Rannsaich

Prògram Choinnich

Ceann-latha 12 June 2000
Àireamh a’ chlàir 24665
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh an Teip Thùsail

Program Choinnich 12.06.2000

Geàrr-chunntas

Saighdearan air an glacadh agus nam prìosanaich-cogaidh.

Tha dithis shaighdearan à Uibhist a Tuath ag innse mar a thachair às dèidh dhaibh a bhith air an glacadh aig na Gearmailtich aig St Valery ann an 1940; mar a chaidh an toirt nam prìosanaich-cogaidh gu campaichean anns a' Phòlainn, far an robh iad an greim gu 1945.

Àite Clàraidh

Siorrachd - Ros is Cromba

Paraiste - Steòrnabhagh

Eilean - Leòdhas

Baile/Àite - Steòrnabhagh

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Rèidio

Cruinneachadh

BBC

Tar-sgrìobhadh

Coinneach MacÌomhair (CM): Tha sinne a' leantainn oirnn leis an sgeulachd a th' againn ann an seo an-diugh co-cheangailte ris an leabhar Fo Sgàil a' Swastika, agus sinn a' cluinntinn bho Mhurchadh MacCumhais agus Eairdsidh Mac a' Phiocair, mar a thachair dhaibhsan aig St Valery, agus às dèidh St Valery. Eairdsidh, dè a' chuimhn' a th' agadsa an-dràsta air mar a chaidh ur cur an grèim?

Eairdsidh Mac a' Phiocair (EM): Mar a chaidh ar cur an grèim? Uill, bha sinn a' tuigsinn gur e sin a bh' air thuar tachairt co-dhiù. Bha gnothaichean a' fàs mì-choltach, agus bha sinn a' sìor theannadh faisg air St Valery. 'S bhathar a' gealltainn an uair sin gun robh sinn a' dol a dh'fhaighinn a-mach à St Valery, ach mar a tha Murchadh an dèidh a bhith a' ràdh, cha ghabhadh sin dèanamh, agus sin a dh'fhàg gun do chuireadh sinn ann an grèim.

CM: Agus, uill, cò thug... cò thug dhuibh an t-òrdugh an armachd a leigeil sìos?

EM: Uill, 's e cuideigin dhe na... cuideigin dhe na h-oifigich, an duine a bha...

CM: An robh e duilich dhuibh na gunnaichean a leigeil sìos?

EM: Uill, bha sinn air ar cur ann an, mar gun canadh iad, ann an oisinn. Cha robh... cha robh... thuig sinn mu dheireadh nach robh dol às againn.

CM: Agus dè thachair an uair sin?

EM: Cha robh ach b' fheudar dhuinn ar gunnaichean a chur sìos, a chur... [?na ghabhadh milleadh dhiubh], a chur às a chèile 's a bhristeadh. Agus thàinig an uair sin na h-oifigich Ghearmailtich a-staigh. Bha sinn ann a... ann an rathad ìseal, bruthaich air gach taobh dheth. Bha a' chuid bu mhotha againn ann a shin, 's thàinig iad a-nuas an ceann an rathaid a bha sin, 's fhuair sinn, an dèidh dhaibh... 's thug na h-oifigich air... thuirt iad rinn gum feumamaid toir suas, agus ghabh sinn... ghabh sinn ri sineach, agus fhuair sinn òrdan an uair sin gluasad air falbh gun an rathad mhòr, 's thug iad gun... thug iad air an rathad sinn nar travel men, mar a... dìreach mar gum b' eadh... Cha robh dìreach dòigh ann ach dìreach toir suas, agus aontachadh leotha.

CM: Uill, thug iad cruinn còmhla sibh an uair sin. Ciamar a dhèilig iad ribh?

EM: Cha robh gu dona idir, ach bha iad gar cur nar cabhaig. Bha iad a' forsadh a' ghnothaich. Bha iad... bhiodh iad... bhitheamaid nar coiseachd gu math luath 's uaireannan nar ruith, 's cha dèanadh sin an gnothach. Dh'èigheadh iad barrachd... greasad oirnn na bu mhotha. 'S bha iad an uair sin, bha iad air cha mhòr a h-uile bicycle a bh' anns an Fhraing, bha iad air a chommandeer-adh, agus bha iadsan a' raighdeadh na bicycles, agus sinne a' coiseachd cho math 's a b' urrainn dhuinn, an dèidh a bhith gu math sgìth, acrach agus gu math sìos nar bodhaig air sàillibh mar a bh' air tachairt dhuinne.

