Rannsaich

O Bà Bà Mo Leanabh

Ceann-latha November 1965
Àireamh a’ chlàir 24923
Pàirt 1

fiosrachadh a' chlàraidh

Àireamh a' Chlàir Thùsail

SA1965.104.7

Àireamh an Teip Thùsail

SA1965.104

Geàrr-chunntas

Tha beachd ann gun do rinneadh an cumha seo le banntrach Ghriogair MhicGriogair, a chaidh a dhìthcheannadh ann an 1570. Tha i a' seinn dha leanabh, 's i ag innse cho muladach 's a tha i.

Notaichean a' Chlàir

Two verses and choruses sung.

See:
'Songs of Gaelic Scotland' (A. L. Gillies) p. 140
'Bàrdachd Ghàidhlig' (Watson) p. 244
'MacDonald Collection of Gaelic Poetry' (MacDonald & MacDonald) p. 325

Àite Clàraidh

Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis

Paraiste - Barraigh

Eilean - Barraigh

Àite a' Chuspair

Siorrachd - Siorrachd Pheairt

Paraiste - Fartairchill

Baile/Àite - Gleann Lìomhann

Cànan

Gàidhlig

Seòrsa

Òran

Cruinneachadh

SoSS

Tar-sgrìobhadh

O bà bà mo leanabh
Bà mo leanabh bà
Ho bà bà mo leanabh
Cha chadal ach tàmh.

Dhìrich mi bheinn mhòr gun anail
Dhìrich agus theàrn
'S dh'fhàg mi falt mo chinn ri talamh
'S craiceann mo dhà làimh.

O bà bà mo leanabh
Bà mo leanabh bà
Ho bà bà mo leanabh
Cha chadal ach tàmh.

Ged tha mi gun ùbhlan agam
'S ùbhlan uil' aig càch
'S ann tha m' ubhal cùbhraidh grinn
Is cùl a chinn ri làr.

O bà bà mo leanabh
Bà mo leanabh bà
Ho bà bà mo leanabh
Cha chadal ach tàmh.

Cruth Inneal a' Chlàir

Reel to reel

Càileachd an Fhuaime

Math