Mac 'ic Ailein agus Nighean Mhic a' Phì
Fiosraichean
Luchd-clàraidh
Ceann-latha
Àireamh a’ chlàir
25021
Pàirt 1
fiosrachadh a' chlàraidh
Àireamh a' Chlàir Thùsail
CW0057.238
Àireamh an Teip Thùsail
Geàrr-chunntas
Bha nighean bhrèagha aig Mac a' Phì Cholbhasaigh, agus cha leigeadh e le duine sam bith a pòsadh ach am fear a leumadh tarsainn air a' gheata aige le each. 'S e Mac 'ic Ailein a rinn a' chùis aig deireadh an latha.
Neach/Cuspair a' Chlàir
Mac a' Phì Cholbhasaigh; Mac 'ic Ailein
Àite Clàraidh
Siorrachd - Siorrachd Inbhir Nis
Eilean - Uibhist a Deas
Paraiste - Uibhist a Deas
Baile/Àite - Loch Baghasdail
Cànan
Gàidhlig
Seòrsa
Cruinneachadh
Tar-sgrìobhadh
Donnchadh MacDhòmhnaill: Bha uaireigin dhen t-saoghal ann duine-uasal ris an cante Mac a' Phì Cholbhasaigh. Agus tha e coltach gun robh nighean aige a bha àraid brèagha, agus cha tugadh e do dhuine sam bith i ri pòsadh ach fear a leumadh le each air geata mòr a bha aig an taigh aige.
Nis, bha mòran sluaigh a' cruinneachadh de dhaoine uaisle, agus eich mhòra bhrèagha aca cuideachd, eadar Galltachd agus Sasannaich. Bha feadhainn a' feuchainn air a' gheata a leum leis na h-eich sin, 's bha e a' faileachdainn orra 's bha feadhainn eile nach miontraigeadh idir.
Ach co-dhiù, chuala Mac 'ic Ailein mun chùis, agus chaidh e dhan a' Ghàidhealtachd agus ge bith co-dhiù 's ann air tè dhe na h-oighreachdan aca fhèin a fhuair e e no an àite eile dhen a' Ghàidhealtachd, thagh e each beag cnapach, a bha e a' smaointinn a bha gu math spioradail, agus a dhèanadh... a leumadh tarsainn air rud sam bith ach beagan de dh'ionnsachadh dha, agus 's e seo an rud a rinn e.
Fhuair e an t-each agus theann e ri a ionnsachadh. Agus air a bha e a' smaointinn dìreach gun dèanadh e an gnothach, sgeadaich e e fhèin agus an t-each, le deagh thaod-gaoisid a chur ann an ceann an eich, agus deise de chlò brèagha Gàidhealach air fhèin, agus chaidh cruidhean airgid a chur fo chasan an eich. Agus chan urrainn mi ràitinn gu dè seòrsa dìollaid a bh' aige.
Ach co-dhiù, dh'fhalbh e leis an each a ghleidheadh a' ghill. Agus nuair a chunnaic na bha de dh'uaislean aig taigh Mhic a' Phì Cholbhasaigh a' tighinn e, thòisich feadhainn dhiubh air magadh air an each a bha aige. Ach bha feareigin sa chuideachd air chaochladh beachd agus thuirt e:
"Coma leibh," ars esan. "Tha Ailean beag a' chridhe mhòir air tighinn agus cha sheas e a-mach mar ghealtair agus chì sibh sin."
Thàinig Ailean agus an t-each, agus nuair a bha e a' dlùthachadh gu math ris a' chachaleith, thug e deagh spor dhan each le ceann an taoid agus leum an t-each suas, agus chaidh e tarsainn air a' chlisnich chun an taobh eile, agus bha an geall air a ghleidheadh aige.
Agus nuair a chunnaic Mac a' Phì Cholbhasaigh dè seòrsa duine agus a ghlèidh an geall, agus an seòrsa eich a bh' aige, 's ann a bha e fuathasach diombach. Agus thug e aghaidh do Mhac 'ic Ailein - 's dòcha nach robh fhios aige gur e fear dhiubh a bh' ann - airson a dhol a dh'fheuchainn air a leithid a rud idir.
"Ò," arsa Mac 'ic Ailein ris, "chan fhacas òr riamh nach bristeadh an t-airgead," ars e fhèin.
Agus ged a ghlèidh Mac 'ic Ailein an nighean, cha ghabhadh e nighean Mhic a' Phì Cholbhasaigh an uair sin, agus 's e sin tàmailt bu mhotha a bh' anns a' chùis. Agus cha robh aig a' chòrr dhe na daoine a bha cruinn de dh'uaislean ach sgaoileadh air falbh dhachaigh agus bha an geall an dàrna taobh.

Cruth Inneal a' Chlàir
Wire
Càileachd an Fhuaime
Math