CM: Dè cho fad 's a bha air a' bhàirdse?

EM: Bha sinn, tha mi a' smaoineachadh, air a dh'fhalbh sinn à St Valery gu 'n do ràinig sinn Belgium 's Holland, bha sinn a' coiseachd, tha mi a' creidsinn gun robh... chanainn aona cheithir latha deug co-dhiù, air an rathad a h-uile latha 's air bheagan bìdh 's air... air beagan... agus uisge a bharrachd air. Tha cuimhn' a'm, bha na Belgians 's Dùitsich, bha an t-àite cho cothrom, agus chitheadh muinntir nam bailtean beaga, chitheadh iad sinn a' tighinn agus bha iad a' cur soithichean uisge ri taobh an rathaid mhòir, agus nuair a chunnaic na Gearmailtich sin, bha iad a' falbh le bicycles agus a' breabadh nam bucaidean uisge a bha sin dhan... dhan... far an rathaid mhòir, agus sinn dìreach a' bàsachadh leis a' phathadh 's le... bha an teas cho mòr 's bha fallas a' sruthadh dhinn, dìreach, 's bha sinn feumach air. Agus nam biodh dad ri taobh an rathaid mhòir, bha an t-acras cho mòr, 's nam biodh dad ri taobh an rathaid mhòir, cha robh e gu diofar cò leis a bha e. Bha e a' falbh.

CM: Agus a-nise, a Mhurchaidh, tha mi a' tuigse, aon uair 's gun do ràinig sibh deireadh a' choiseachd, 's ann air bàirdse a chaidh ur cur an uair sin, nach ann?

Murchadh MacCumhais (MM): 'S ann. Bha sinn trì latha air bàirdseachan a' dol suas an Rhine.

CM: 'S cò ris a bha sin coltach?

MM: Ò, cha robh ach acrach, agus glè bheag bìdh, ach bha... bha grunn againn còmhla, 's bha sin fhèin a' dèanamh feum dhuinn. Ach chan ann mar a thachair do dh'Eairdsidh aig St Valery a thachair dhòmhsa idir. Thuirt an t-oifigeach a bha seo, dh'innis e dhomh, an gille òg a bha seo, gun robh... gun robh iad air toir suas, 's nach robh ann ach a h-uile duine air a shon fhèin. 'S thuirt mi ris:

"Mar sin, faodaidh sinn feuchainn às, ma tha toil againn?"

"Faodaidh," ars esan. "'S cò an taobh a dh'fheuchas tu?"

Thuirt mi:

"Feuchaidh mi deas."

"Ò ma-thà." Thug e an combaiste aige fhèin far a' bhelt aige. "Seo. Dòcha gun dèan siud feum dhutsa," ars esan, 's thug e dhomh an combaiste.

Ach chan fhalbhadh duine dhe na gillean a bha mi eòlach cuide rium. Cha robh iad gam chreidsinn, gun robh na bha siud de shaighdearan air toir suas. Agus thuirt mi riutha:

"Uill, tha mise a' dol a dh'fheuchainn às."

Ach thachair mac bràthair mo mhàthar rium. Cha robh e anns an aon phlatùn riumsa idir. Thuirt mi ris mar a thuirt an t-oifigeach òg a bha seo rium, gun robh iad air toir suas.

"Tha mise a' dol a dhèanamh às. Am falbh thu cuide rium?"

"Falbhaidh," ars esan.

"Ma-thà," arsa mise, "bheir leat tuilleadh armachd."

Cha robh againn ach... cha robh againn ach bandolier an urra - leth-cheud. Fhuair sinn o ghillean eile 's thug sinn leinn na rifles. Sin a' chiad mhearachd a rinn sinn. Nam biomaid air a h-uile sìon a chaith bhuainn agus feuchainn ri aodach fhaighinn, 's dòcha gun robh sinn air faighinn às, ach dh'fhalbh sinn co-dhiù. Agus bha sinn... rinn sinn air a' choille. Bha tòrr coille air feadh na Frainge, 's bha sinn a' leantail na coille, 's bha sinn a' faighinn air falbh, gu 'n tàinig sinn gu rathad mòr leathann, agus bha sinn a' ràitinn, 'Uill, tha an rathad seo co-dhiù, bidh e air a gheàrd. Ciamar a gheibh sinn tarsainn air?' Cha robh saighdear 's cha robh tanc 's cha robh sìon a' gluasad air an rathad, 's cha robh... cha robh sinn a' cluinnteil losgadh sam bith. Thuirt mise ris:

"Thèid mise tarsaing an toiseach. Ruithidh mi tarsaing, agus mura loisgear orm, dèan thus às mo dhèidh."

