. An aon rud... an aon ghearan a th' agam fhìn mu dheidhinn an àite, tha na busaichean uabhasach fhèin truagh ann. Tha e gu math... fad a' gheamhraidh chan fhaigh thu ach, tha mi a' smaointinn, dà bhus no trì busaichean san latha.

CM: Tha sin gu math cudromach, ge-tà, airson mas e agus gu bheil àite rudeigin iomallach agus oileanaich, gu h-àraid oileanaich òga, feumaidh iad cothrom a bhith aca a bhith a' gluasad timcheall an àite, nach fheum? Airson, can an-dràsta, bha sinn a' bruidhinn air Obar Dheathain, choisicheadh tu bho phàirt dhen a' bhaile gu pàirt eile. Dùn Èideann 's Glaschu, tha na busaichean 's tha subway ann 's mar sin. Chan eil na goireasan sin agaibh.

DI: Uill, an seòrsa àite a th' ann, ge-tà, 's e colaiste bheag a th' ann, agus tha busaichean aca fhèin, agus bidh am bus... uill, b' àbhaist dha a bhith a' dol a Phort Rìgh a h-uile Diardaoin, 's bhiodh busaichean a' dol dha na bùithean Disathairne, a chionn 's gu bheil tuigse aca gu bheil duilgheadasan ann a thaobh faighinn a dh'àiteachan, tha busaichean aca fhèin, agus bha iad gu math deònach na busaichean a chleachdadh airson rudan mar sin. Bha iad glè mhath an dòigh, airson colaiste bheag.

CM: Tha mi a' creidsinn gu dearbha daoine a bhiodh a' dèanamh... a' feuchainn ri taghadh a dhèanamh eadar a' bhaile mhòr agus na th' ann de tharraing do dhaoine òga, agus àite mar sin, gum bi iad ag ràdh riutha fhèin, uill ciamar a tha mi a' dol a chur seachad na tìde. Tha mi a' tuigsinn nach d' fhuair thusa an duilgheadas sin idir?

DI: Ò cha d' fhuair. Agus cha robh mise... agus cha d' fhuair oileanaich eile airson an fhìrinn innse, cha d' fhuair. Bha cur-seachadan eile ann cuideachd. Cuimhnich gu bheil a' cholaiste fhèin, dh'fhaodadh tu a ràdh fosgailte gu aon uair deug a h-uile h-oidhche, ma tha thu ag iarraidh goireasan mar a tha computers 's rudan a chleachdadh. Chan fhaca mise a leithid de chomputers riamh ann an colaiste. Ma tha thu ag iarraidh computers no mar sin a chleachdadh, faodaidh tu sin a dhèanamh suas gu aon uair deug a dh'oidhche. Tha cur-seachadan eile ann cuideachd. Tha eòlaichean, daoine... co-dhiù à dùthchannan thall thairis, tha iad daonnan deònach rudan mar a tha cànan eile ionnsachadh dhut, eadar Cuimris 's Spàinntis 's rudan mar sin, tha iad uabhasach fhèin deònach. Agus tha e a' còrdadh leotha fhèin cuideachd, agus a chionn sin, tha mi a' smaointinn nach eil... tha e a rèir dè... ma tha thu a' siubhal nightclubs, cha ruig thu leas a dhol dhan Eilean Sgitheanach, ach rud sam bith eile, tha mi a' smaointinn nach robh gainne sam bith ann.

CM: A h-uile càil a-rèist ach na nightclubs, agus mas e 's gu bheil daoine òga a' smaoineachadh air a dhol ann, uill siud an teachdaireachd dhuibh. Tha gu leòr ann agus cha leig a leas eagal sam bith a bhith oirbh, gum bi sibh a' lorg rudeigin a nì sibh. Tha gu leòr ann a chumas... a chumas sibh a' dol. Dhòmhnaill Iain, tapadh leatsa gu dearbha.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math