Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 12 June 2000
Àireamh a’ chlàir 24663
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.06.2000

Geàrr-chunntas

Tha dithis shaighdearan a' bruidhinn air a bhith air an glacadh aig feachd na Gearmailt taobh a-muigh St Valery anns an Ògmhios 1940.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha e math a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn na bha a' tachairt aig an àm a tha seo, ach chan urrainn dhuinn a dhol a-steach ann mar as urrainn dhan fheadhainn a bha ann agus a dh'fhairich. Tha dithis dhe na laoich sin còmhla riumsa an-dràsta. 'S iadsan Murchadh MacCumhais agus Eairdsidh Mac a' Phiocair. Uill, a Mhurchaidh, an robh thu fhèin eòlach air Dòmhnall Iain Dhonnchaidh?

Murchadh MacCumhais (MM): Bha, gu math eòlach, bha.

CM: An robh thusa, Eairdsidh?

Eairdsidh Mac a' Phiocair (EM): Ò bha, gu dearbh fhèin e.

CM: Agus, uill, dè... dè a' chuimhn' a th' agaibh air, aig àm a' chogaidh?

EM: Ò, tha deagh chuimhne. Duine mòr sgoinneil.

CM: Am biodh e ri bàrdachd dhuibhse?

MM: Cha bhitheadh. Cha bhiodh e ri bàrdachd nuair a... nuair a bha e còmhla rinne san arm, cho fad 's a b' fhiosrach sinne. Ach bha Gàidhlig iongantach math aige. Bha athair na... bhiodh e ag innse sgeulachdan, agus bha Gàidhlig iongantach math aig Dòmhnall Iain.

CM: Chuala sinn an siud Bill ag innse dhuinn dìreach an suidheachadh anns an robh an t-Arm ann an sin, ann an ceann a tuath na Frainge. Chaidh ur cur an grèim ann an sin aig St Valery. Uill, a Mhurchaidh an toiseach, dìreach cuir nar cuimhne dè thachair? Ciamar a chaidh ur cur an grèim?

MM: Uill, a' mhadainn a bha sineach, bha... thàinig... cha robh... cha robh mise a-staigh aig St Valery. Bha mi pìos mòr a-muigh air an dùthaich. Bha sinn a' cumail an rathad fosgailte do dh'fheadhainn a bha a' dol a-staigh. Mar a chanas iad sa Bheurla, rearguard. Ach chithinn am baile a-staigh, dhà no thrì mhìltean air mo chùlaibh. Chithinn togalaichean eaglais 's rudan dhen t-seòrsa sin. Ach cha robh mi... cha robh mi a-staigh sa bhaile uile-gu-lèir idir.

Ach a' mhadainn a bha siudach, bha i an dèidh sileadh tron oidhche, 's bha mi a' faighneachd do ghillean eile à rèisimeid eile a bha faisg orm an robh fhios aca dè bha a' tachairt. Cha robh fhios aig duine aca dè bha a' tachairt. Ach thàinig oifigeach òg a bh' air tighinn thugainn - an t-oifigeach a bh' againn riamh anns an Fhraing, chaidh a mharbhadh goirid ron an seo - agus bha an gille òg a bha seo, cha robh e ach air tighinn a-mach às an OTC, mar a chanas iad, bhiodh e mu naoi bliadhn' deug, agus thàinig... thàinig e a-nall dhan Fhraing, agus chuireadh na oifigeach air a' phlatùn anns an robh mise e. Agus cha robh an gille bochd air a bhith ann an cogadh no sìon. Bha e... bha mi car duilich air a shon. Balach òg nach robh fhios aige dè... Ach a' mhadainn a bha siudach, thàinig e a-mach eadar còig 's a sia - bha i an dèidh sileadh tron oidhche - 's thàinig e far an robh mi 's thuirt e:

"Tha," ars esan, "tha na Frangaich a' toir suas, 's chuir iad... chuir iad flaga geal suas."

Nist, cha b' urrainn mi seo a chreidsinn, thoradh dìreach seachdain ron latha sin, bha sinne air ar cuartachadh, ach fhuair sinn air falbh. Bha sinn air ar cuartachadh le na Gearmailtich. Fhuair sinn air falbh, 's thug sinn linn ochd gillean a bh' air an leòn. Cha robh... cha robh fiù 's stretchers againn. Cha do rinn sinn ach taigh beag a chur às a chèile, agus ann an siotaichean sionc a thug linn na leòntaich, 's choisich sinn 's choisich sinn. Ach 's e an artillery a shàbhail sinn. Chuir iad... chuir iad, mar a... mar a chuir... mar a bha fhios aca cà robh sinn, chuir an artillery suas barrage, agus theich na bha a Ghearmailtich timcheall oirnn, 's cha b' e sin am beag. Theich iad, 's fhuair sinn air falbh. Dìreach seachdain ron latha... bha sin air an t-siathamh latha. Dìreach seachdain mun do rugadh oirnn.

Ach co-dhiù, nuair a ràinig sinn air ais le na siotaichean sionc 's na bha a leòntaich againn, bha trugaichean aig gillean na h-artillery, 's ghabh iad cùram nan leòntach, agus fhuair iad sin air falbh, 's fhuair iad dhachaigh a Bhreatainn, thoradh... ò, thachair iad rinn a-rithist, 's bha iad ag innse cho fortanach 's a bha iad gun d' fhuair iad air falbh. Mar a chuala sibh, bha na Gearmailtich, nuair a ràinig sinne, bha na Gearmailtich air beul a' bhàigh aig St Valery a ruighinn leis an artillery aca, 's chan fhaigheadh bàta a-mach no a-staigh. 'S ann a bha a bhàtaichean beaga air a' chladach, bha iad làn thuill [???]. Sin a chuala mi aig gillean a chaidh a-staigh, aig an robh dùil faighinn air falbh. Ach bha iad a' ràitinn gun robh na bàtaichean, nach seòladh gin aca, gun robh de thuill orra.

CM: Uill, a Mhurchaidh, leanaidh sinn oirnn leis an tuilleadh dhen an sgeulachd às dèidh na naidheachdan a tha sinn a' dol a chluinntinn an-dràsta agus e naoi uairean sa mhadainn.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math