Sin mar a bha. Cha robh mise air an rathad... air an taobh eile dhen rathad nuair a chuala mi fear ag èigheach dhomh. Uill, tha 'halt' anns a h-uile cànail. 'S e halt anns a' Ghearmailt, 's e an aon rud 's a tha sa Bheurla. Stad mi. Bha tanc mhòr, mhòr Ghearmailteach air a cur a-staigh dhan choille, 's i làn duilleach. Chan fhaiceadh duine i ach bho thaobh eile an rathaid. Bha i à fianais. Agus bha... bha fear na sheasamh... bha fear air mullach na tanc agus gunna aige air a stiùireadh orm, ach bha fear eile gu h-ìseal agus gunna aige fhèin. Dh'èigh e dhomh tilleadh, 's thill mi, agus 's e Beurla a bhruidhinn e rium. Thuirt e rium m' armachd a leigeil às. Cha robh agam ach a chaith aig a chasan. 'S thuirt e ann am Beurla rium:

"Tommy, for you the war is over."

Sin a thuirt e rium. Cha do bhuail e mi 's cha tuirt e dad rium ach sin.

Chunnaic e an uair sin mo chompanach. Dh'èigh e dhàsan cuideachd, 's thug e bhuaithe an rifle. 'S an gille a bha na sheasamh ri taobh na tanc, thuirt... thug am fear eile òrdan dha ann an Gearmailt - cha tuigeamaid a' Ghearmailt ann an uair sin - agus dh'fhalbh e leinn air ais a cheart cheum an tàinig sinn, gu 'n do ràinig sinn taigh tuathanaich, 's tha mi a' creidsinn gun robh deich air fhichead dhe na gillean nam prìosanaich ann a shineach anns a' yard aig taigh an tuathanaich. Chuir e sinn a-staigh còmhla riutha sineach, 's bha sinn air ar glacadh. Bha sinn còmhla ris a' chòrr ann a shin. Cha robh ach cruinneachadh daoine nam buidheannan gus an robh, ò, tha mi a' creidsinn gun robh... chan eil fhios agam... tha mi a' creidsinn gun robh mìle againn air an rathad còmhla, de phrìosanaich. Thòisichear air ar coiseachd suas taobh Bhelgium. Sin mar a bha. Cha robh sinn... chan eil cuimhn' agamsa cia mheud latha a bha sinn a' coiseachd, ach bha fhios a'm an teas an t-samhraidh, mar a bha Eairdsidh a' ràitinn, gun robh sinn gu math pàiteach agus acrach cuideachd.

CM: Agus cha robh sin ach toiseach a' chogaidh. Mar a thuirt an Gearm-... an rud a thuirt an Gearmailteach, bha e ceart. For you, Tommy, the war is over.

MM: For you, Tommy, the was is over. Ach cha robh iad a' dèanamh droch dhìol sam bith oirnn.

CM: Càit an deach sibh, a-rèiste, às dèidh sin, a-rèiste?

MM: Uill, a' chiad champa anns an robh sinn, 's ann... o dh'fhalbh sinn an dèidh tighinn far na bàirdseachan, bha sinn grunn làithean ann a... ann an trugaichean, agus 's e sin bu mhiosa 's bu mhiosa. Bha a h-uile duine a-riamh air... dòcha dà fhichead ann an trug a bh' air a chiallachadh airson h-ochd eich. 'S chan fhaigheamaid ach air an oidhche nuair a stadamaid deoch no sìon. Agus a' chiad champa dhan deach sinn, 's ann a Pholand, 's cha robh ann ach teantaichean. Fàsach - cha robh ann ach... cha robh sìon ann ach gainmheach. Cha robh feur fhèin a' fàs ann. 'S bha sinn poille ann a shineach gu 'n do chuireadh a-mach gu tuathanachas sinn. Agus bha sinn a shin gu toiseach a' gheamhraidh ag obair aig tuathanach.

An-tà, cha robh sinn... an suidheachadh anns an robh sinn, bha sinn caol, 's 's e a' chiad rud a chuir iad a-mach a spealadh sinn. Dearbh, gillean nach do rug air speal riamh... bha mise eòlach gu leòr air spealadh, ach creutairean òga nach do rug riamh air speal, cha robh e... cha robh spealadh ach mu... nan làimh co-dhiù.

Ach thàinig oifigeach agus cha tug an tuathanach aodach no sìon dhuinn, ach thàinig àrd-oifigeach 's thuirt e ris:

"Bheir thu," ars esan, "aodach 's bheir thu plangaidean dhaibh."

Cha robh sinn ach a' sìneadh ann an connlach ann an taigh-mhuc.

"'S ma thig mise air ais an ceann seachdain 's nach eil thu air aodach 's plangaidean 's meatagan a bheir dha na prìosanaich, bheir mi bhuat a h-uile duine aca, 's chan fhaigh thu prìosanach gu sìorraidh tuilleadh."

Agus seo mar a bha. B' fheudar dhaibh plangaidean a bheir dhuinn, tè an urra, 's... no dhà an urra - chan eil cuimhn' a'm cò aca. Agus cha robh brògan... bha na brògan againn air cnàmh, 's an aon rud a fhuair sinn, 's e brògan fiodha. Bha iad air milleanan dhiubh fhaighinn às an Òlaind. Bha iad a' cleachdadh na clogs a bha seo, agus seo na brògan a fhuair sinn. Cha robh cleachdadh againn ri coiseachd le clogs ann, agus ò, 's iad a bha goirt.

CM: Nise, tha e follaiseach, ge-tà, bha amannan cruaidh ann an sin. Bha a' chùis gu math cruaidh. Agus dh'fheumadh sinn cuideachd a ràdh, bha mòran de ghillean agus cha tàinig iad troimhe.

MM: Ò, bha, bha, bha. Gillean... bha gillean... ach a dh'aindeoin mar a bha sinne, 's e bha truagh dheth na h-Iùdhaich.

CM: Uill, 's e gu dearbha, agus, Eairdsidh, a' chuimhne a th' aig Murchadh ann an sin, an e sin an seòr-... an e sin an dearbh rud a bha a' tachairt dhutsa?

EM: Ò 's e gu dearbh. 'S e gu dearbh. Bha sinn car còmhla anns an aona... car... fad na tìde, aig toiseach... toiseach gnothaich co-dhiù.

CM: Dè thachair dhuibh às dèidh... às dèidh a' chiad gheamhradh a bha sin?

EM: Bha sinn ag obair aig tuathanaich. Bha sinn... an trì bliadhna mu dheireadh a chuir mise seachad anns a' phrìosan, 's ann... bha sinn anns an aona àite fad na trì bliadhna.

CM: Càit an robh sin?

EM: Bha, ann am Poland a-rithist.

CM: Agus, uill, ciamar a bha iad a' dèiligeadh ribh anns a' phrìosan sin?

EM: Och, cha robh gu dona idir, ach obair gu leòr, ach bha sinn... bha sinn na bu treasa an uair sin na bha sinn, mar a bha Murchadh a' bruidhinn, toiseach gnothaich. Agus a bharrachd air a sin, nuair a thòisich sinn a' faighinn parsailean na Crois Dheirg, thug sin cuideachadh mòr dhuinn. Thug e neart mòr dhuinn, nar bodhaig, agus neart mòr biadh a bhith againn airson làmh a bheir air aig àm...

CM: Dè cho tric 's a bhiodh sibh a' faighinn na parsailean?

EM: Uair sa chola-deug, no 's dòcha a bharrachd air sineach, ach cha robh sinne cho math dheth an car na parsailean idir 's a bha an fheadhainn a bha sa Ghearmailt, a-staigh sa Ghearmailt. Tha sin... bha an t-astar cho fada aig transport nan Gearmailteach, 's iad fhèin feumach air... ann an cogadh, agus sin bu choireach, tha mi a' smaoineachadh, nach robh sinne a' faighinn na h-uiread 's a bha iad a' faighinn an sineach, ach bha sinn gu math taingeil às na fhuair sinn, 's rinn e feum dhuinn. Agus 's ioma gille bochd nach do rinn a rathad dhachaigh air sàillibh laige 's gnothach, ach nam biodh... mura b' e parsailean an Red Cross, bha barrachd air... bha sinn air barrachd fhàgail às ar dèidh ann am Poland 's a rinn sinn.

CM: Ciamar a bha sibh a' faireachdainn aig an àm a bha seo? An robh sibh aig amannan sam bith a' leigeil suas ur dòchas? An robh sibh a' faireachdainn gun robh sibh gu bhith an seo a-chaoidh gu bràth tuilleadh aig amannan?

MM: Ò, cha robh, cha robh, cha robh. Bha ar n-inntinn an-còmhnaidh... bha sinn... bha fhios againn... nar n-inntinn, bha fhios againn gum buinnigeamaid air a' cheann mu dheireadh. Cha do chaill sinn an dòchas sin riamh, 's bhiomaid a' ràitinn sin ri na Gearmailtich - 'Tha sibh a' buinnig a h-uile batal, ach buinnigidh sinn am fear mu dheireadh.' 'S bhiodh iad a' gabhail a' chaothaich, 'S nuair a chaill iad Afraga, 's a chaill iad Stalingrad, bha mi ag obair ann a... bha mi ag obair an uair sin còmhla ri gobha ann an ceàrdaich, agus bhiodh e a' ràitinn:

"A bheil thu a' smaoineachadh gu bheil sinn... gu bheil sibh a' dol a bhuinnig?"

"Tha mi cinnteach," arsa mise, "gu bheil sinn a' dol a bhuinnig. Tha sibh air arm Afraga a chall, 's tha sibh air an t-arm mòr a bh' agaibh ann an Stalingrad a chall. Chan fhada gus am bi na Ruiseanaich a' tighinn tarsaing na crìoch."

"Ò, chan fhaic thu an latha."

"Chì," arsa mise.

Agus bha mi ann a shineach nuair a chuala mi na gunnaichean aig na Ruiseanaich a' tighinn air ais. Bha sin ann an West Prussia, dìreach air crìoch Ruisia.

CM: Ach Eairdsidh, an robh sibh fad na tìde... an robh sibh idir, idir a' faireachdainn ìosal, dubhach... uill, am measg a h-uile càil a bha seo?

EM: Uill, feumaidh mi... a dh'aindeoin cho truagh 's gun robh gnothaichean, feumaidh mi ràdh nach robh, agus an t-adhbhar a bh' air a sin, bha sinn cho dlùth còmhla an lùib a chèile, agus cha mhòr nach fhaod mi ràdh, bha sinn dìreach mar aona teaghlach, gu h-àraid an campa mu dheireadh anns an robh mise. Bha còrr air deich duine fichead ann, agus bha sinn car còmhla, agus nan deachadh an geàrd... nan d' rachamaid far... a-mach air a chèile, bha sinn an uair sin a' seasamh còmhla mar gum b' eadh aona teaghlach. Agus lean sin, agus feumaidh mi ràdh, am beagan a th' air fhàgail, tha an gnothach mar sin fhathast.

CM: Ann an dòigh, cha robh sibh riamh ron a sin, cha robh sibh riamh bhon uair sin, còmhla ri aon bhuidheann de dhaoine... fhuair sibh eòlas air a chèile ann an dòigh nach b' urrainn dhuibh a bhith air eòlas fiù 's air taobh a-staigh teaghlaich, tha mi cinnteach?

EM: Sin agaibh e. Fhuair, fhuair. Agus tha e mar sin gun an latha an-diugh, 's cha tuig duine sin, gun urrainn duine an dàrna grèim a bhios aige airson a chur na bheul a bheir do dhuine eile, anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò an-diugh. Ach sin mar a bha na campaichean. Cha robh duine a' ràitinn, 'Tha seo agamsa, 's cumaidh mi dhomh fhèin e.' Bha a h-uile sìon air a riaghladh a-mach. Ged nach biodh agad ach aon cigarette, 's dòcha gun ruitheadh i air ceathrar no chòigear.

CM: Thachair sibh ri cruadail aig St Valery. Thachair sibh ri cruadail air a' chaismeachd, air na bàirdsichean ann an sin. Thachair sibh ri cruadail anns na prìos-... anns a' phrìosan fad a' chogaidh. Ciamar a dh'fhairich sibh nuair a chuala sibh... nuair a thòisich sibh a' tuigse gun robh buaidh gu bhith agaibh?

MM: Ò, bha... bha sinn gu math riaraichte. Bha... far an robh mise, bhithinn a' faicinn planes a' dol seachad os ar cinn. 'S ann às an Eadailt a bha iad a' tighinn a-nuas, a' dol suas taobh a' Bhaltic far an robh na... na h-innealan a bha sineach. Thòisich iad an toiseach anns a' Bhaltic mus do thòisich iad a' losgadh a-nall a Shasainn. Agus aon latha Sàbaid, ò, chunna sinn... bha grunn... tha mi cinnteach gun robh dà cheud plèan mòr Ameireaganach, chaidh iad seachad os ar cinn, a' dol a bhomadh na h-àiteachan a bha seothach - 's e eileanan air beulaibh [???] a bh' ann, 's ann a bha na h-innealan a bha seothach, agus ò, 's ann... 's ann againn a bha a' ghaoir a' smèideadh dha na planes. Ged a bha iad àrd os ar cinn, bha sinn glè thoilichte gam faicinn a' dol seachd. Bha fhios againn... Ach bha feadhainn dhe na Poles, bhiodh iad... bha wireless aca, ged nach robh còir iad a bhith aca, 's bha iad ag obair... far an robh mise, an tac air an robh mise, bhiodh na Poles ag innse dhuinn dè bha a' tachairt, 's bhiodh iad a' toir naidheachdan a' chogaidh dhuinn, agus mar sin, bha fhios againn mòran dhe na bha a' tachairt.

CM: Eairdsidh, tha sinn a' bruidhinn air a seo, trì fichead bliadhna às dèidh dhuibh a bhith air ur cur an grèim ann an St Valery. Tha sinn... tha sinn thairis nam bliadhna air a bhith a' cluinntinn mòran mu dheidhinn Dunkirk, ach glè bheag mu dheidhinn St Valery. Ciamar a tha sibh a' faireachdainn mu dheidhinn seo? A bheil sibh a' faireachdainn gun deach àite gu leòr a thoirt dha St Valery?

EM: Ò, cha deachaidh. Ò, cha deachaidh. Chan eil fhios a'm idir. Bha mi ag èisteachd bho chionn ghoirid mu Dunkirk, agus 's e na... 's e na bh' aig na Frangaich air a ràdh, bha iad ag èigheach... ag innse gun robh... gun do dh'fhàgadh leotha fhèin iad, agus a' cur sìos air Breatainn airson nach d' fhuair iad barrachd cuideachadh agus gach rud, agus 's e tha a' cur an tàmailt ormsa an-diugh, an dèidh sin, an dèidh a bhith ag èisteachd sin. Dè rinn na Frangaich oirnn fhèin, nuair a dh'fhàg iad an dibhisean againn anns an Fhraing, agus iad fhèin, tha mi a' creidsinn, na ceudan dhiubh lathaichean, grunn mòr lathaichean air a seo, air faighinn air tìr ann am Breatainn.

CM: Mar sin, tha diofar thaobhan air an sgeulachd. Tha e mar a bhios a h-uile... a h-uile cogadh. Tha rudan ann a bhios daoine a' faireachdainn aig an àm, agus a' faireachdainn às dèidh làimh. Trì fichead bliadhna bho chaidh ur cur an grèim ann an sin, ann an St Valery. Fhuair sibh troimhe. Tha dàimh agaibh, tha sibh ag ràdh, ann an dòigh nach eil le duine sam bith eile ris na daoine a tha còmhla ribh.

EM: Ò tha. Tha 's bidh. Am beagan a th' air fhàgail dhinn.

CM: Uill, tha e air a bhith uabhasach math a bhith a' bruidhinn ribh. Tha mi airson taing a thoirt dhuibh airson, gu dearbha, airson a bhith a' bruidhinn rium. Tapadh leibhse gu dearbha. Na laoich ann an sin, Murchadh MacCumhais agus Eairdsidh Mac a' Phiocair.

Cruth Inneal a' Chlàir

Dat

Càileachd an Fhuaime

Math